FaclairDictionary EnglishGàidhlig

This is not a normal trip to the shops Chan e turas àbhaisteach dha na bùithtean a tha seo

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Chan e turas àbhaisteach dha na bùithtean a tha seo

[Iain] Madainn mhath. Tha sinn air ar slighe dha na bùithtean an-diugh ach chan e, caran, turas àbhaisteach dha na bùithtean a th’ ann.

[Iain] Tha sinn a’ dol ann às leth banca-bìdh, carthannas Humans MCR.

[Iain] Rachel, Lewey, what’s this?

[Lewey] This is our weekly shopping trip, to various supermarkets and wholesalers across Greater Manchester. With any luck we’ll be able to spend about two thousand pounds today but that will depend on the stock levels that we face in the supermarkets that we go to so wish us luck!

[Iain] Bidh iad a’ sgaoileadh mu dhà no trì tunna de bhiadh gach seachdain, ag obair gu dìcheallach aig gach ìre dhen a’ phròiseas.

[Iain] ‘S e Lewey agus Rachel fhèin a chuir an carthannas air dòigh agus tha iad rim moladh airson an cuid saothair agus an co-fhaireachdainn. Cho luath ’s a thàinig an lockdown, le bancaichean-bìdh dùinte, chuir iad an oidhirpean a dh’ionnsaigh a bhith a’ cumail biadh ris an fheadhainn aig a bheil cruaidh fheum air.

[Iain] ’S e luchd saor-thoileach as motha a tha a’ cuideachadh, daoine air fòrladh no daoine le barrachd ùine mar mi fhèin.

[Iain] Sin ma-thà a’ chiad turas dhan a’ bhùth, dà uair a-staigh dhan a’ bhùth ach chan eil sinn faisg air a bhith deiseil fhathast.

[Iain] Tha diofar dhaoine tron t-seachdain ag ullachadh nam bogsaichean agus tha sgioba eile a bhios a’ dol gu na dorsan leatha gach latha.

[Iain] Covid ann no às, tha e doirbh smaoineachadh gur e seo ar saoghal. Pailteas aig cuid agus feadhainn eile air fhàgail acrach.

[Iain] Fiù ’s anns a’ char pàirc an-diugh, bha boireannach agus thàinig i gar faicinn agus dh’fhaighnich i dè bha sinn a’ dèanamh agus thug i dhuinn airgead airson a’ charthannas

[Iain]’S i ag ràdh tha ise air a bhith a-staigh dusan seachdain agus mura b’ e sin, bhiodh i air cuideachadh. Mar sin, seo dhuibh airgead airson a chur a dh’ionnsaigh biadh do dhaoine eile. Agus a dh’aindeoin cho duilich, cho doirbh ’s a tha e, agus cho eagallach ’s a tha e do dhaoine, gu bheil a leithid a’ tachairt, daoine a’ tighinn còmhla, daoine deònach, daoine a’ toirt na ‘s urrainn dhaibh, tha sin na mhisneachd, tha mi smaoineachadh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!