FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A game with golf balls Gèam le buill ghoilf

A video with a transcription, translation and vocabulary from the programme ‘Dreach Ùr’ Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Dreach Ùr

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Gèam le buill ghoilf

[Shona] Tha seann bhuill goilf agam ann a sheo. Tha mi a’ dol a thòiseachadh dìreach le pàipear-gainmhich ’s tha mi a’ dol a sgrìobadh air feadh na buill.

[Shona] So, tha mi deiseil a-nist leis a’ phàipear-ghainmhich ’s tha mi a’ dol gam peantadh. Agus tha film clingeach agam ann a sheo ’s cuiridh mi na buill air a sin nuair a tha mi air am peantadh. ’S tha mi a’ dol a thòiseachadh le dearg, dìreach pìos bheag, agus ’s e dìreach peant acrylic a tha seo.

[Shona] Nist agus bidh feum agaibh ’s dòcha còmhdachadh no dhà no fiù ’s trì a chur air dìreach gus nach fhaic sibh an sgrìobhadh no an geal tron dath mar sin tha mi a’ dol ga pheantadh. ’S tha an clingfilm uabhasach handy, tha mi a’ dol ga chur sìos agus an taobh eile a dhèanamh shìos an sin.

[Shona] Tha bogsa ùighean feumail airson nam buill a chumail gun ghluasad fhad ’s a tha thu gam peantadh agus an stòradh nuair a tha iad deiseil.

[Shona] Sin a-nist, a’ chiad chòmhdachadh agus tha mi a’ dol a chumail orm a’ dèanamh an aon àireamh de gorm ’s an aon àireamh de dhearg airson ’s gum bi dathan co-ionnan. Tha mise a’ dol a chur dotagan air an fhear seo ann an geal. Tha mi dol ga chòmhdachadh air fad le na dotagan ’s an uair sin fàgaidh mi sin dìreach greiseag bheag, chan fheum e fada, ’s an uair sin tioramachadh ’s an uair sin thèid mi thairis air na dotagan a-rithist ann an geal dìreach airson ’s gun seas iad a-mach mar a tha mi ag iarraidh.

[Shona] OK ma-thà, tha mi deiseil le na dotagan agus tha mi a’ dol a dhèanamh am fear eile. Mar sin air a’ bhall ghorm, tha mi a’ dol a chleachdadh teip airson ’s gum bi loidhne dìreach agam anns a’ mheadhan. Seo a-nist, tha mi dìreach dol ga chur mun cuairt.

[Shona] Seo ma-thà, tha mi a’ dol a dhèanamh dìreach geal an toiseach airson ’s gun seas a’ bhuidhe a-mach mar a tha mi ag iarraidh. Agus cha toir e fada tiormachadh a-nist na pàtaranan agus an uair sin cuiridh mi còmhdachadh no dhà dhen bhuidhe air air muin an seo agus tha sin a tioramachadh a-nist airson greiseag bheag.

[Shona] So tha mi cuideachd a’ dol a dhèanamh cearcall air gach taobh nuair a tha an striop anns a’ mheadhan tioram. Tha mi dol ga fhàgail a-nist airson beagan mhionaidean.

[Shona] Tha mi a’ cur crìoch air na pàtrain air na buill air fad, spotan air an fheadhainn dhearg, striopan buidhe air an fheadhainn ghorm.

[Shona] Mar a chì sibh a-nist, tha còig de gach dath agam ann a sheo agus tha mi a’ dol a chur crìoch orra le beagan gleans agus bhàirnis a chleachdadh. Dèan cinnteach gun dèan sibh seo ann an seòmar anns a bheil adhar gu leòr no a dh’fhaodadh sibh gaothachadh airson a bhith cinnteach nach bi cus peant mun cuairt anns an adhar. ’S tha mise a’ dol a chleachdadh masg cuideachd.

[Shona] Seo a-nist, tha iad a’ coimhead glè mhath nach eil! ’S chì sibh na striopan air an fheadhainn sin agus na dotagan air iad sin agus tha mise smaoineachadh gum biodh iad glè mhath airson ’s dòcha geama a chluich ’s a’ ghàrradh, sealg a choireigin a dhèanamh no geama sam bith eile, dh’fhaodadh sibh geama a chruthachadh fiù ’s.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!