FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Make an origami butterfly Dèan dealan-dè origami

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Dèan dealan-dè origami

[Shannon] Halò a h-uile duine, is mise Shannon. An t-seachdain sa chaidh rinn mi bhidio airson A-Staigh. Rinn mi dealan-dè a’ cleachdadh origami agus tha tòrr dhaoine air a bhith a’ cur message thugam a’ faighneachd ciamar a rinn mi e. So, mur-eil pìos pàipeir ceàrnach agad, ’s urrainn dhut a’ faighinn A4 pìos pàipeir, cuir fold ann mar sin agus geàrr a’ phìos seo dheth. Ma tha thu ag iarraidh ’s urrainn dhut a’ cur dathan snog air no pàtran sam bith. Tha am pàipear agam, tha pàtaran air mar-thà so dèan deiseil agus nì sinn còmhla e.

[Shannon] Airson a’ chiad phàirt, paisg am pàipear agad ann an leth, ceithir tursan air gach taobh gus am bi e coltach ri rionnag.

[Shannon] Airson an ath phàirt, cuir dà crease sa phàipear gus am bi e coltach ri triantan.

[Shannon] An uair sin, air aon taobh dhen triantan, paisg na h-oiseanan suas – mar seo.

[Shannon] Air an taobh eile, cuir e bun-os-cionn agus paisg suas a-rithist e – mar seo.

[Shannon] Airson na pìos mu dheireadh, paisg e air leth agus sin agad e.

[Shannon] Tha còir gum bi e a’ coimhead mar dealan-dè a-nis!

[Shannon] Ok, so sin an dealan-dè agam deiseil.

[Shannon] Tha mi airson an fheadhainn agaibhse fhaicinn, cuir message thugam air Instagram aig @shannoncoll3.

[Shannon] Taing, tìoraidh!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!