FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Proverbs Seanfhaclan

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Seanfhaclan

[Ùisdean] Seanfhaclan a-nis agus tha mi a’ dol a dh'iarraidh air na sgiobaidhean crìoch a chur air seanfhaclan Gàidhlig. A’ chuairt seo, dìreach mar a bha cuid againn a’ dèanamh, tha mi cinnteach, nuair a bha sinn a’ dol tron fhoghlam ’s na deuchainnean anns na sgoiltean. Faodaidh sibh a bhith a’ còmhradh nur measg fhèin mus freagair sibh, ach ma tha sibh ceàrr no gu bheil a’ chùis a’ faileachadh oirbh, tionndaidhidh mise a-null chun taoibh eile e. Dà phuing airson freagairt a tha ceart agus bonus no dhà, ma thogras mi fhèin co-dhiù. Chì sinn dè thachras. Tha a’ chiad seanfhacal againn an sin, ma-thà, agus tha i a’ dol gu Iain MacIlleMhìcheil - an cuir thu crìoch air an siud?

[Iain] Chan eil, chan eil mi airson aithne a chur air.

[Ùisdean] “Am fear nach fhosgail a sporan…”

[Iain] Chan eil thu airson aithne a chur air?

[Ùisdean] Chan eil thu airson… Uill, chan e. ’S dòcha nach biodh . ’S dòcha nach biodh , ach chan e sin am freagairt a tha sinn ag iarraidh.

[Iain] Am fear nach fhosgail a sporan, tha e gu math dlùth!

[Ùisdean] Chan fhaigh e… Uill, tha sin cinnteach.

[Iain] Gu dearbha, chan fhaigh!

[Ùisdean] Tha sin deimhinne.

[Màiri-Anna] “…cha bhi caraid aige”?

[Ùisdean] Feuch aon turas eile? Chan eil e agad, a bheil?

[Gilleasbuig] Em, nach fhosgail sporan…

[Ùisdean] “Am fear nach fhosgail a sporan…”

[Iain] Agnes, a bheil beachd agad?

[Ùisdean] Iain?

[Gilleasbuig] Bu chòir dha gun a bhith a’ cumail superglue sa sporan aige!

[Iain] Uill, eh…

[Ùisdean] “Superglue” anns an sporan? Bidh e gu math dlùth cuideachd.

[Iain] Bidh e gu math aonaranach?

[Ùisdean] Uill, bhiodh, ’s dòcha ach chan e. Feumaidh mi ur cuideachadh. ’S e am freagairt - “… fosglaidh e a bheul.” Feuchamaid fear eile, ma-thà! Feuchaidh sinn fear eile. Gu sgioba [Màiri-Anna] “Phòs mi luid airson a cuid…”

[Gilleasbuig] Ò, tha mi eòlach air seo. “Dh'fhalbh a cuid, ach dh'fhuirich an luid.”

[Ùisdean] Uill, tha e an ìre mhath agad. “Dh'fhalbh a cuid, ach dh'fhan an luid.” Sin e.

[Iain] Nach e a tha.

[Agnes] Semantics.

[Ùisdean] “Dh'fhalbh a cuid, ach dh'fhan an luid.” Dà chomharra do Mhàiri-Anna agus do Ghilleasbuig a-nis.

[Iain] Ò, uill, tha thu gu math fialaidh a-nis, Ùisdean.

[Ùisdean] Nise. Tha seo caran eadar-dhealaichte. Rud beag eadar-dhealaichte, am fear seo. “Leathaineach gun bhòst; Dòmhnallach ‘rudeigin’” agus an uair sin, tha sinn a’ toirt nan Caimbeulach a-steach air a’ chùis, Iain agus Agnes, “Caimbeulach gun…”

[Iain] Dòmhnallach… An ann againne a tha e?

[Gilleasbuig] An e “gun” a th’ ann, le Dòmhnallach?

[Ùisdean] ’S ann aig Iain a tha an toiseach… Dìreach an dà bheàrn, dà bheàrn bhàn an sin a tha mi ag iarraidh a lìonadh.

[Iain] “Dòmhnallach gun chiall, agus Caimbeulach gun aire”?

[Ùisdean] Uill, chan e buileach. Deagh oidhirp, chan eil fhios a’m. Deagh oidhirp.

