FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A dog toy Dèideag choin

A video with a transcription, translation and vocabulary from the programme ‘Dreach Ùr’ Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Dreach Ùr

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Dèideag choin

[Shona] Nist bidh na coin a’ dol tro dhèideagan gu math luath mar sin tha mise a’ dol a shealltainn dhuibh dòigh dèideagan a dhèanamh gu saor a’ cleachdadh seann lèintean-t agus tha a dhà dhiubh agam ann an seo ann an dathan gu math soilleir. Agus an toiseach tha mi a’ dol gan gearradh ’s tha mi dol a chleachdadh an cùil oir tha barrachd aodaich air a’ chùl. Agus tha mi ag iarraidh cumadh ceart-cheàrnaich agus tha mi a’ dol a thoirt dheth na gàirdeanan agus cuideachd ga ghearradh nan amhaichan ann a shin. Tha mi smaoineachadh gum bi mòran seann lèintean-t aig daoine aig an taigh. Tha fhios gu bheil mise dona airson a bhith gan cumail bhon a h-uile seòrsa rud agus ma tha cù agad, tha seo glè mhath. No tha iad gu math saor a cheannach agus tha na bùthan carthannais glè math airson sin cuideachd.

[Shona] Feumaidh iad … seo air falbh!

[Shona] Nist, tha mi a’ dol a ghearradh striopanan às dhiubh seo. Tha mi ag iarraidh ’s dòcha dhà no trì òirlich agus an aon rud air an lèine-t eile. A-nist …

[Shona] Tha mi dol gan cruinneachadh ri chèile agus cuiridh mi snaidhm aig a’ mhullach airson a chumail làidir ri chèile. Seo a-nist, dìreach snaidhm gu math sìmplidh mar sin.

[Shona] Tha mi dìreach ga fighe ri chèile gu sìmplidh mar a dhèanadh tu mar falt mar gum biodh.

[Shona] Tha mi a’ feuchainn a dhèanamh caran teann, dìreach airson ’s gun cùm e ri chèile gu math. Seo a-nist, tha mi a’ dol a stad ann a shin agus fàgaidh mi gu leòr aig a’ bhonn airson crìoch a chur air agus tha mi a’ dol a chur bàlla air cuideachd oir tha fhios gu bheil iad seo a còrdadh ris na còin glè mhath. ’S tha mi a’ dol ga ghearradh ’s an uair sin cuiridh mi air a’ bhonn e.

[Shona] Tha e nas fheàrr teanchair a chleachdadh gus am bonn a chumail sàbhailte na àite fhad ’s a tha na tuill gan gearradh.

[Shona] Tha mi a’ dol a chleachdadh inneal mar seo, screwdriver, airson cuideachadh a thoirt dhomh.

[Shona] Cuiridh mi snaidhm anns an taobh seo dìreach airson crìoch a chur air agus airson a chumail teann. Dìreach mar sin!

[Shona] Seo a-nist ma-thà!

[Shona] Dèideag, luath, saor, airson nan con. Tha mi an dòchas gun còrd e riutha.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!