FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New words Faclan ùra

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Faclan ùra

[Ùisdean] Uill, na cuairtean a-nis an dèidh na cuairt a tha sin, tha mi toilichte innse dhuibh gu bheil sibh co-ionann aig a dhà an urra, agus tha sin airidh air “yay” a bheannachadh. Uill, tha sibh uile eòlach gu leòr air faclan ùra ann an Gàidhlig, ged nach tuigeamaid iad ’s dòcha uaireannan. Uaireannan eile chan eil annta ach seann fhaclan air an cleachdadh às ùr, ’s nì sinn ar dìcheall an suidheachadh sin a leasachadh dhuibh anns a’ chuairt a tha seo. ’S dòcha. Agus chì sinn dè an t-alt a th' aig na sgiobaidhean an uair sin cuideachd, air na jackenfilisters. Agus seo na fuaimean a bhios aig na sgiobaidhean nuair a gheibh iad dà phuing airson gach freagairt a tha ceart, bonus ann an siud ’s ann an seo, agus ma tha am freagairt ceàrr thèid e a-null chun taoibh eile. Seo na fuaimean ma-thà, an “jackenfilisters” aig Màiri-Anna ’s e aiseag Bheàrnaraigh a tha siud.

[Màiri-Anna] Ceò sa chaolas.

[Ùisdean] An do chaill sibh aiseag Bheàrnaraigh a-riamh? Siud a chluinneadh tu nam biodh tu air a call , co-dhiù…

[Gilleasbuig] ’S e.

[Ùisdean] Agus air an taobh seo, aig Iain MacIlleMhìcheil…

[Iain] Fuaim a tha gu math cumanta againn ann an Ìle…

[Ùisdean] Agnes, a bheil thu ag aithneachadh…

[Agnes] Uh, eh, gèadh…

[Ùisdean] “Gèadh”. Na geòidh ann an Ìle. Sin ma-thà na fuaimean a th' againn air an jackenfilisters. Agus feuchamaid ma-thà air a’ chiad fhacal ùr, ‘s e a’ chiad fhacal a th’ agam - “smachd-bhannan”. “Smachd-bhannan”. Laighibh air na jackenfilisters.

[Iain] Ò, bidh fios aig Gilleasbuig.

[Gilleasbuig] Sin agad…

[Ùisdean] Mìneachadh ann an Gàidhlig, ma thèid agad air.

[Gilleasbuig] A bhith a’ cur stad air bathar a bhios a’ dol o dhùthaich gu dùthaich eile.

[Ùisdean] Dè gun glasadh, no dùnadh an doras?

[Gilleasbuig] ’S e.

[Ùisdean] Facal Beurla?

[Gilleasbuig] Chan urrainn chan urrainn. Chan eil a’ Bheurla a’ tighinn thugam idir. Chan eil a’ Bheurla agam…

[Ùisdean] “Sanctions”. “Sanctions”. Uill, bheir sinn dà chomharra do Mhàiri-Anna is Gilleasbaig airson sin fhaighinn. An ath-fhacal ma-thà, feuchaibh air na jackenfilisters - “lorg-carboin”. Air an taobh seo a-rithist.

[Gilleasbuig] Mar “carbon footprint”.

[Ùisdean] “Carbon footprint?” An cuir thu Gàidhlig air “carbon footprint” idir?

[Gilleasbuig] Nuair a bhios tu a’ coiseachd tron taigh le tuil.

[Ùisdean] A’ cur a-mach an teine?

[Gilleasbuig] Sin e. A’ cur a-mach luath sa mhadainn. Bidh carbon footprints a-tighinn a-steach.

[Ùisdean] Tha mi a’ smaoineachadh gun toir mi dhut a dhà airson sin, a Gilleasbuig.

[Iain] Agus, tha fios gun toir thu puing dhuinne, seach gun do dh’ fhàisg sinn am putan.

[Ùisdean] Feuchaidh sinn a-rithist, leis an fhear eile ma-thà. Seo an ath-fhacal - “sròn-adharcach”. Ò, gu sealladh orm!

[Gilleasbuig] Beathach mòr a gheibh thu ann an Afraga. “Rhinoceros”.

[Ùisdean] “Rhinoceros”. Beathach mòr ann an Afraga. Tha mise a’ smaoineachadh gum feum sibh dìreach ur làmh a chumail air.

[Iain] Mar a tha iadsan a’ dèanamh!

[Ùisdean] Tha sinn a’ dol a dh'fheuchainn aonan eile agus gabh air…

[Iain] Cha leig thu leas, bidh e doirbh ri threòladh.

[Ùisdean] Facal no dhà eile ma-thà. Iain, ma-thà…

[Iain] “Bann-leathann”. Uill, ’s e sin an rud air a bheil a h-uile duine a’ bruidhinn…

[Ùisdean] Dè seòrsa gèadh a tha sin, Iain? Innse dhomh.

[Iain] Gèadh gu math luath a th’ ann!

[Ùisdean] Stadaidh sinn a-nise. “Bann-leathann”?

[Iain] Tha a h-uile duine ga iarraidh. Mar as luaithe, ’s ann as fheàrr.

[Ùisdean] Mar as luaithe, ’s ann as fheàrr. “Broadband” a th’ air na “computers” againn. Aonan eile, dà phuing gu Iain McIlleMhìcheil an turas-sa. “Cùl-bheingear”. “Cùl-bheingear”? A Mhàiri-Anna?

[Màiri-Anna] Fear a tha sa Phàrlamaid agus cha do ràinig e ìre mhinisteir no rùnaire, tha e dìreach air na beingean-chuil…

[Iain] ’S dòcha gun do ràinig e, agus…

[Ùisdean] Beingean-cùil. “Backbencher” a th’ ann. Dà phuing do Mhàiri-Anna is do Ghilleasbaig. Fear eile a-nis’, facal, facal eile. Aon eile - “spèileadair”, ann an càbhaig. [fuaim] Gèadh…

[Agnes] “Skater”. Bidh iad air falbh le spèile-bord.

[Ùisdean] Spèile-bòrd. Spèile-bòrd…

[Ùisdean] Seo a-nis.

[Iain] Am bi thu fhèin air falbh air spèile-bòrd?

[Ùisdean] Feumaidh gu bheil raon-spèilearachd agaibh ann an Nis!

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!