FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1290: Ainmean-àite Ghlaschu

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ainmean-àite Ghlaschu

Gaelic Gàidhlig

Dè tha an t-ainm-àite Glaschu – Glasgow – a’ ciallachadh? Bidh sinn a’ cluinntinn aig feadhainn gu bheil e a’ ciallachadh ‘dear green place’. Ach tha an fhianais ag innse dhuinn nach eil sin ceart. Tha e nas coltaiche gu bheil e a’ tighinn bho dhà eileamaid anns an t-seann chànan aig Breatannaich a’ Chinn a Tuath – glas agus cau. Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘green hollow’. Ach càit a bheil an lag glas no lag uaine? Tha, faisg air Cathair-eaglais Ghlaschu far a bheil allt a’ sruthadh tro lag nàdarrach.

Fhuair mi am fios seo bho leabhar luachmhor a chaidh fhoillseachadh an-uiridh. ʼS e an t-ainm a th’ air Glasgow’s Gaelic Place-Names. Tha e air a sgrìobhadh le Alasdair MacIlleBhàin. Tha dealbh anns an leabhar a tha a’ sealltainn an luig a thug ainm don bhaile.

Cha do mhair seann chànan nam Breatannach. Thàinig a’ Ghàidhlig agus Albais na àite. Agus tha iad fhathast air am bruidhinn an-diugh. Tha eachdraidh fhada aig a’ Ghàidhlig anns a’ bhaile as motha ann an Alba.

Nochd ainmean-àite Gàidhlig anns na seann chlàraidhean is làmh-sgrìobhainnean cho fada air ais ris an dàrna linn deug. Mar eisimpleir – Carmunnock. Tha sin a’ tighinn bhon t-Seann Bhreatannais no bhon Ghàidhlig. Mas ann bhon Ghàidhlig a tha e, math dh’fhaodte gur e Càrr Manach no Corr Manach a bh’ ann bho thùs – ‘rocky shelf of monks’. Tha Polmadie cuideachd a’ nochdadh anns an dàrna linn deug – mar Polmacde. Tha Alasdair MacIlleBhàin ag innse dhuinn gu bheil a’ Ghàidhlig Poll Mac Dè a’ ciallachadh ‘stream of the sons of God’.

Tha na riochdan tùsail fìor fhèin cudromach. Ma choimheadas sinn air an ainm-àite Ruchazie, chan eil e follaiseach dè tha e a’ ciallachadh no eadhon gur ann às a’ Ghàidhlig a tha e. Ach tha e a’ nochdadh anns an t-siathamh linn deug mar Auchinhasie. Agus tha an t-ùghdar dhen bheachd gu bheil sin a’ riochdachadh na Gàidhlig Achadh an Fhasaidh ‘field or farm of the stopping place’.

Tha Barlinnie car coltach ri sin. Mura b’ e gun robh seann riochdan ann, bhiomaid a’ smaoineachadh gu bheil e a’ tighinn bho bàrr agus linne. Ach nochd e anns an t-siathamh linn deug mar Blairlenny. Chaidh a chruthachadh an toiseach mar Blàr Lèanach ‘marshy plain’.

Ged as e baile mòr mòr a th’ ann an Glaschu an-diugh, buinidh gu leòr de ainmean-àite do linn nuair a bha daoine an sàs ann an obair-fearainn. Is toigh leam an t-ainm-àite Gartnavel. Tha sin a’ tighinn bhon t-seann Ghàidhlig Gart an Abhaill ‘enclosure of the apple tree or orchard’.

Tha Alasdair MacIlleBhàin ag innse dhuinn gu bheil Cathkin a’ tighinn bhon Ghàidhlig Coitcheann, a’ ciallachadh ‘common grazing’. Agus bha an t-ainm ainmeil Auchenshuggle clàraichte mus robh tramaichean a’ dol ann! Tha e a’ tighinn bho Achadh an t-Seagail ‘field or farm of the rye’.

Chan eil freagairt aig an ùghdar airson a h-uile ceist agam mu ainmean-àite Ghlaschu. Mar eisimpleir, chan eil e cinnteach mu Bellahouston. Ach tha e air obair mhòr mhòr a dhèanamh airson dualchas na Gàidhlig – agus cànanan eile – ann an Glaschu a shoilleireachadh agus a mhìneachadh.

Faclan na Litreach: Glaschu: Glasgow; Alasdair MacIlleBhàin: Alasdair [C.] Whyte; Albais: Scots language.

Abairtean na Litreach: Bidh sinn a’ cluinntinn aig feadhainn: we hear from some folk; nas coltaiche gu bheil e a’ tighinn bho dhà eileamaid: it is more likely to have come from two elements; anns an t-seann chànan aig Breatannaich a’ Chinn a Tuath: in the old language of the Northern Britons (Northern Brittonic); faisg air Cathair-eaglais Ghlaschu far a bheil allt a’ sruthadh tro lag nàdarrach: near Glasgow Cathedral where a burn [the Molendinar Burn] flows through a natural hollow; leabhar luachmhor a chaidh fhoillseachadh an-uiridh: a valuable book that was published last year [by Origin/Birlinn]; a’ sealltainn an luig: showing the hollow [lag]; cha do mhair seann chànan nam Breatannach: the old language of the Britons did not survive; anns na seann chlàraidhean is làmh-sgrìobhainnean: in the old records and manuscripts; cho fada air ais ris an dàrna linn deug: as far back as the 12th century; ma choimheadas sinn air: if we look at; bhiomaid a’ smaoineachadh gu bheil: we would be thinking that; buinidh gu leòr de ainmean-àite do linn: many of its place-names belong to a time; nuair a bha daoine an sàs ann an obair-fearainn: when people were involved in agricultural work; bha an t-ainm ainmeil X clàraichte mus robh tramaichean a’ dol ann: the famous name X was recorded before trams were going there; tha e air obair mhòr mhòr a dhèanamh airson dualchas na Gàidhlig a shoilleireachadh agus a mhìneachadh: he has done tremendous work in highlighting and explaining the Gaelic heritage.

Puing-chànain na Litreach: Tha na riochdan tùsail fìor fhèin cudromach: the original forms are incredibly important. Note that when we use fhèin as an adjectival strengthener in a structure like this, it can impinge on lenition. We would say fìor chudromach ‘very important’ (with cudromach lenited under the influence of fìor) but fìor fhèin cudromach ‘extremely important’ (without lenition of cudromach). It makes no difference with an adjective that does not cause lenition e.g. uabhasach cudromach/uabhasach fhèin cudromach.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Mura b’ e gun robh seann riochdan ann: if it weren’t [for the fact] that there were old forms.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 986

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean