Bu toigh leam naidheachd à Ceap Breatainn innse dhuibh. Tha i a’ tighinn
    bhon chruinneachadh Sgeul gu Latha le Iain Seathach. B’ e an
sgeulaiche Eòs Nìll Bhig nach maireann agus fhuair esan i bho thè,    Bean Mhìcheil ʼic’Illeain. ʼS e an t-ainm oirre ‘An
    Oidhche a bha i a’ Sileadh na Lite’. Nì mi beagan nas giorra agus nas
    sìmplidh’ i.
    Bha banntrach ann agus cha robh aice ach aon mhac. ʼS e seòrsa de
    leth-ghloic a bh’ ann, ach bha e mòr is làidir. Chuir a mhàthair air falbh
    e gu margaidh le mart air ceann ròpa.
    Thachair e ri fear aig a’ mhargaidh. ‘Dè tha thu ag iarraidh air a’ mhart?’
    thuirt am fear eile.
    ‘O,’ ars an gille, ‘tha mi ag iarraidh rudeigin.’
    ‘Fosgail do làmh, ma-thà,’ ars am fear eile. Thilg e smugaid na làimh. ‘Seo
    rudeigin,’ thuirt e.
    ‘Agus seo am mart,’ fhreagair an leth-ghloic. Thug e ceann an ròpa don
    duine eile. Chùm e a dhòrn dùinte oir ʼs ann an sin a bha an ‘rudeigin’ a
    fhuair e.
    Air an rathad dhachaigh, bha a’ dol tarsainn allt nuair a shleamhnaich e.
    Nuair a thuit e don uisge, dh’fhosgail e a làmh agus dh’fhalbh an smugaid.
    Thòisich an gille air rùrach anns an allt, feuch am faigheadh e i. Aig an
    dearbh mhionaid thàinig ceannaiche-paca, no mar a chanadh iad ann am
    Beurla, peddlar.
    ‘Dè tha thu a’ dèanamh?’ thuirt am peddlar.
    ‘Tha mi a’ coimhead airson rudeigin,’ ars an gille.
    Dh’fheuch am peddlar ri faighinn a-null agus shleamhnaich esan
    cuideachd. ‘O, seo rudeigin,’ thuirt e gu h-aotrom.
    ‘Lorg thu mo rudeigin?’ thuirt an gille.
    ‘Cha do lorg,’ fhreagair am peddlar.
    Bha an gille deimhinne gun do lorg am peddlar an ‘rudeigin’ aige.
    Ghabh iad am bad a chèile agus mharbh an gille am peddlar.
    Thiodhlaic an gille a chorp. Thill e dhachaigh. Fhuair a mhàthair a-mach dè
    bh’ air tachairt agus far an robh corp a’ cheannaiche. Dh’iarr i air a mac
    norrag a ghabhail. Fhad ʼs a bha e na chadal, rinn i lite thana. Chrath i
    an lite air an talamh taobh a-muigh an taighe.
    Nuair a dh’èirich an gille, chaidh e mach. ‘Tha i a’ sileadh lite,’ thuirt
    e ri a mhàthair. ‘Tha lite air an talamh.’
    ‘A bheil?’ ars ise. ‘Coma leat mu dheidhinn.’
    Nise, bha reithe aice. ʼS e ‘Peddlar’ an t-ainm a bh’ air oir bhiodh e
    falbh air feadh na sgìre aig amannan. Thug i an reithe don t-sloc far an
    robh corp a’ cheannaiche. Mharbh i an reithe. Chuir i a chlosach anns an
    t-sloc, agus ghluais i corp an duine gu àite eile.
    Goirid an dèidh sin, thàinig dithis phoileas don taigh. Dh’fhaighnich iad
    dhen ghille am fac’ e ‘peddlar’.
    ‘O,’ ars an leth-ghloic, ‘mharbh mi e.’
    ‘Cuin a bha sin?’ dh’fhaighnich poileas.
    ‘An oidhche a bha i a’ sileadh na lite,’ fhreagair an gille. Agus mhìnich e
    far an robh corp a’ pheddlar.
    Bha na poilis dhen bheachd nach robh sa ghille ach fear gòrach. Ach thug
    iad sùil air an àite-thiodhlacaidh. Lorg iad reithe. ‘Nach tuirt mi riut
    gun robh e gun toinisg?’ thuirt fear de na poilis. ‘An oidhche a bha a’
    sileadh na lite! Sin am “peddlar” a mharbh e.’ Agus sin agaibh mo
    naidheachd. Beannachd leibh.