An t-seachdain sa chaidh, chuir mi ceist oirbh: dè a’ Ghàidhlig a th’ air perennial plant, an seòrsa a bhios beò fad grunn bhliadhnaichean neo
iomadh bliadhna. Uill, dh’fhaodadh tu ràdh lus bith-bheò ris. Tha bith-bheò na bhuadhair a tha a’ ciallachadh beò airson ùine mhòir neo
beò gu sìorraidh. Uill, chan eil rud sam bith beò gu sìorraidh. Ach tha lusan bith-bheò beò airson ùine mhòir.
Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Astràilia bha mi gu math measail air lus beag a tha a’ fàs gu h-àrd anns na beanntan. Tha flùr air a tha uabhasach snog.
Tha e buidhe agus, leis gu bheil e tioram mar phàipear, tha e a’ maireachdainn airson ùine mhòir mhòir fiù ’s nuair a tha e air a spìonadh.
Canaidh daoine, ann am Beurla, everlasting daisy ris. Agus dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid air? Uill, ’s i a’ Ghàidhlig air daisy – neòinean. Agus dè a’ Ghàidhlig airson everlasting? Uill, chanainn gun deanadh dà fhacal a’ chùis – sìorraidh, neo bith-bhuan. Dh’fhaodadh gur i a’ Ghàidhlig as fheàrr air a lus – neòinean bith-bhuan.
Canaidh sinn buan ri rudan a bhios a’ seasamh airson ùine mhòir. Chanadh na seann daoine air a’ Ghàidhealtachd cruaidh mar an fhraoch is buan mar a’ ghiuthas. Uaireannan, cluinnidh sibh an dà fhacal, sìorraidh agus buan, còmhla. Mar
eisimpleir, nuair a tha thu a’ ciallachadh for ever and ever, dh’fhaodadh tu ràdh gu sìorraidh buan.
Chan eil flùraichean nan neòineanan Albannach bith-bhuan, ged a tha na lusan fhèin bith-bheò. Agus tha an t-ainm air an lus ann an Laidinn ag innse gu
bheil an lus bith-bheò. ’S e Bellis perennis a th’ air; tha sin a’ ciallachadh bòidhchead bhith-bheò. Ainm snog, nach e?
Tha na h-ainmean airson an luis seo, ann am Beurla agus Gàidhlig, gu math inntinneach cuideachd. Tha daisy a’ tighinn bho day’s eye; tha
mi a’ dèanamh dheth gur e is coireach airson sin gu bheil am flùr a’ fosgladh anns a’ mhadainn agus a’ dùnadh aig ciaradh an fheasgair, agus gu bheil e car
coltach ri sùil. Ann an Gàidhlig tha an t-ainm neòinean co-cheangailte ris an t-seann fhacal Gàidhlig nòin a tha a’ ciallachadh meadhan-latha neo noon ann am Beurla. An neòinean – the noon flower.
Ach ann an Eirinn tha nòin a’ ciallachadh feasgar. Agus canaidh muinntir na h-Eireann tráthnóna – àm an fheasgair – far an canamaid fhèin
feasgar.
Ach nach eil e car annasach gu bheil nòin a’ ciallachadh feasgar ann an Eirinn agus meadhan-latha an seo? Uill, tha e coltach gur iad na h-Eireannaich a
tha nas fhaisg’ air an t-seann chiall. Thàinig nòin bhon fhacal Laidinn nona a tha a’ ciallachadh an naoidheamh uair. Sin an naoidheamh uair air
an uaireadair bho thoiseach an latha. Agus, anns an t-seann aimsir, bha an naoidheamh uair dhen latha aig trì uairean feasgair.
Ach mus fhàg sinn nòin, dè a’ Ghàidhlig a th’ air solar eclipse? Bha a leithid againn an-uiridh, agus ’s e dubhadh na grèine a bha daoine
ag ràdh. Ach, o shean, bha facal eile ann – nòin-dhorchadh – the noon-darkening. Chan eil an dorchadh ann fada don chuid as motha de dhaoine. Ach
tha do aon bhuidheann – an fheadhainn a th’ air an dèanamh dall le bhith a’ coimhead air a’ ghrèin. Dhaibhsan, gu mi-fhortanach, tha an nòin-dhorchadh
bith-bhuan.