Tha sinn air a bhith a’ cuimhneachadh a’ Chiad Chogaidh thar nan trì
bliadhna a dh’fhalbh, oir    tha ceud bliadhna air a dhol seachad bhon uairsin. Am
    measg nan ceanglaichean iongantach a chaidh a thogail anns a’ chogadh, bha
    fear eadar mìltean de shaighdearan Gàidhealach agus Bedford ann an Sasainn.
    Tha na saighdearan air an cuimhneachadh mar ‘The Bedford Highlanders’.
    Bhuineadh na saighdearan don Highland Division, agus bha iad air
    an tarraing às na Gòrdanaich, na Sìophortaich, Rèisimeid Earra-Ghàidheal is
    Chataibh agus na Camshronaich. Chaidh iad ann an toiseach anns an Lùnastal
    naoi ceud deug is ceithir-deug (1914). Bha iad ann airson costa ceann a
    deas Shasainn a dhìon. Ach tro thìde, dh’atharraich an t-amas aca. Anns a’
    Chèitean naoi ceud deug is còig-deug (1915), dh’fhalbh iad chun na Frainge
    airson a dhol an sàs anns an t-sabaid anns na trainnsichean.
    Chaidh iad a Bhedford air còrr is seasgad trèana. Taobh a-staigh dà latha,
    ràinig seachd mìle deug duine à ceann a tuath na h-Alba am baile. Chan
    fhaca Bedford a leithid riamh. Dh’fhaighnich boireannach de shaighdear cò
    às a bha iad agus fhreagair e, ‘Ross-shire’. Cha robh i eòlach air a’
    chainnt aige agus chuala i ‘Russia’. Chaidh fathann timcheall gur ann às an
    Ruis a bha iad!
    Ach, dhaibhsan a bha eòlach air Alba, cha robh mì-chinnt
    ann. Bha fèilidhean air na saighdearan. Bha pìobairean a’ seinn am pìoban
    mòra. Bha cuid mhath de na saighdearan a’ fuireach còmhla ri teaghlaichean
    anns na dachannan aca, agus fhuair an dà shluagh air adhart gu math. Bha na
    goireasan dachaigh ùr do chuid às a’ Ghàidhealtachd – uisge – fuar agus
    teth – a’ ruith à tapaichean, agus gas airson còcaireachd. Cha robh sgeul
    air tobraichean no teintean mònach!
    Tha làrach-lìn ann air a bheil ‘The Bedford Highlanders’ agus ʼs fhiach a
    choimhead oirre. Tha dealbhan iongantach oirre de shaighdearan Gàidhealach
    ann am Bedford aig an àm sin.
    Bha iad an sàs ann an trèanadh is deisealachadh airson a’ chogaidh. Bha iad
    a’ drileadh. Dh’ionnsaich iad sgilean gunna is sabaid, chladhaich iad
    trainnsichean mar a bhitheadh thall sa Bheilg no san Fhraing, agus
    dh’ionnsaich feadhainn mu theicneòlas ùr – mar a chuireadh iad loidhnichean
    fòn an sàs. Bha na pàircean làn shaighdearan, each agus leth-asalan.
    Nuair a thàinig Oidhche Challainn, bha iomagain air muinntir a’ bhaile mun
    dol a-mach aig na saighdearan. Am biodh iad fo smùid agus mì-rian? Chaidh
    fathann timcheall gun robh iad a’ dol a chur fèileadh beag air an ìomhaigh
    de John Bunyan anns a’ bhaile! Aig a’ cheann thall, cha robh trioblaid ann.
    Bha dannsadh ann agus seinn ach cha robh e mì-rianail. Agus cha d’ fhuair
    Bunyan fèileadh air!
    Aig àm na Càisge, bha geamannan Gàidhealach ann. Ghabh mìle is ceithir
    cheud duine àite sna farpaisean agus bha ceithir mìle deug neach-amhairc a’
    coimhead orra.
    Agus chan ann a-mhàin à ceann a tuath na h-Alba a bha na saighdearan.
    Thàinig feadhainn, a bh’ air am beò-ghlacadh le fèin-ghiùlan nan Gàidheal,
    às an sgìre fhèin, agus feadhainn à Lunnainn. Ach bha aon duilgheadas mòr
    ann agus b’ e sin galar. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn sin anns an ath
    Litir.