FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Uilleam Ros (1)

Aig an àm seo a h-uile bliadhna, bidh daoine air

Audio is playing in pop-over.

Uilleam Ros (1)

Aig an àm seo a h-uile bliadhna, bidh daoine air feadh Alba, agus ann am mòran dùthchannan eile, a’ comharrachadh beatha bàird. Cha leig mi leas innse dhuibh cò th’ ann – bidh fios agaibh mar thà. Rugadh Raibeart Burns air a’ chòigeamh latha fichead dhen Fhaoilleach o chionn dà cheud, dà fhichead bliadhna ’s a dhà.

Chan eil teagamh ann mu thàlant Bhurns - bha e na bhàrd air leth. Ach tha aon rud ann mu dheidhinn, feumaidh mi aideachadh, a tha a’ cur dragh orm. ’S e sin an dòigh sam bi muinntir na Gaidhealtachd a’ comharrachadh Bhurns – bàrd nach robh air a thuigsinn gu ìre mhòir sam bith air a’ Ghaidhealtachd nuair a bha e bèo – agus mar a tha iad, aig an dearbh àm, a’ dìochuimhneachadh nam bàrd aca fhèin. Anns an t-Srath, ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, agus ann an Geàrrloch ann an Ros an Iar, tha e nas buailtiche gum bi Suipear Bhurns ann na rud sam bith a’ comharrachadh bàrd Gàidhealach.

Carson a thagh mi an dà àite sin? Uill, tha deagh adhbhar agam. Dìreach trì bliadhna as dèidh breith Raibeirt Bhurns ann an Siorrachd Adhair, rugadh fear anns an t-Srath, faisg air an Ath Leathann, anns an Eilean Sgitheanach, a bha e fhèin gu bhith na bhàrd air leth. B’ esan Uilleam Ros. Chuir e seachad bliadhnaichean ann an Geàrrloch, an sgìre dhan do bhuin a mhàthair.

Bha an dithis bhàrd faisg air a bhith co-aimsireil. Bha Ros trì bliadhna na b’ òige na Burns agus chaochail e sia bliadhna roimhe. Bha e dìreach ochd bliadhna fichead a dh’aois nuair a fhuair e bàs.

Nuair a bha Uilleam òg, ghluais e fhèin is a phàrantan gu Farrais ann an Siorrachd Mhoireibh, far an d’ fhuair e oideachadh math anns an sgoil. An uairsin, chaidh iad a dh’fhuireach ann an Geàrrloch. Bha athair na cheannaiche – fear dhen t-seòrsa a bhios a’ siubhal – agus ’s ann tric a bhiodh e ag obair anns na h-Eileanan Siar. Rachadh Uilleam ann cuide ris uaireannan, a’ cur ris a’ bheartas-cànain a bha e a’ càrnadh na cheann. Thathar ag ràdh gu robh e dhen bheachd gur e an t-àite far an cuala e a’ Ghàidhlig a b’ fheàrr – taobh siar Eilein Leòdhais.

Chuir e seachad ùine cuideachd ann am pàirtean eile dhen Ghaidhealtachd – ann an Siorrachd Pheairt is Earra-Ghaidheal gu h-àraidh, agus tha e coltach gun do sgrìobh e mòran de a chuid bhàrdachd aig an àm sin. Gu mì-fhortanach, chailleadh mòran dhith.

Thill e a Gheàrrloch agus fhuair e obair mar mhaighstir-sgoile, agus b’ e sin a dhreuchd nuair a dh’fhàs e tinn leis a’ chaitheimh, agus leis a’ chuing, neo leis a’ mhùchadh mar a chanas muinntir Gheàrrloch. B’ iad sin na tinneasan a thug bàs dha.

Uill, ’s dòcha. Dh’fhuiling Uilleam cuideachd le tinneas dhen t-seòrsa nach urrainn do dhotair càil a dhèanamh mu dheidhinn – an gaol. Nuair a bha e ann an Leòdhas, fhuair e eòlas air tè air an robh “Ros” cuideachd mar ainm – Mòr Ros, à Steòrnabhagh. Agus sgrìobh e dàn anns a bheil i air a h-ainmeachadh – “Feasgar Luain”. “Ge b’ ann air chuairt, neo thall an cuan,” sgrìobh e, “gum bi mi smuainteach ort gu bràth.”

Ach, cha do ghabh Mòr gaol cho trom air Uilleam. Agus bha sin air a bhith brònach ach a-mhàin airson aon rud. Dh’fhàg briseadh-cridh’ a’ bhàird dàn, neo òran, againn, a th’ air a sheinn fhathast an-diugh, agus a tha am measg nan òran as breàgha a thàinig a-riamh às a’ Ghaidhealtachd. Bheir sinn sùil air an ath sheachdain.

Litir 86 Litir 86 Litir 88 Litir 88

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!