Bha mi ag innse dhuibh mun ath-sgrùdadh a thathar a’ dèanamh air na beachdan aig Ùisdean Mac a’ Mhuilleir à Cromba air cinnidhean. Tha Mac a’ Mhuilleir air a bhith cliùmhor mar sgoilear – agus mar sgrìobhadair. Ach an robh e saor bho na beachdan gràineil a bha cho bitheanta am measg dhaoine geala ri a linn? Gu mì-fhortanach, cha robh.
Thug Mac a’ Mhuilleir òraid seachad ann an Dùn Èideann ann an ochd ceud deug, caogad ʼs a còig (1855). Bha sin naoi bliadhna an dèidh turas Frederick Douglass a dh’Alba, agus ochd bliadhna mus toireadh Àbraham Lincoln saorsa do thràillean anns na Stàitean Aonaichte. Bha Mac a’ Mhuilleir a’ bruidhinn ri muinntir Institiud Feallsanachail Dhùn Èideann. Chaidh an òraid fhoillseachadh anns an leabhar aige Testimony of the Rocks a nochd ann an ochd ceud deug, caogad ʼs a seachd (1857). Bha sin beagan mhìosan an dèidh bàs an ùghdair.
Bha Mac a’ Mhuilleir na sgoilear air leth dhen chuspair as motha air an robh e eòlach – creag-eòlas. Nuair a thigeadh e gu antrap-eòlas, ge-tà, bha a chasan ann am boglach seach air creag.
Anns an òraid, thuirt e gun do dh’èirich an cinne-daonna faisg air na beanntan Cabhcasach. Carson a bha am beachd sin aige? Uill, bha na seann shìobhaltachdan – Ninebheh, Bàbilon, an Èiphit ʼs a leithid sin – timcheall a’ cheàrnaidh sin. Ach, gu h-annasach, bha Mac a’ Mhuilleir dhen bheachd gun robh e air a dhearbhadh leis cho ‘eireachdail’ ʼs a bha na daoine anns na sgìrean sin. Cha b’ e sin a’ chiad turas a chualas mu ‘Caucasian Man’ – agus mar a b’ e sin an seòrsa as ‘foirfe’ am measg a’ chinne-daonna. Obh obh. Saoil dè bha Ùisdean air a ràdh nan robh e beò nuair a thàinig fianais nam fosailean am bàrr – gun do dh’èirich an cinne-daonna ann an Afraga?!
Thuirt Mac a’ Mhuilleir an uair sin rudan fìor annasach. Ga rèir, bhuineadh Adhamh agus Eubha don chinneadh Cabhcasach mar a bhuineadh Ìosa Crìosda fhèin. Agus ann am meadhan an naoidheamh linn deug, càite am faicte daoine Cabhcasach gun samhail? Seadh, ann am Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte! Tha a h-uile duine ag aontachadh, sgrìobh an t-ùghdar, nach eil àite sam bith anns an Roinn Eòrpa far am faicte uiread de dhaoine Cabhcasach dhen t-seòrsa thùsail na chìte am measg uaislean Shasainn, gu h-àraidh na boireannaich. Seadh, sin beachd aig fear à Gàidhealtachd na h-Alba!
Tha e doirbh aithris a dhèanamh air a’ chòrr dhen òraid, feumaidh mi ràdh. Tha i làn gràin-chinnidh. Tha i aineolach. Tha i sgreamhail. Tha am fiosrachadh aig an ùghdar stèidhichte air sgrìobhaidhean aig feadhainn eile – daoine geala a thug beachd air na ‘degraded races’. Dè cho tric ʼs a choinnich Mac a’ Mhuilleir fhèin ri daoine dùthchasach à mòr-thìrean eile?
Anns an t-Saoghal Ùr, sgrìobh Mac a’ Mhuilleir, bha daoine Cabhcasach a’ dearbhadh an ceannais nàdarraich aca thairis air na cinnidhean ‘suarach’. Tha e math nach do lorg na Nadsaidhean an òraid seo, oir bha iad air Mac a’ Mhuilleir a chur air adhart mar ghaisgeach dhaibh. Airson ‘Cabhcasach’, smaoinichibh ‘Arianach’.
Cha robh Mac a’ Mhuilleir leis fhèin. Bha beachdan gràineil mar seo aig gu leòr ri a linn. Ach chan e leisgeul a tha sin. Bha e na ghràin-chinnidheach. Dhòmhsa, chan eil a chliù cho gleansach a-nise ʼs a b’ àbhaist.