FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new life for a piece of furniture Beatha ùr do phìos àirneis

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Dreach Ùr (A new version). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Dreach Ùr

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Beatha ùr do phìos àirneis

[Shona] Tha dà chòmhdachadh de pheant air a dhol air ’s tha e air tiormachadh gu math cuideachd agus tha mi dìreach deiseil a-nist airson nan lusan a chur a-staigh. Tha mi air tuill a chur ann am bonn gach drathair le drill dìreach airson ’s gu faigh uisge a-mach oir chan eil mi ag iarraidh gum bi caran cus uisge a’ cruinneachadh anns na drathairean. Tha mi a’ smaoineachadh gum fàg mi ’s dòcha a’ chiad dhrathair no dhà airson innealan ’s rudan mar sin. Bidh sin gu math feumail agus cuiridh mi flùraichean anns na trì dhiubh seo. Ach ’s e na tha mi a’ dol a chleachdadh ach bagaichean agus tha mi a’ dol a chur an ùir a-staigh anns na bagaichean a tha seo.

[Shona] Tha mi a’ dol a chur toll no dhà anns na bagannan cuideachd dìreach airson ’s gu faigh uisge a-mach.

[Shona] Glè mhath, tha mi a’ dol a dhèanamh an aon rud a-nist air an dà dhrathair eile a th’ agam fosgailte ann a sheo, cuiridh mi an clach a-staigh an toiseach.

[Shona] Tha mi a’ cur clach throm ann an cùl gach drathair gus nach tuit iad a-mach.

[Shona] Tha mi an uair sin a’ lìonadh nam pocan le ùir.

[Shona] Uill, tha mi deiseil a-nist airson nam flùraichean a chur a-staigh agus tha deagh roghainn de dhiofar dathan agam ann a sheo. ’S dòcha nach bi feum agam air a h-uile fear de sin ach chì mi dè seòrsa dòigh ’s a chuireas mi staigh iad. ’S dòcha gun tòiseachaidh mi aig a’ bhonn leis a’ bhuidhe, tha mi a’ smaoineachadh.

[Shona] Tha mi dìreach airson a bhith cinnteach gum faic sinn na flùraichean a’ tighinn a-mach às an drathair mar sin agus tha rùm ann airson ’s dòcha aon fhear eile.

[Shona] Nise dh’fhaodadh tu flùraichean no lusan sam bith a chur a-staigh. Bhiodh fiù ’s luibhean gu math snog ’s an uair sin tha iad agad airson a chleachdadh ’s a chidsin cuideachd.

[Shona] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil rùm aig a’ mhullach airson aon fhear eile. ’S fìor thoil leam an dath a th’ air an fhear seo. Fear bheag gorm no purpaidh. Shin agad e. Tha mi dìreach a’ dol a ghlanadh an ùir a-nist nuair nach eil mi ga iarraidh. Agus an rud mu dheireadh, dh’fhaodadh sibh flùraichean eile a chur air a’ mhullach, innealan a chur a-staigh ann an sin. Agus nach eil sin breagha? Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil co-dhiù. Tha mi gu math toilichte leis. Agus mar nach eil purpaidh a còrdadh riut, dath eile agus dh’fhaodadh sibh cuideachd pìos àirneis eile a chleachdadh ma tha seo ro mhòr no ma ’s e rud eile a th’ agaibh, dìreach dèan rudeigin a-mach às!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!