[Gilleasbuig] Tha rudeigin, tha…

[Ùisdean] Smaoinich air fhad ’s a tha an fheadhainn seo a’ feuchainn air.

[Màiri-Anna] “Dòmhnallach gun olc…”

[Ùisdean] Dòmhnallach gun olc? Tha sin doirbh a chreidsinn. Tha…

[Màiri-Anna] Agus “Caimbeulach gun chogais”.

[Ùisdean] “Caimbeulach gun chogais”? Uill, tha sin furasta gu leòr a chreidsinn!

[Gilleasbuig] An e “Caimbeulach gun àrdan”?

[Ùisdean] Chan e! Uill, gun mhòr-chuis. Gheibh, gheibh, tha Gilleasbuig a’ faighinn puing airson “mhòr-chuis”.

[Iain] Agus tha e a’ faighinn taic!

[Ùisdean] Uill, seallaidh mi, seallaidh mi dhuibh an còrr dheth - “Leathaineach gun bhòst; Dòmhnallach gun tapadh; Caimbeulach gun mhòr-chuis.”

[Màiri-Anna / Gilleasbuig] “…gun tapadh”.

[Ùisdean] Uill, bha thu faisg air. Bha thu cho faisg air, a Ghilleasbuig.

[Gilleasbuig] Seo rudan a tha gu math annasach, an e?

[Ùisdean] Uill, tha iad gu math annasach. Feuch am fear seo, ma-thà, a Mhàiri-Anna ’s [Gilleasbuig] “Is fheàrr a bhith leisg gu ceannachd…” Dè mar a chuireas sibh crìoch air?

[Màiri-Anna] …na cabhagach gu caitheamh?

[Gilleasbuig] “Is fheàrr a bhith leisg gu ceannach…”?

[Ùisdean] Chan e, chan e buileach. “Is fheàrr a bhith leisg gu ceannach na…”?

[Gilleasbuig] An e, a bhith… eh?

[Ùisdean] Deagh oidhirp a bha sin, a Mhàiri-Anna, ach…

[Màiri-Anna] “Cabhagach gu cosg”?

[Gilleasbuig] “…na bhith rag gu pàigheadh”, no rudeigin mar sin?

[Iain] ’S e.

[Ùisdean] Tha thu gu math faisg air. Tha thu cho faisg air. Chan e “rag”, ’s e “righinn ”…

[Iain] Na bi fada gun phàigheadh, an e?

[Ùisdean] “…righinn gu pàigheadh”.

[Gilleasbuig] À! Am faigh mi puing airson sin?

[Ùisdean] ’S e “…righinn gu pàigheadh”. Nise, bheir mi dhut “bonus” ma dh'innseas tu dè tha e a’ ciallachadh. Cuir ciall air dhomh. Dè tha, dè tha air cùl an t-seanfhacal?

[Gilleasbuig] Uill, tha b’ fheàrr gun a bhith cur a-mach airgead mur eil thu deònach, mura h-eil thu deònach…

[Ùisdean] Chan eil thu a’ ciallachadh leisg a’ ceannachd leabhraichean, mar eisimpleir?

[Iain] Ò gu dearbh, chan eil sin gu bhith a’ cur air, chan eil mi a’ smaointinn!

[Agnes] Gun a bhith a’ cosg airgead nach…

[Iain] Gun a bhith a’ cosg airgead nach eil agad.

[Gilleasbuig] Aidh, ma tha thu ann am fiachan.

[Ùisdean] Mar Comhairle nan Eilean, is a h-uile Comhairle a th’ ann. Tha sibh a’ cosg airgead nach eile agaibh.

[Màiri-Anna] Feumaidh daoine airgead a chosg nach eil aca…

[Ùisdean] Uill, chan eil Màiri-Anna a’ cosg airgead nach eil aice, co-dhiù.

[Iain] Creididh mi sin!

[Ùisdean] Tha i cho beairteach ‘s nach eil sin a’ tighinn a-steach oirre.

[Agnes] Cha leig i leas sin a dhèanamh!

[Gilleasbuig] Ann an saoghal nan cairtean-creideis…

[Ùisdean] Co-dhiù, sin na seanfhaclan. Tha còig puingean, còig air an taobh seo, agus an creideadh sibh, gu sealladh ormsa, neoni air an taobh seo!

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!