FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Calum cleans up a burn Tha Calum a’ glanadh allt

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Tha Calum a’ glanadh allt

[Calum] Halò, tha mi an-dràsta nam sheasamh ann an allt. Allt a’ Mhuilinn faisg air an taigh agam ’s tha plana agam ceàrn seo, ’s dòcha trì cheud meatair, den allt a ghlanadh. Tha seo agam agus baga agam. Nuair a lìonas mi sin, bidh mi deiseil. Tha toll na mo bhòtann, chuir mi teip thairis air, ach chan eil mi cinnteach an dèan e a’ chùis.

[Calum] Spring mòr air choireigin? Chan eil càil a dh’fhios a’m.

[Calum] Seall sin, chan eil e ro dhona!

[Calum] Tha an t-uisge nas doimhne na bha mi an dùil ann an cuid de dh’àitichean agus an cunnart a dhol thairis air mo bhòtannan.

[Calum] Fònaichean-cluaise.

[Calum] Seall an sin, seann fòn-làimhe, chan eil fònaichean mar seo air a bhith mun cuairt airson bliadhnaichean a-nise.

[Calum] Hmm, tha iad fuar ach tha iad fhathast bog.

[Calum] Cha bhi an eucoireach ro fhada air falbh...

[Calum] Seall air seo, pìos de sheann einnsean no rudeigin air choireigin agus tha cuideigin dìreach air a thilgeil a-staigh an seo.

[Calum] Gu fortanach, le tòrr dhe seo thèid agam ath-chuairteachadh a dhèanamh.

[Calum] Sin mo bhaga nise làn, agus cha do chuir mi fiù ’s crìoch air mo chuairt. Cha robh ceum a ghabh mi anns nach robh sgudal air choireigin ri fhaicinn.

[Calum] Tha tòrr sgudail ann fhathast ach cha robh rùm agam airson a h-uile càil agus ’s e co-dhùnadh cuideigin a th’ ann stuth a thilgeil air falbh, a bhith ro leisg no gun urram dhan àite agus cha dèanadh sibh nur gàrradh fhèin e, carson a tha thu ga dhèanamh an seo?

[Calum] Deagh naidheachd, ’s dòcha, tha spaid ùr agam.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!