An t-seachdain sa chaidh, bha mi a’ bruidhinn mu Shamson. Bha e na nàmhaid do na Philistich. Ghabh e gaol air boireannach air an robh Delilah. Thabhainn na
    Philistich airgead mòr dha Delilah nam faigheadh i a-mach gu dè bh’ air cùl neart Shamsoin agus mar a b’ urrainnear buaidh a thoirt air.
    Chuir Delilah a’ cheist sin air Samson. Thuirt e nam biodh ise ga cheangal le seachd goid ùra nach do thiormaicheadh, nach fhaigheadh e às. Ach fhuair. ’S
    e breug a bh’ ann. Dh’fheuch i a-rithist. Dh’inns Samson breugan eile.
    Mu dheireadh, fhuair i an fhìrinn bhuaithe. Thuirt e rithe, ‘Ealtainn cha tàinig riamh air mo cheann … ma bhearrar mi … falbhaidh mo neart
    uam… ’
    Thug Delilah air Samson a dhol a chadal air a glùinean. Thàinig fear a gheàrr dheth seachd duail a chinn. Dh’fhalbh neart Shamsoin. Thàinig na Philistich.
    Ghlac iad e agus chuir iad na sùilean aige a-mach gu borb. Chuir iad ann am prìosan e ann an Gasa.
    Ma tha sibh eòlach air an sgeulachd, tuigidh sibh nach e seo an deireadh, oir dh’fhàs falt Shamsoin a-rithist. Agus le fhalt, thill a neart.
    Bha na Philistich a’ dèanamh gàirdeachas mun bhuaidh a thug iad. Bha Samson air a thoirt a-mach às a’ phrìosan airson fearas-chuideachd a dhèanamh dhaibh.
    Seo mar a tha e san t-seann Bhìoball – agus a-rithist atharrachaidh mi an t-seann Ghàidhlig dìreach rud beag:
    
        Thuirt Samson … leig dhomh na puist a làimhseachadh air a bheil an taigh na sheasamh a chum gun leig mi mo thaic riutha. A-nise bha an taigh làn
        dhaoine agus bhan; agus bha uile thighearnan nam Philisteach an sin; agus bha air mullach an taighe mu thimcheall trì mìle fear agus bean ….
    
    
        Agus ghairm Samson air an Tighearn’ agus thuirt e, O Thighearna Dhè, cuimhnich orm, guidheam ort, agus neartaich mi, guidheam ort …
        [gus am faigh mi dìoghaltas] air na Philistich airson mo dhà shùl. Agus ghabh Samson grèim don dà phost mheadhanach air an robh an taigh na sheasamh,
        agus ris an robh e an taic, fear dhiubh le a làimh dheis, agus am fear eile le a làimh chlì.
    
    
        Agus thuirt Samson, faigheam bàs maille ris na Philistich. Agus phut e le uile neart; agus thuit an taigh air na tighearnan agus air an t-sluagh uile a
        bha ann; agus bha na mairbh a mharbh e aig a bhàs na bu lìonmhoire na iadsan a mharbh e na bheatha.
    
    Bha Samson ainmeil air feadh saoghal na Crìosdachd airson a neart. Agus bhiodh daoine uaireannan a’ ceangal ris clach mhòr a bha na seasamh leatha fhèin,
    agus nach b’ urrainn do dhuine sam bith a thogail.
    Tha clach de a leithid air mullach cnuic siar air Calasraid – Clach Shamsoin no Samson’s Stone. ’S e clach-shiubhail a th’ innte, a
    chaidh fhàgail ann le eighr-shruth o chionn fhada. Ach bha na seann daoine ag ràdh gun robh Samson air mullach beinne anns an sgìre – Beinn Lididh, a rèir
    cuid, ged a bha feadhainn eile ag ainmeachadh Beinn Labhair no Beinn Mhùrlaig Loch Laomainn. Bha Samson ann agus chuir e dùbhlan ro fhir làidir na dùthcha.
    Thilg e a’ chlach astar mòr. Ach cha b’ urrainn do dhuine eile eadhon a togail. Agus dh’fhàg sin i far a bheil i chun an latha an-diugh.