A bheil sibh eòlach air Dùn Ad ann an Earra-Ghàidheal? Tha e na chreag ainmeil eadar Ceann Loch Gilp agus Cill Mhàrtainn. Tha e ag èirigh à magh ris an canar A’ Mhòine Mhòr. Ged a tha an talamh rudeigin fliuch, tha feadhainn ri obair tuathanais timcheall Dhùn Ad. Bu toigh leam innse dhuibh mu aon tuathanach às an sgìre sin o chionn deagh ghreis.
Oidhche a bha seo, bha an tuathanach san leabaidh. Bha teine mònach anns an t-seòmar. Ri taobh an teine bha soitheach bainne a’ blàthachadh. Bha an tuathanach a’ dol a thogail a’ bharra bhuaithe an ath mhadainn.
Fhad ’s a bha e a’ coimhead gu sàmhach, thàinig gràisg de shìthichean a-steach. Bha tàcharan aca. Bha iad a’ coimhead airson uisge airson an leanabh a ghlanadh – a dhèanadh e na bu duilghe a thoirt bhuapa. Cha robh uisge sam bith anns an t-seòmar. Mar sin, chleachd na sìthichean am bàrr bhon t-soitheach bhainne.
Cha do thuig na sìthichean mar a bha an ùine a’ ruith. Chualas coileach a’ gairm. Bha aig na sìthichean ri tilleadh don t-sìthean aca. Bha uiread de chabhaig orra ’s gun do dh’fhàg iad poca beag às an dèidh.
Nuair a dh’èirich an tuathanach, dhòirt e am bainne a-mach air an fheur. Thàinig na coin aige agus dh’òl iad am bàrr. Thuit iad marbh san spot.
Dh’fhosgail an tuathanach am poca agus lorg e rudan annasach na bhroinn. Bha saighead bheag chloiche ann dhen t-seòrsa ris an canar saighead sionn – ann am Beurla elf-arrow. Bhathar a’ creidsinn gun robh a leithid air a dèanamh anns an t-sìthean agus gum biodh na sìthichean gan cleachdadh airson daoine a dhèanamh tinn. Bha iad air an dèanamh de chlach-spoir no flint.
Fhuair an tuathanach a-mach, nam biodh an saighead sionn air a cur fon chluasaig aig duine tinn, gum biodh feadhainn eile a’ tuigsinn co-dhiù mhaireadh e beò a rèir coltas an fhallais air a bhathais.
Cuideachd anns a’ phoca, bha bobhla beag anns am biodh na sìthichean a’ dèanamh lite, agus buill-chloiche. Chuirte na buill ann an cuman uisge, agus bhiodh an t-uisge air a thoirt do chrodh a bha tinn. Thigeadh piseach orra an uair sin.
Dè thachair do na sìthichean agus na rudan aca? A rèir beul-aithris, chùm sliochd an tuathanaich na rudan agus cò aige tha fios nach eil iad aca fhathast. Agus na sìthichean? Uill, am biodh duine againn deònach a ràdh nach eil iad am falach anns an t-sìthean fhathast?!
Tha tòrr rudan tarraingeach – agus Gàidhealach – rin lorg anns an sgìre timcheall Dhùn Ad. Bha daingneach ann a bha na phrìomh àros aig rìghrean seann rìoghachd Dhal Riata. Agus tha lorg-coise ainmeil anns a’ chreig gu h-àrd. A rèir beul-aithris bhiodh na rìghrean air am pòsadh don talamh le bhith a’ cur cas ann.
Ach cò chruthaich an lorg-coise? Tha beul-aithris ag innse dhuinn gur e Oisean a bh’ ann. Oisean mac Fhinn. Bha e a’ sealg sa mhonadh nuair a thionndaidh damh fiadhaich air. Leum Oisean às an àite agus thàinig a chas sìos air creag Dhùn Ad, a’ fàgail na luirg-coise a chì sinn an-diugh.