Tha mi ag innse dhuibh na seann sgeulachd Na h-Amhaisgean no Na Trì Saighdearan. Thill am boireannach don t-seòmar leis an t-solas. Bha
    an dàrna saighdear air an ceathramh muilt a chur na mhàileid airson a chompanaich.
    “Bu neònach e gun tug thu an solas air falbh,” thuirt an saighdear.
    “Is neònach an duine nach amaiseadh air a bheul co-dhiù bhiodh e dorch no soilleir,” fhreagair i. “Chan fhaod e a bhith gun do dh’ith an coigreach beag an
    ceathramh muilt.”
    Dh’iarr i an fheòil suas is sìos. Mu dheireadh, lorg i na mhàileid i. Bha i mì-thoilichte. Dh’iarr i gum biodh an saighdear air a thilgeil am measg nan con
    mòra. Cha d’ fhuair e ri ithe an sin ach cnàmhan.
    Bha an treas saighdear fhathast ri taobh a’ chnuic a’ feitheamh ri a chompanach. An ath mhadainn chunnaic e an cù ruadh. Chaidh e às dèidh a’ choin. Cha
    robh e fad’ sam bith ga leantainn nuair a chunnaic e an caisteal. Chaidh e timcheall a’ chaisteil, a’ coimhead airson doras, nuair a chunnaic e am
    boireannach ciatach aig an uinneig. Smèid i air. Chaidh e don doras chùil agus leig i a-steach e.
    Thugadh gu seòmar brèagha e far an robh biadh air a chur air a bheulaibh. Am measg a’ bhìdh, bha buileann cruithneachd – lofa mòr de dh’aran. Thug am
    boireannach an solas air falbh. Ach cha robh aig an t-saighdear ri duine sam bith a chuimhneachadh agus cha do chuir e dad na mhàileid. Nuair a thill am
    boireannach leis an t-solas, bha a h-uile rud ann an òrdugh.
    Thàinig an oidhche agus chaidh an saighdear a laighe. Ach cha d’ fhuair e cadal. Bha fuaim mòr an ath dhoras de cheòl is aighear. An ath mhadainn, thuirt e
    ris a’ bhoireannach, “Cò iad na daoine siud a bha ri ceòl is aighear, nach do leig mi a dhol a chadal fad na h-oidhche?”
    “Is iad sin na h-Amhaisgean,” fhreagair i. “Tha mi an seo airson latha is bliadhna. Ghoid na h-Amhaisgean mi agus thug iad an seo mi. ’S e nighean rìgh a
    th’ annam ann an Rìoghachd na Fuarachd.”
    Air an oidhche sin, thòisich an ceòl is aighear a-rithist agus cha d’ fhuair an saighdear cadal sam bith. Dh’èirich e agus chaidh e far an robh na
    h-Amhaisgean airson gearan. Nuair a chunnaic iad aig an doras e, rinn iad uile gàire.
    “Dè fàth ur gàire?” ars esan.
    “Tha gum bi do cheann fhèin na bhall-coise dhuinn a-nochd,” fhreagair iad.
    Rinn an saighdear fhèin gàire. “Dè fàth do ghàire fhèin?” ars iadsan.
    Thuirt esan gun gabhadh e am fear a bu mhotha aig an robh ceann agus a bu chaoil’ aig an robh casan agus gun gabhadh e dhaibh leis. Rinn e sin gus an robh
    an seòmar falamh is sàmhach. Chaidh an saighdear a laighe ach, an ceann greis, thòisich an ùpraid cheudna. Chaidh an saighdear an ath dhoras, fhuair e
    greim air an fhear a bu mhotha aig an robh ceann agus a bu chaoil’ aig an robh casan agus ghabh e dhaibh leis gus an robh an t-àite falamh.
    Am measg na h-ùpraid, rinn am boireannach a dol-às. Mus do theich i, gheall i don t-saighdear gun tilleadh i le a h-athair is le maighdeannan coimheadach
    airson a phòsadh. Agus chì sinn de thachair an-ath-sheachdain.