FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Eviction and emigration Fuadach is eilthireachd

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Sheinn am Bàrd Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Sheinn am Bàrd

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Fuadach is eilthireachd

[Preseantair] Tha mealladh a’ nochdadh ann an iomadach dòigh nar saoghal. B’ e an naoidheamh linn deug gu sònraichte, linn na h-eilthireachd air a’ Ghàidhealtachd. Bhrosnaich seo faireachdainnean làidir a ghluais na bàird gu mealladh a thogail mar chuspair. Gu h-àraidh mealladh a chaidh a dhèanamh air a’ mhòr-shluagh leothasan a bha ann an ùghdarras.

[Preseantair] Dh’fhàg fuadach is eilthireachd làrach mhaireannach air a’ Ghàidhealtachd. Anns an naoidheamh linn deug, nochd uachdarain ùra a bha meas prothaid air thoiseach air còraichean dhaoine. Anns an òran Luchd is Spòrs, tha am bàrd Leòdhasach, Iain Mac a’ Ghobhainn, Bàrd Sheisiadair a’ toirt ionnsaigh air an atharrachadh seo.

[An t-Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh] Tha òran Luchd is Spòrs mu dheidhinn an rud a thachair dha na daoine, daoine air an cur às an fhearainn airson spòrs a thoirt a-steach agus a’ bruidhinn ri Alba ‘s a’ cantainn nach eil cliù cheart aice ri bhith ag iomradh oirre bhon gun chuir i ri falbh, gun chuir i a’ chlann far a bhroillich a’ dèanamh àite do bhodaich air thuradh thruaillidh.

Chaidh am prògram seo, Sheinn am Bàrd, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!