FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Create a bright lantern for a dark night Cruthaich lanntair breagha airson oidhche dhorcha

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Dreach Ùr (A new version). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Dreach Ùr

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Cruthaich lanntair breagha airson oidhche dhorcha

[Shona] Nis an toiseach tha an tiona agam ann a sheo agus tha mi air a ghlanadh agus am pàipear a thoirt dheth. Agus a-raoir chuir mi uisge ann ’s chuir mi dhan reothadair e thairis air an oidhche agus mar a chì sibh tha deigh a-nist ann agus tha sin a’ dol a chuideachadh airson a bhith a’ cumail an tion anns a’ chumadh seo fhad ’s a chuireas mi pàtran air. Agus tha mi a’ dol a chleachdadh marker, peann tiugh airson pàtran a chur air. Agus ’s e rionnagan air a bheil mise ag amas. Nist, uaireannan leis cho fuar ’s a tha an tion, bidh e a’ reòthadh a’ pheann. Mar sin tha mi dìreach a’ dol a chleachdadh pìos pàipeir gach mionaid no dhà airson a bhith cinnteach gu faic mi an loidhne ceart gu leòr. Ok ma tha, tha mi air rionnag a chur air mar sin agus ’s e tha mi a’ dol a dhèanamh ach le tàirng agus òrd dìreach tuill a chur ann aig gach corner mar gum biodh den rionnaig. Agus tha searbhadair agam ann a sheo cuideachd a tha a’ dol a chuideachadh a bhith a’ cumail an tion ann an àite ’s tha mi dìreach dol ga phasgadh mun cuairt air an tion. Agus a-nis le tàirng agus an òrd agam, tha mi dìreach ag iarraidh toll a chur a-staigh.

[Shona] Tha mi a’ toirt beagan ùine a bhith cinnteach gu bheil mi san àite cheart leis an tàirng oir tha e a’ gluasad mun cuairt ’s an uair sin nuair a tha mi ann, tha mi ga chumail ’s an òrd a chleachdadh. Tha e nas fheàrr dìreach beagan a bharrachd ùine a chosg aig an ìre seo. Dèan cinnteach gu bheil sibh anns an àite cheart.

[Shona] Agus ’s e tha mi a’ dol a dhèanamh a-nist ach dìreach a’ dol eadar an fheadhainn mhòra a tha sin agus nì mi tuill a tha dìreach rud beag na bu lugha, a’ cleachdadh an aon tàirng, mar a chì sibh, dìreach gun a bhith ga bhuaileadh an uimhir. Airson ’s gu faigh sibh toll a tha na bu lugha.

[Shona] Tha mi faisg air deiseil. Feuch gun dèan sibh seo caran sgiobalta oir chan eil sibh ag iarraidh air an deigh a bhith leaghadh no bidh e nas duilghe an cumadh a chur a-staigh.

[Shona] Seo a-nist. Tha mi air an deigh a thoirt a-mach às mar a chì sibh agus tha na rionnagan mun cuairt air an tion air fad. Agus tha clachan beaga ann a sheo a tha dìreach a’ dol a chur beagan cuideim ann an bonn an tion. Agus mar sin, ma tha e agad a’ crochadh air craobh no air balla, cha tèid e air falbh leis a’ ghaoith no sìon mar sin. Agus tha cuideachd uèir agam agus tha mi a’ dol a chur dìreach beagan dheth air airson ’s gun tèid againn air a chrochadh.

[Shona] Feuch ga ghearradh agus tha mi a’ dol ga chur tro na tuill a rinn mi anns na rionnagan dìreach mar seo so ’s dòcha chì mi dè an fheadhainn a dh’obrachadh.

[Shona] ’S dòcha thairis air a dhà dhiubh sin, mar sin an toll a tha sin aig mullach na rionnaige sin agus aig mullach am fear seo. Agus tha mi dìreach a’ dol ga chur a-staigh an dà tholl mar sin, shuas sa mheadhan agus an uair sin tha mi dìreach a’ dol gan tionndaidh mun cuairt air a chèile gus an cùm iad mar sin. Ach bidh faiceallach oir tha an deireadh dheth gu math geur. Agus pasgaidh mi e mar sin, a-rithist dìreach mun cuairt turas no dhà airson ’s gun cùm e glè mhath. Agus an uair sin, thèid againn air a chrochadh mar sin.

[Shona] Nist a-staigh leis an solas agus an uair sin tha mi an dòchas gun deàrrs seo a-mach tron an tion tro na tuill agus gum faic sinn na rionnagan gu math soilleir.

[Shona] Uabhasach fhèin àlainn.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!