FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Welcoming Agnes and Gilleasbuig A' cur fàilte air Agnes agus Gilleasbuig

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

A' cur fàilte air Agnes agus Gilleasbuig

[Ùisdean] Dh'fhaodadh nach bi sinn càil nas foghlamaichte aig deireadh an t-sreath seo, ach tha sinn an dòchas gun toir sinn gàire oirbh agus gun glac sibh facal, no abairt, anns an dol seachad. Còmhla rium, tha dà bhuidheann de “ghilonies”, no eòlaichean is tha iad fhèin ag ràdh, gu bheil iad nas fiosraichte air faclairean na tha a’ chuid as motha de dhaoine. Seo iad, ma-thà, na sgiobaidhean. Agus air mo làimh-chlì an toiseach, an sgiobair, Iain MacIlleMhìcheil. Faisg air dà fhichead bliadhna de chraoladh ann an Gàidhlig agus cha do dh'fhàs duine sgìth…

[Iain] Ò, uill, cùm ort, stiall ort!”

[Ùisdean] …cha do dh'fhàs duine sgìth dheth fhathast. Cha mhò tha daoine air fàs sgìth le bhith ga èisteachd.

[Iain] Agus cha leigeadh iad leas a bhith cur ‘flare’ dhan choimpiutair aca, o chionn ’s e sin a bha thusa a’ cleachdadh a’ chiad turas a chuir mi eòlach ort, bha iad cho leathann sin na ‘flares’ a bh’ ort.

[Ùisdean] Chan eil càil ceàrr air an sin…

[Iain] Cuimhne agam. ’S ‘platforms’!

[Ùisdean] A rèir coltais, nuair a bha Iain anns an oilthigh ged-thà, bha e gu mòr an sàs anns a’ Chomann Oiseanach. Agus bha e cuideachd anns a’ chiad shreath de dh’Aibisidh còmhla ri Fionnlagh Dòmhnallach. Bithibh cho modhail, Iain, riumsa ’s bheir thu an ceart uimhir de spèis dhomh ’s a bha thu a’ toirt do Fhionnlaigh.

[Iain] Gu dearbha fhèin e. Gu dearbha fhèin. Tha thu nas sine na mise, cuimhnich.

[Ùisdean] Bidh thu gu math modhail. Còmhla ri Iain an turas seo ma-thà, Agnes Rennie MBE. Fhuair i molt bann eireachdail on Bhànrigh. ’S ann à Ghabhsainn, ann an Nis, Nis, ann an Eilean Leòdhais, ’s ann às an sin a tha Agnes agus nan dèanadh tu càirn de na buidhnean oifigeil anns a bheil i air a bhith an sàs, bhiodh e cho àrd ris a’ Chliseam. Tha i am measg fichead rud eile, tha i na comhairliche airson Sgìre Nis, a’ riochdachadh a’ Ghuga air Comhairle nan Eilean Siar. Chan eil cunnart sam bith ann ged-thà gum fàg Agnes Eilean Leòdhais an dèidh dhi deagh acaire a chur sìos. Agus a bharrachd air a h-uile càil eile, tha i gu mòr an sàs ann an croitearachd. Agus ’s aithne dhi an diofar eadar dà cheann eich agus tairbh an AI. Tha thu gu math, Agnes?

[Agnes] Tha mi gu math, tapadh leat. Chan eil fhios ’am dè cho dòigheil ’s a tha mi às dèidh siud a chluinntinn bhuat fhèin, ach, eh, tapadh leat.

[Ùisdean] Tha mi cinnteach gum faigh thu facal air ais orm mus bi am prògram a-mach!

[Agnes] Nì mi mo dhìcheall.

[Ùisdean] Tha mi cinnteach gun dèan thu sin. Air mo làimh dheis ged-thà, Màiri-Anna NicDhòmhnaill à Eilean Bheàrnaraigh. Nise, tha Màiri-Anna air an earrainn mhath den saoghal-cosnaidh aice a chur seachad ag obair le briathrachas ann an iomadach raoin, eadar seòmraichean-naidheachd Reuters agus anns a’ BhBC. Tha fìor eòlas aig Màiri-Anna air diofar chànanan, leithid Ruiseanais, agus tha i ceart cho eòlach air prìsean ann am bùithtean, leithid Marks, ASDA, Waitrose, ’s a tha i air pàtrain-fighe. Ciamar a tha… Càit an do dh’fhàg thu na prìnean, co-dhiù a Mhàiri-Anna?

[Màiri-Anna] Na prìnean?

[Ùisdean] Na stocainnean?

[Màiri-Anna] Uill, tha iad shuas na staidhre, ach, eh. An ath-sheachdain, ’s dòcha?

[Ùisdean] Bidh dùil agad lùb no dhà a chur ann?

[Màiri-Anna] ’S dòcha gum bi iad agam ann an seo.

[Iain] Ò, math dha-rìribh!

[Ùisdean] Bhiodh sin feumail. Uill, còmhla ri Màiri-Ann a-nochd, a’ cumail taic rithe, Gilleasbuig Fearghastan. Fìor chonadal - leth-Leòdhasach, leth-Uibhisteach agus leth-Sgitheanach, tha e fhèin ag ràdh. Tha ceum aige ann am bith-eòlas agus tha ùidh mhòr aige ann an fiadh-bheatha agus beathaichean agus lusan. Fàgaidh sinn air leth-chois ann an seo e. Tha cuimhne mhath aige ainmean a h-uile rud a tha beò, ach na faighnich dha-san càite an do dh'fhàg e iuchraichean a’ chàir o chionn ghoirid. Le sàthachadh ann an thesaurus Gàidhlig tha e ag ràdh gun robh sin tlachdmhor, cailear, cneasta, taitneach, ciatach, laghach, sòlasach, snog agus sàraichte. An d’fhuair thu seachd air, a Ghilleasbuig?

[Gilleasbuig] Fhuair. Fhuair. ’S e, ’s e fìor fosgladh sùla a bh’ ann.…

[Ùisdean] Ach cuireadh tu gu feum sin a-nochd?

[Gilleasbuig] Tha mi an dòchas gum bi e feumail dhomh agus tha mi toilichte gu bheil an aon sgiobair le tùr agamsa.

[Màiri-Anna] Tha. Tapadh leat, a Ghilleasbuig.

[Ùisdean] Sgiobair. Sgiobair le tùr air mo làimh dheis.

[Agnes] Tha mise gu math dòigheil leis an sgiobair a th' agam fhèin.

[Iain] Tha. Agus tha mise gu math dòigheil leis an sgioba agamsa.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!