FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Travels in Another Country

Chan ann tric a chluinneas no a leughas sinn bàrdachd Ghàidhlig a tha a-mach air rùrachd – no foraging.

Audio is playing in pop-over.

Travels in Another Country

Chan ann tric a chluinneas no a leughas sinn bàrdachd Ghàidhlig a tha a-mach air rùrachd – no foraging. Tha mi a’ ciallachadh le sin cruinneachadh, mar eisimpleir, dhearcan no measan eile, seach a bhith a’ sealg nam fiadh no ag iasgach nam breac. Tuigidh sibh gun robh mi gu math toilichte nuair a leugh mi dàn à Siorrachd Pheairt anns a bheil a’ bhana-bhàrd a’ dèanamh iomradh air rùrachd.

ʼS i Mairearad Ghriogarach a sgrìobh an dàn. Tha e am measg trithead ʼs a ceithir òrain a sgrìobh i. Bha Mairearad beò eadar meadhan an ochdamh linn deug agus tràth san naoidheamh linn deug.

Thogadh i ann an Garbh-chrìochan Pheairt – am measg nan Gàidheal. Bha a h-athair à Bràigh Raineach. Nuair a chaidh i gu foghlam agus dreuchd ann am Baile Pheairt, bha an cianalas oirre – agus sgrìobh i mu dheidhinn. Seo an dàrna agus treas rann de dh’aon dàn a sgrìobh i. Èistibh airson nam faclan – dearcan ‘berries’ agus meas ‘fruit’:

Thug mi tamall an toiseach gun sprochd orm no sgìths,

Rè an latha ri fuaigheal, gun smuaineach’ air nì,

Gus an cual’ mi na dearcan bhith gan reic airson fiach,

Ghrad-bhuail e am bheachd-sa, Coire Bhacaidh nam fiadh.

ʼS truagh gun bhith an Leitir Dhubh Lachlainn, ʼs ann a chaisginn mo mhiann,

Gheibhte iomadach meas ann, gun neach a’ farraid am prìs;

Coire gaolach mo chridh’ am biodh iasg is sitheann gun dìth,

Meug is bainne gun airceas, ʼs cha b’ iad na drapagan tì.

Tha Mairearad a’ cuimhneachadh mar a bhiodh i a’ faighinn nan dearcan an-asgaidh nuair a bha i a’ fuireach sna Garbh-chrìochan. Tha i air a tàmailteachadh gun robh aice ri pàigheadh air an son ann am Baile Pheairt.

Thàinig an dàn seo gu m’ aire nuair a bha mi a’ leughadh an leabhair a dh’ainmich anns an Litir mu dheireadh – Travels in Another Country: A Guide to Gaelic Scotland le Coinneach MacGill-Eain. Tha an leabhar làn fiosrachaidh mu dhualchas nan Gàidheal anns gach sgìre far an robh a’ Ghàidhlig ga bruidhinn. Bidh am fiosrachadh feumail do dhaoine a tha a’ toirt seachad seirbheis do luchd-turais anns an latha an-diugh – agus san latha a-màireach.

Na chunntas mu Shiorrachd Pheairt, tha Coinneach ag innse dhuinn mu mhairsinneachd na Gàidhlig anns an fhicheadamh linn, mu eachdraidh nam madaidhean-allaidh, mu Dhiùcan Athall, agus cuid dhiubh taiceil don Ghàidhlig, Gàidheil san arm, Beul-aithris na sgìre, Clach Sgàin agus grunn rudan eile. Tha bàrdachd Mairearad Ghriogarach am measg sin.

Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn mar a chuala e neach-iùil ag innse do luchd-turais nach robh càil ri fhaicinn air an rathad eadar Inbhir Nis agus Peairt, agus nach robh ainm-àite Gàidhlig ann deas air Athall. Tha Coinneach còir a’ cur sin ceart!

Mo bheannachd aige airson an leabhar seo a sgrìobhadh. Cho luath ʼs a chluinneas sinn daoine ag ràdh, ‘Cha robh Gàidhlig riamh air a bruidhinn an seo’, faodaidh sinn an stiùireadh chun an leabhair seo. Eadar Baile Dhùn Èideann agus Eilean Leòdhais mu thuath, eadar Gall-Ghàidhealaibh agus Siorrachd Obar Dheathain, tha dualchas Gàidhealach ann as fhiach a thaisbeanadh do luchd-turais agus dhuinn fhèin.

Litir 1377 Litir 1377

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!