FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Shona’s Workshop – A chalk board Bùth-obrach Shona - Bòrd chailc

A video with a transcription, translation and vocabulary from the programme ‘Dreach Ùr’ Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Dreach Ùr

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Bùth-obrach Shona - Bòrd chailc

[Shona] Tha seann frèam[1] agam ann a sheo agus tha mi a’ dol a thòiseachadh le air an taobh aig a’ chùl. Tha mi a’ dol ga fhosgladh agus seo a thoirt às mas urrainn dhomh. OK So, tha am pìos fiodh’ aig a’ chùl agam, seo na tha mi a’ dol a chleachdadh airson a’ bhòrd-dubh a dhèanamh. Agus an toiseach tha mi dìreach a’ dol a chleachdadh pàipear-gainmhich dìreach airson ’s gum bi e deiseil airson peantadh.

[Shona] Chan eil feum agam air a’ ghlainne, ’s fheàrr dhomh a chur seachad gu faiceallach. Tha mi an uair sin a’ cur peant air an fhiodh a tha freagarrach airson bòrd-chailc, ga bhruisigeadh o thaobh gu taobh.

[Shona] Sin, tha mi a’ dol ga fhàgail airson uair no dhà gus an tiormaich sin ’s an uair sin nì mi còmhdachadh eile.

[Shona] Nist, tha mi a’ dol a ghlanadh a’ bhruis agam ’s an uair sin tillidh mi dhan a’ frèam. Agus ’s e tha mi a’ dol a dhèanamh ach am frèam a tha seo a chòmhdachadh le aodaich agus tha seann lèine agam. ’S e tha mi a’ dol a dhèanamh ach seo a chur a-mach air mo bhòrd agus tha mi a’ dol ga chur a-mach mar sin agus am frèam a chur air.

[Shona] Geàrraidh mi an aodach timcheall air a’ frèam, ga fhàgail dhà no trì òirlich nas motha air gach taobh.

[Shona] Tha mi dol ga ghearradh aig ceàrn mar gum biodh. Tha ’s dòcha ceudameatair ann a shin ‘s tha mi dol a dh’fhàgail mun aon seòrsa rud, ‘s dòcha pìos bheag a’ bharrachd na sin bhon chòrnair agus dìreach ga ghearradh mar seo.

[Shona] Seo a-nis, so tha mi air a ghearradh agus tha gunna-glaoidh agam ann a sheo. Tha mi a’ dol a chur dìreach beagan glaoidh anns a’ chòrnair ann a sheo. ‘S an uair sin, taobh seo a thoirt shuas agus dìreach sin a chur sìos air a’ ghlaodh gus an cùm e ann a shin. So pìos bheag glaoidh eile air muin far an robh sin agus an uair sin seo a phasgadh mun cuairt agus a-staigh mar sin airson ‘s gum bi còrnair math glan againn. Agus nì mi an aon rud shuas an seo. Nist, tha am bòrd agam caran salach mar a chì sibh ach thig sin far an aodaich gu furasta. Tha mi a’ dol a dhèanamh sin mun cuairt air na còrnairean air fad.

[Shona] Ma tha an t-aodach ro phailt, tha mi ga sgioblachadh leis an t-siosar agus a’ sticeadh sìos na ceithir taobhan le glaodh.

[Shona] Nist, tha mi a’ dol a dhèanamh an taobh eile ’s tha mi a’ dol a dhèanamh crois às a’ phìos aodaich seo, dìreach tòiseachadh anns a’ mheadhan. Ò, ma gheibh mi greim air, sin agad e. Agus, tha mi dìreach a’ dol a dhèanamh crois bho aon chòrnair dhan chòrnair eile mar seo. Bhon a’ chòrnair fhèin, agus an aon rud eadar an dà chòrnair eile. Glè mhath ma-thà.

[Shona] Agus airson dìreach gu leòr fhàgail, airson ’s gun urrainn dhomh an glaodh a chur ris shuas ann a sheo so feumaidh mi dìreach ’s dòcha gearradh shuas dhan chridhe sin. Tha mi dìreach a’ fàgail ’s dòcha mu òirleach no òirleach gu leth.

[Shona] Tha mi dìreach a’ dèanamh toll anns an aodach airson ’s gun tig na pìosan beaga meatailt a-mach oir tha mi feumach orra sin airson cùl an fhrèama a chumail a-staigh. Dìreach mar seo, dìreach snip beag ’s an uair sin tha e a’ tighinn troimhe.

[Shona] Bha mi dìreach airson dèanamh cinnteach gu bheil mi a’ cur an glaodh anns an àite cheart agus cuiridh mi loidhne shìos, dìreach loidhne air fad agus an uair sin bidh e … thèid agam air seo a chur sìos. Dìreach mar seo.

[Shona] Cuiridh mi dà chòta pheant eile air a’ bhòrd. Feumaidh mi an uair sin a chòmhdachadh le cailc mun bi e deiseil.

[Shona] Sin deiseil, bidh e beagan teann a-nist, dìreach às dèidh dhan aodach a bhith anns. Tha mi dìreach a’ dol ga putadh sìos air mo shocair. ’S a-nist cuiridh mi na pìosan seo shìos. Glè mhath!

[Shona] Agus airson sgeadachadh, tha mi a’ ceangal sreang mun cuairt air a’ mhullach agus a’ crochadh cnagan ris a chumas dealbhan no pìosan pàipear.

[Shona] Seo a-nist, deiseil. Rudeigin glè mhath airson seòmar nighinn no balaich ‘s dh’fhaodadh sibh aodach sam bith a chleachdadh an uair sin. Deiseil!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!