Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Ruadh Stiùbhart. Sgrìobh e dàn ainmeil    Latha Chùil Lodair anns an do mhìnich e mar a chaidh cùisean an
    aghaidh nan Seumasach:
    Mo chreach armailt nam breacan,
    Bhith air sgaoileadh ʼs air sgapadh ʼs gach àit’,
    Aig fìor bhalgairean Shasainn
    Nach do ghnàthaich bonn ceartas na ʼn dàil
    Ged a bhuannaich iad batail,
    Cha b’ ann da ʼn cruadal no ʼn tapadh a bha,
    Ach gaoth an iar agus frasan,
    Thigh’n a-nìos oirnn bhàrr machair nan Gall.
    Chan e dìreach an droch aimsir a bu choireach ris a’ chall, ge-tà, ann am
    beachd Iain Ruaidh. Bha e cuideachd a’ coireachadh a’ Mhorair Seòras
    Moireach, an commandair Seumasach. Bha Iain air dàil latha iarraidh mus
    biodh Blàr Chùil Lodair ann, oir bha na saighdearan aige sgìth, ach dhiùlt
    am Moireach gabhail ri sin.
    An dèidh Chùil Lodair, choinnich Iain ris a’ chòrr de dh’arm nan Seumasach
    aig Ruadhainn faisg air Ceann a’ Ghiùthsaich. Chaidh an co-dhùnadh a
    dhèanamh gun a bhith a’ leantainn leis a’ chogadh. Bhiodh arm an
    riaghaltais saor gus sgrios a dhèanamh air bailtean na Gàidhealtachd.
    Theich gu leòr de na ceannardan Seumasach don Fhraing no dùthchannan eile,
    ach dh’fhuirich Iain Ruadh na dhùthaich fhèin. Bha e na ruagalaiche, ge-tà.
    Bhiodh e a’ fuireach ann an diofar uamhan, agus muinntir na sgìre a’ toirt
    taic dha.
    Aon latha, bha e air fhalach anns a’ Ghleann Mhòr ann an Srath Spè. Bha
    fear òg, Peadar Bell, a’ dol a dh’ionnsaigh Iain le bainne nuair a thachair
    e ri feachd de shaighdearan dearga a bha a’ coimhead air a shon. Bha druma
    aig fear dhiubh.
    ‘Cà’l thu a’ dol?’ dh’fhaighnich na saighdearan.
    ‘Gu m’ athair, a tha ag obair sa choille,’ fhreagair Peadar. Chunnaic an
    gille an druma agus rinn e còmhradh mar gun robh e ag iarraidh a cheannach.
    Ghabh e grèim air an druma agus sheinn e òran – ‘Buaidh thap’, Iain Ruaidh,
    ʼs tric a bhuail thu campaid.’ An uair sin ghabh e òran eile:
    Bi falbh ʼs na fuirich, bi falbh, bi falbh!
    
        Na tig a-nochd tuillidh, tha ʼn tòir a’ tighinn thugad
    
    Na tig a-nochd tuillidh, bi falbh, bi falbh!’
    Chuala Iain Ruadh e agus theich e gu taobh Neithich. Nuair a bha e na
    ruagalaiche, rinn e sgochadh air adhbrann. Tha e a’
    dèanamh iomradh air sin anns an òran aige, Ùrnaigh Iain Ruaidh:
    Aig taobh sruthain na shuidhe, ʼs e sgìth
    Tha an Crìosdaidh bochd, Iain Ruadh,
    Na cheatharnach, fhathast gun sìth
    ʼS a chas air tuisleadh san tìm gu truagh.
    Ged as ann an Gàidhlig a bu mhotha a sgrìobh Iain Ruadh a bhàrdachd,
    sgrìobh e co-dhiù aon dàn ann am Beurla – John Roy Stuart’s Psalm.
    Anns an òran sin, thuirt e nach fhaigheadh feachdan a’ Chrùin grèim air:
    Though they mow down both corn and grass
    And seek me underground,
    Though hundreds guard each road and pass,
    John Roy will not be found.
    Agus bha e ceart – cha d’ fhuair na saighdearan dearga lorg air. Ach mus
    fhaigheadh e cothrom teicheadh gu sàbhailteachd anns an Fhraing, chaidh e a
    chèilidh air a’ Phrionnsa, Teàrlach Òg, a bha e fhèin na ruagalaiche.
    Choinnich iad ann an àite ris an cainte Cèidse Chluainidh taobh Beinn
    Eallair – mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.