FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Welcoming Ishi and Dòmhnall Iain A’ cur fàilte air Ishi is Dòmhnall Iain

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Leugh Mi Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Leugh Mi

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

A’ cur fàilte air Ishi is Dòmhnall Iain

[Anna NicLeòid] Halò agus fàilte oirbh chun a’ chiad phrògraim de sreath ùr, Leugh Mi. Sreath far am bi mise, Anna NicLeòid, a’ còmhradh ri dithis aoigh gach seachdain mu na trì leabhraichean as fheàrr leothasan, co-dhiù, ‘s e uirsgeulan de gach gnè, bàrdachd, cunntasan-beatha no eachdraidh. Ach a bharrachd air an sin, tha mi an dòchas tro bhith a’ bruidhinn mu na leabhraichean gum faigh sinn barrachd a-mach mun dithis a tha nam chuideachd.

[Anna NicLeòid] ‘S e deasaich a tha còmhla rium an t-seachdain-sa à Barraigh agus à Èirisgeigh. Ishi NicIlleathain a tha air tilleadh a dh’ Alba às dèidh bliadhnaichean ag obair ann an Afraga. Bidh i ri sgrìobhadh agus ‘s dòcha gun aithnich sibh a guth cuideachd am measg caractaran cartunaichean chloinne. Fàilte chun a’ phrògraim, Ishi.

[Ishi NicIlleathain] Halò, mòran taing.

[Anna NicLeòid] Agus, còmhla rithe-se, tha Dòmhnall Iain Dòmhnallach a dh’ fhàg Èirisgeigh airson a dhol dhan oilthigh ann an Oxford agus a tha ag ionnsachadh ann an sin. Mar a tha eanchainn ag obair, is am measg rudan eile, tha e cuideachd na dheasaiche air iris ealain anns an oilthigh. Fàilte ort-sa cuideachd, a Dhòmhnaill Iain.

[Dòmhnall Iain Dòmhnallach] ‘S math a bhith an seo.

[Anna NicLeòid] Nise, a bharrachd air a bhith bruidhinn air trì dhe na leabhraichean as fhèarr leotha, tha an dithis aca air aon leabhar a thaghadh agus a mholadh dhan duine eile agus gheibh sinn a-mach nas fhaide air adhart anns a’ phrògram dè am beachd air roghainnean càch a chèile.

Chaidh am prògram seo, Leugh Mi, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!