FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Create a chest of flowers Cruthaich ciste-dhìthean

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Dreach Ùr (A new version). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Dreach Ùr

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Cruthaich ciste-dhìthean

[Shona] Tha an t-seann chiste dhrathairean agam ann a sheo agus tha mise a’ dol ga thionndaidh gu rud airson an taobh a-muigh, airson taobh a-muigh an taighe. Agus tha mi a’ dol a chur flùraichean is eile anns na drathairean. Tha e caran seann-fhasanta, feumach air beagan ùrachadh. Agus tha mi a-nis dol a chleachdadh sander ann a sheo. Tha mi a’ dol a chur miotagan orm dìreach airson gum bi greim nas fheàrr agam air. Agus tha mi dìreach airson sgrìobadh mun cuairt air airson ’s gun gabh am peant ris.

[Shona] Tha mi a’ smaoineachadh gur e a nì mi gun toir mi na drathraichean a-mach airson dìreach sandadh gu luath.

[Shona] Nis, tha tuilleadh ’s a chòir dust mun cuairt ’s mar sin tha mi a’ dol a chur masg orm agus gu sònraichte ma tha inneal nas motha agaibh ’s dòcha gum bi feum agaibh air seo bhon toiseach, mar a chì sibh air na jeans agam.

[Shona] Seo a-nist.

[Shona] Ten out of ten for style mar a chanas iad.

[Shona] Tha e a’ coimhead glè mhath, nach eil? Fiodh mar a tha e ach tha mi nist dìreach a’ dol ga ghlanadh gu luath airson ‘s gum bi e deiseil airson peant.

[Shona] Seo a-nist, uill tha mi deiseil airson peantadh, tha mi a’ dol a chur na miotagan orm agus tha mi air cùirtearan a chur air an làr ’s gun cùm e an làr ghlan. Agus ’s e peant airson taobh a-muigh a th’ agam. Tha sin chudromach, feumaidh am peant a bhith an aon… an seòrsa cheart. Wow, seall, purpaidh gu math soilleir. Tha mi dol ga thoirt shìos air a chùirtear agam agus tha mise dìreach a’ dol a pheantadh air an rud air fad, air na pìosan meatailt cuideachd. So, tha mi a’ dol a thòiseachadh.

[Shona] Tha mi cinnteach gu bheil cuid de dhaoine a-nist a’ smaoineachadh “dè tha i a’ dèanamh air am fiodh” ach an rud a th’ ann bha a’ chiste a bha seo a’ dol a dhol a-mach co-dhiù. Cha robh duine ga iarraidh so tha e math dìreach feuchainn air rud ùr a dhèanamh às.

[Shona] Sin a-nist a’ chiad chòmhdachadh ’s feumaidh mi fhàgail airson ’s dòcha dà uair gu fiù ’s ceithir uairean gus an tiormaich e. Bidh e feumach air còmhdachadh eile cuideachd ach tha e a’ coimhead gu math eadar-dhealaichte mar tha. Sin e!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!