Tha làrach-lìn ann air a bheil fiosrachadh mu lus-eòlaichean ainmeil. Agus
    air tè na duilleagan aice, tha seo:
    
        Carmichael, Dugald: Scottish doctor and biologist, known locally as
        Dùghall Bàn or Fair Dugald, and An Dotair Bàn, or the Fair Doctor.
    
    Uill, nach eil sin ag innse dhuinn gun tàinig e à coimhearsnachd
    Ghàidhealach! Le ainm mar Carmichael – MacIlleMhìcheil – cha chuir e
    iongnadh oirbh nuair a dh’innseas mi dhuibh gur ann à Lios Mòr a bha e.
Taobh a-muigh an eilein sin, ge-tà,    cha chreid mi gun cuala mòran daoine ann an Alba mu
    dheidhinn.
    Bha Dùghall MacIlleMhìcheil ainmeil ann an saoghal nan lus-eòlaichean.
    Bithear a’ gabhail ‘Father of Marine Botany’ air. Nise, bha mise
    ann an Lios Mòr as t-fhoghar airson daoine a thoirt don chladach, a
    choimhead air feamainn. B’ fheàrr leam gun robh Dùghall air a bhith còmhla
rinn! Agus tha amharas agam nach e ‘feamainn’ a chanadh e fhèin ri    seaweed. Chuala mi Liosach a’ cleachdadh an fhacail rolag
    , ged nach do lorg mi e ann am faclair sam bith.
    Co-dhiù, tha mi airson innse dhuibh mu Dhùghall MacIlleMhìcheil. Rugadh e
    ann an Sròn na Craoibhe, ann an ceann a tuath Lios Mòr, anns a’ bhliadhna
    seachd ceud deug, seachdad ʼs a dhà (1772). Bha a phàrantan nan croitearan
    bochda. Bho òige, bha ùidh mhòr aig Dùghall ann an nàdar, gu h-àraidh anns
    na lusan a bha a’ fàs ann an Lios Mòr.
Ach chan e saidheans a rinn e aig an oilthigh. Chaidh e an toiseach    a dh’Oilthigh Ghlaschu far an do rinn e Eòlas Clasaigeach.
    Thathar a’ smaoineachadh gun d’ fhuair e sgoilearachd airson a dhol ann. An
    uair sin, ghluais e a dh’Oilthigh Dhùn Èideann airson Eòlas-leigheis a
    dhèanamh. Thàinig e a-mach mar lannsair.
    Dh’obraich e airson naoi bliadhna mar lannsair ann an rèisimeid ris an
    canadh iad na h-Argyll Fencibles. Bha e ann an Èirinn fad na
    h-ùine sin, ach cha robh e riaraichte. Bha e airson tuilleadh eòlais a
    bhith aige air nàdar agus bha e airson a dhol a-null thairis. Mar sin,
ghabh e cothrom mar shaighdear ann an rèisimeid eile – na    72nd Highlanders.
    Bha e an toiseach ann an Ceap an Deagh Dhòchais ann an Afraga a Deas. Bha e
    air a bheò-ghlacadh leis na bh’ ann de lusan an sin. Ann an ochd ceud deug
    ʼs a seachd (1807), chaidh e – gu saor-thoileach – gu Bàgh Algoa, gu sear
    air a’ Cheap, faisg air far a bheil Port Ealasaid an-diugh. An sin,
    thòisich e air ùidh a ghabhail anns na h-èisg, a bharrachd air na lusan.
    Sgrìobh Dùghall notaichean gu math mionaideach mu na craobhan is lusan a
    bha a’ fàs anns an sgìre sin, agus am feum a dhèanadh muinntir an àite
    dhiubh. Agus dhìon e cliù nan siorcan a tha pailt sa mhuir an sin. A
    bharrachd air sin, tha tuairisgeul aige de dhòigh-beatha nan daoine agus
    dhen t-seilg a rinn e fhèin.
    Ann an ochd ceud deug ʼs a deich (1810), bha MacIlleMhìcheil an sàs ann an
    iomairt armaichte aig na Breatannaich airson Mauritius a ghabhail thairis
    bho na Frangaich. Aig an àm sin, ʼs e L’Isle de France no Eilean
    na Frainge a chanadh daoine ri Mauritius. Innsidh mi dhuibh anns an ath
    Litir mar a chaidh do Dhùghall MacIlleMhìcheil anns a’ ghnothach sin.