FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The history of thousands of Gaels Eachdraidh nam mìltean Ghàidheil

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Eachdraidh nam mìltean Ghàidheil

[Dòmhnall] Ach chan e eachdraidh nan daoine mòra a-mhàin a tha seo idir. ’S e innte eachdraidh nam mìltean Ghàidheil air a bheil gann sgeul againn an-diugh.

[Dòmhnall] ’S ann air Eilean Grosse Île air Abhainn Labhruinn a chuir mòran aca cas air talamh an t-saoghail ùir an toiseach. Ionad eilthireachd agus stèisean quarantine, b’ e seo a’ chiad cheum air an t-slighe do chuid agus an ceum mu dheireadh do chuid eile.

[Dòmhnall] Bhuail a’ bhreac, fiabhras dubh, a' ghriùthlach agus cholera na mìltean eilthitirich bhochda a thàinig air tìr an seo. Tha na h-uaighean anns a bheil iad nan làighe air muin a chèile rim faicinn fhathast.

[Dòmhnall] ’S ann an seo a chunnaic fear à Eilean Cholbha, Murchadh MacIain, a bhean is cuid dhe theaghlach airson an turas mu dheireadh. Tha ise air a tìodhlacadh an seo am measg nan ceudan Ghàidheil eile.

[Dòmhnall] Fiù ’s mus do ràinig iad bha iad air corp a’ bhalaich bhig aca, Alasdair, fhaicinn ga thilgeil le cliathach na soithich. Chaidh feadhainn eile den chloinn a thoirt a dh’ospadal ann am Montreal. Nuair a dh’fhàs Murchadh fhèin na b’ fheàrr chaidh esan gan lorg.

[Dòmhnall] Bha a mhac Dòmhnall marbh mus do ràinig e. Sgrìobh e a-rithist dhachaigh a Cholbha gu a bhràthair ag innse mar a chaidh e a-steach a dh’aon ospadal a dh’fhaicinn nurs a’ toirt corp leanaibh à leabaidh. “Thug mi sùil air a’ chorp”, ars esan, “agus cò bh’ ann ach Iseabail bheag agam fhìn”.

[Dòmhnall] Tha na ceudan sgeulachdan eile a cheart cho dòrainneach rin innse. Tha co-dhiù lorg air eachdraidh teaghlach Cholbha. Tha cuimhne orra fhathast. Chan eil sgeul dè thachair dhan chuid mhòr. ’S dòcha anns na prògraman-sa gum faigh sinn beagan tuigse air na thachair dhaibh agus gun cùm sinn cuimhne.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!