Tha mi airson ’s gun smaoinich sibh air turas fada. Tha sibh a’ tòiseachadh
    ann an Steòrnabhagh. Tha sibh a’ gabhail a’ bhàt’-aiseig gu ruige Ullapul.
    Tha sibh a’ leum air an trèana ann an Ullapul agus a’ dol a dh’Inbhir Nis.
    Tha sibh ag atharrachadh ann an Inbhir Nis, agus a’ falbh a Lunnainn air
    seirbheis rèile na h-oidhche, agus a’ ruigsinn Lunnainn tràth an ath
    mhadainn.
    Nise, tuigidh sibh gu bheil mi ag aisling oir chan eil rathad-iarainn ann
    eadar Ullapul agus Inbhir Nis. Ach a bheil fios agaibh gun robh planaichean
    ann airson na leithid? Agus gun deach iad cho fada ’s gun robh achd
    pàrlamaid ann airson an sgeama.
    Aig toiseach an t-samhraidh bha mi ann an Ullapul airson fèis bhliadhnail
    nan leabhraichean. Bha fear an sin, Andaidh Drummond, a thug seachad òraid
    gu math inntinneach. Tha Andaidh air a bhith a’ dèanamh rannsachadh air na
    rathaidean-iarainn a bha san amharc, aig deireadh an naoidheamh linn deug,
    ann an ceann an iar-thuath na Gàidhealtachd.
    Carson a bhathar a’ beachdachadh air sgeamaichean mar sin? Bhathar gu mòr
    airson ceangal a dhèanamh eadar tìr-mòr agus Steòrnabhagh, mar dhòigh gus
    iasgach a bhrosnachadh, agus an t-iasg fhaighinn don mhargaidh anns na
    bailtean mòra gu sgiobalta.
    Aig an àm sin, eadar ochd ceud deug, ochdad ’s a còig (1885) agus ochd ceud
    deug is naochad (1990) bha na rathaidean-iarainn agus na seirbheisean rèile
    ann an làmhan chompanaidhean prìobhaideach. Duine sam bith a dh’iarradh
    loidhne-rèile ùr a thogail, dh’fheumadh e an dàrna cuid airgead
    prìobhaideach fhaighinn no a dhol an co-bhuinn ri companaidh a bha
    mu-thràth a’ ruith seirbheis.
    Am measg na bha ag iarraidh ceangal a dhèanamh eadar Gairbh is Ullapul, bha
    Clann ’ic Mhathain, leis an robh Eilean Leòdhais agus Ullapul, agus Sir
    John Fowler, a dhealbhaich Drochaid Rèile Fhoirthe.
Tha na planaichean airson an rathaid-iarainn fhathast    rim faicinn. Bha e a’ dol a dh’fhàgail na loidhne eadar
    Inbhir Pheofharain agus An Sròm aig Gairbh. Bhiodh e a’ leantainn na
    h-aibhne suas – an ìre mhath mar a tha an rathad a dh’Ullapul an-diugh. Cha
    robh cus ann a bhiodh duilich do dh’einnseanair gus an ruigeadh iad Glòm
    Choire Shalach aig a’ Bhràigh Mhòr. Tha ceud troigh de dhoimhneachd anns a’
    ghlòm an sin agus an uair sin, tha an t-slighe cas gus an ruigear ceann
    Locha Bhraoin. Bha an t-einnseanair, Murchadh Mac Pheadrais, a’ moladh gun
    rachadh an trèana tro thunail sia ceud slat a dh’fhaid air an t-slighe don
    loch.
    Bha an sgeama a’ dol a chosg suas ri cairteal a’ mhillein not agus chaidh
    achd pàrlamaid a chur troimhe ann an ochd ceud deug is naochad (1890)
    airson an leasachadh a cheadachadh. Bha trì bliadhna aca airson tòiseachadh
    air an obair-thogail.
    Agus dè thachair? Uill, dh’fhàilnich air an luchd-leasachaidh an t-ionmhas
    a chur ri chèile agus, an dèidh trì bliadhna, chaidh achd pàrlamaid eile
    troimhe – The Garve and Ullapool Railway (Abandonment) Act, agus
    b’ e sin deireadh an sgeòil. Gu ruige seo, co-dhiù. Chì sinn an tèid an
    sgeama ath-bheothachadh anns an ùine romhainn. Beannachd leibh.