Tha mi a’ dol a chur crìoch air an sgeulachd ‘Na Trì Lèintean Canaich’. Bha
    a’ bhanrigh trom a-rithist, ach lean i oirre le bhith a’ snìomh agus a’
    fighe nan trì lèintean canaich airson a bràithrean a shaoradh bhon gheas.
    Thàinig an aon bhean-ghlùine ʼs a bh’ aice roimhe. Rug a’ bhanrigh
    leanabh-gille – an dàrna fear. Chuir a’ bhean-ghlùine roimhpe gun cadal
fhaighinn. Ach, an dèidh seachdain, bha i ro sgìth agus    thàinig an cadal oirre.
    Cha b’ fhada bha i na cadal nuair a thàinig làmh mhòr a-steach air an
    uinneig. Thug i leatha an leanabh. Nuair a dhùisg a’ bhean-ghlùine, cha
    robh sgeul air an leanabh. Bha piseag a-staigh agus mharbh i i. Chuir i
    fuil a’ chait ann an cupa agus shuath i an fhuil ri beul na banrigh.
    Chaidh i an uair sin far an robh an rìgh. ‘ ʼS ann olc a tha am boireannach
    siud,’ ars ise ris, ‘agus i ag ithe a leanaibh fhèin.’
    ‘Am bi i a’ dèanamh sin?’ thuirt an rìgh.
    ‘Bithidh,’ fhreagair a’ bhean-ghlùine.
    ‘Ud, chan eil i ach gòrach,’ thuirt an rìgh. ‘Leigidh sinn leatha sin
    an-dràsta.’
    Thachair an gnothach turas eile. Bha a’ bhanrigh fhathast ag obair air na
    lèintean canaich. Rug i leanabh gille eile, ach chaidh a thoirt air falbh
    leis an làimh mhòir turas eile. Bha cuilean a-staigh. Mharbh a’
    bhean-ghlùine an cuilean agus shuath i fuil bhuaithe air beul na banrigh.
    Chaidh a’ bhean-ghlùine a-rithist far an robh an rìgh. ‘ ʼS ann olc a tha
    am boireannach siud. Dh’ith i a leanabh fhèin,’ thuirt i.
    An turas seo, bha beachd eadar-dhealaichte aig an rìgh oirre. ‘Bidh sinn ga
    crochadh a-màireach,’ thuirt e.
    Bha na trì lèintean canaich a-nise deiseil. Chaidh fios a-mach gu gach
    ceàrn gun robhar a’ dol a chrochadh na banrigh. Chaidh
    fios a chur air na trì coin ghlasa anns an uaimh. Thàinig iad air muin
    each, nan trì gillean òga, agus bha balachan beag leis a h-uile fear aca.
    Dh’iarr a’ bhanrigh air an fhear a bu shine a chuid aodaich a chur dheth.
    Chuir i lèine chanaich air. ‘Gun còrd do lèine riut, a bhràthair,’ ars ise.
    ‘Gum bi thu fhèin slàn, fallain, a phiuthar,’ ars esan.
    Dh’iarr i an uair sin air an fhear mheadhanach a chuid aodaich a chur
    dheth. Chuir i lèine ùr air. ‘Gun còrd do lèine riut, a bhràthair,’ ars
    ise.
    ‘Gum bi thu fhèin slàn, fallain, a phiuthar,’ ars esan.
    Dh’iarr i air an fhear a b’ òige a chuid aodaich a chur dheth. Chuir i
    lèine chanaich air. ‘Gun còrd do lèine riut, a bhràthair,’ ars ise.
    ‘Gum bi thu fhèin slàn, fallain, a phiuthar,’ ars esan.
    ‘ ʼS e sinne a thug a’ chlann agad air falbh,’ dh’aidich na bràithrean.
    ‘Bha an t-eagal oirnn gum bruidhneadh tu riutha aig àm laighe, agus gum
    biomaid fo gheasaibh gu sìorraidh. Seo an triùir bhalach agad.’
    Chunnaic an rìgh seo agus bha e toilichte. Chuala e guth a mhnà airson a’
    chiad turais. Chuir e às don bhean-ghlùine, don Iochlach Ùrlair (a’
    bhana-bhuidseach) agus don mhuime olc. Thill e fhèin, a’ bhanrigh agus an
    triùir mhac don lùchairt, far an robh iad sona còmhla. Ach tha amharas agam
    nach do rinn a’ bhanrigh aon lèine chanaich tuilleadh fhad ʼs a bu bheò i.