FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Uilleam Hare (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Uilleam Hare a bha an sàs ann am murt is reic chorp ann an Dùn Èideann mu dhà cheud bliadhna air ais.

Audio is playing in pop-over.

Uilleam Hare (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Uilleam Hare a bha an sàs ann am murt is reic chorp ann an Dùn Èideann mu dhà cheud bliadhna air ais. Dè thachair dha? A rèir aithris, dh’inns e do na poilis gun robh e a’ dol a dhol dhachaigh a dh’Èirinn. Ach an deach?

Nochd aithrisean mòran bhliadhnaichean an dèidh sin gun robh Hare a’ fuireach ann an Lunnainn. Bha e na dhèirceach dall. Bhiodh e a’ coiseachd sràidean Lunnainn le cù na chois. Bha daoine a’ dèanamh dheth gur e Uilleam Hare a bh’ ann.

Ach cha b’ e. ʼS e fear a bh’ ann air an robh Ware mar ainm, seach Hare. Agus tha e clàraichte an dà chuid mar Uilleam Ware agus Tòmas Ware. Thuit e a-steach a shloc aoil bliadhnaichean roimhe agus dh’fhàg sin dall e. Fhuair Ware litrichean bho na h-ùghdarrasan ann an Dùn Èideann, a’ dearbhadh nach e Uilleam Hare a bh’ ann. Ach ma thogair – bha gu leòr ann an Lunnainn a’ creidsinn gur e agus cha robh iad a’ dol a dh’atharrachadh am beachd!

Bha sgeul ann cuideachd gun do chaochail Hare ann an Canada. Nochd fear agus a bhean ann an sgìre ann an Ontairio. Thog iad taigh ann an innis anns a’ choille, pìos air falbh bho nàbaidhean. ʼS e Hare a bh’ orra mar ainm-cinnidh. Agus bha iad ag ràdh gur e Pròstanaich a bh’ annta. Bha Uilleam Hare na Èireannach, agus na Chaitligeach.

Bha iad ann fad ùine, a’ fuireach gu socair, sàmhach nuair a thàinig Albannach a dh’fhuireach anns an sgìre. Thug e leis duilleachan anns an robh cunntas mu chùis-chùirte Bhurke. Agus, an cois a’ chunntais sin, bha dealbh de Hare a chaidh a tharraing le neach-ealain.

Bha feadhainn dhen bheachd gur e am murtair a bha a’ fuireach anns an nàbachd aca. Chùm iad air falbh bhuaithe. Rinn iad follaiseach dha gun robh gràin aca air.

Nuair a fhuair Hare a-mach dè bh’ air tachairt, leugh e an duilleachan. A rèir aithris, chaidh a shlàinte bhuaithe sa mhionaid. Cha do mhair e beò fada. Ach mus do chaochail e, chuir e fios a-mach gu sagart a dhol thuige. Tha e coltach nach e Pròstanach a bh’ ann. Agus thuirt muinntir na sgìre gun robh sin a’ dearbhadh gur e Uilleam Hare a bh’ ann, ann an dha-rìribh. Ach tha ceist ann mun sgeul seo – carson a ghleidheadh e ainm-cinnidh? Bha e air a bhith furasta gu leòr ainm ùr a thaghadh.

Bha sgeul ann cuideachd gun deach Hare a Bheal Feirste far an robh e an sàs ann am mèirle. Bha e air a chur an grèim agus an uair sin air a chur a-null a dh’Astràilia. Bha e ag obair mar chiontach air oighreachd faisg air Sydney. Bha daoine eòlach air fon fhrìth-ainm ‘Bonyparte’.

Nuair a bha e tinn, agus aig uchd-bàis anns an ospadal, dh’aithnich am fear anns an ath leabaidh e. ʼS ann à Dùn Èideann a bha am fear sin. Dh’aidich ‘Bonyparte’ gum b’ esan Uilleam Hare ach chaochail e tron oidhche.

Uill, sin agaibh trì cunntasan mu Uilleam Hare. Ach, a rèir beul-aithris às a’ Ghàidhealtachd, thill e a dh’Alba agus bha e a’ fuireach fo ainm eile ann an taobh siar Rois. Bheir sinn sùil air sin anns an ath Litir.

Litir 1368 Litir 1368

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!