Tha mi a’ dol a thoirt facal ùr dhuibh.  Barbrag. Uill, tha mi an dùil gu bheil e ùr don chuid as motha agaibh. Dè th’ ann am barbrag? ’S e lus
        a th’ ann – lus dùthchasach air a bheil  barberry ann am Beurla. Tha luchd-saidheans eòlach air mar  Berberis vulgaris.
    
    
        Chan eil an t-ainm  barbrag ag innse dhuinn mòran mun lus fhèin. Ach tha dà ainm Ghàidhlig eile air a shon a tha a’ dèanamh nàdar de
        thuairisgeul air –  am preas deilgneach  agus preas nan geur-dhearc. Tuigidh sibh gu bheil an lus deilgneach, no  
        droighneach. Agus tuigidh sibh nach eil blas milis air a chuid dhearcan.
    
    
Carson a tha m’ inntinn air a’ bharbraig an-diugh? Uill, tha a chionn ’s gun robh mi a’ coimhead airson ainm Gàidhlig air lus de sheòrsa eile – am         Mahonia. Cha do lorg mi a leithid – ach tha  Mahonia agus  Berberis dlùth-chàirdeach do chèile. Tha iad anns an aon teaghlach
        – na Berberidaceae.
    
    
        Tha  Berberis de sheòrsa eile a’ fàs anns an leas agam. Tha, agus dà sheòrsa de  Mahonia. Tha Mahonia aquifolium  agam – lus
        brèagha leis an ainm Bheurla Oregon Grape.  Tha e dùthchasach do thaobh an iar Ameireagaidh a Tuath. Agus tha Mahonia napaulensis  agam
        – lus làidir le duilleagan car coltach ri duilleagan cuilinn, air am bi  dìtheanan buidhe a’ nochdadh – gu snog – ann am meadhan a’
        gheamhraidh.
    
    
        Ach carson a tha  Mahonia napaulensis air m’ inntinn? Uill, a chionn ’s gum faca mi e o chionn ghoirid a’ fàs – gu nàdarrach ann an coille –
        anns an dùthaich dham buin e. Ma tha sibh tuigseach mu ainmean lusan, tuigidh sibh gum buin  Mahonia napaulensis  do Neapal. Bha mi anns a’
        Hiomaileatha. Agus tha an lus sin a’  fàs anns na coilltean Hiomaileathach mar phreas no eadhon mar chraobh bheag.
    
    
        Chan eil ainm Gàidhlig agam air a shon ach, mar a bhiodh dùil, tha ainm Neapalach ann –  mandre chutro. Agus thathar ga chleachdadh anns an
        dòigh seo gu traidiseanta: bithear a’ faighinn sùgh bhon rùsg, bithear ga ghoil agus, nuair a tha e fuar, bithear ga chur air sùil duine a tha feumach
        air. Tha e na leigheas airson neul-sùla, rud ris an canar ann am Beurla “cataract”–  neul-sùla. Chan urrainn dhomh a ràdh co-dhiù tha e ag
        obair mar leigheas gus nach eil.
    
    
        Chan eil fios agam cò a’ chiad duine a thug  Mahonia napaulensis a-mach à Neapal gu ruige dùthchannan an taoibh an iar, ach tha deagh theans
        gur e Albannach a bh’ ann. Tha e iongantach na bh’ ann de dh’Albannaich a chruinnich lusan thall thairis anns an ochdamh is naoidheamh linn deug. Tha
        mi cinnteach gun cuala sibh mu Dhaibhidh Dùbhghlas à Siorrachd Pheairt a thug ainm do  Ghiuthas an Dùbhghlasaich  no an Douglas Fir.
    Ach bha gu leòr eile ann à Alba a rinn an dearbh sheòrsa rud thall thairis – daoine mar Sheòras Forrest ann an Sìonaidh, Daibhidh Lyall ann an Ameireagaidh
    a Tuath agus Sealan Nuadh, agus Raibeart Fortune ann an Sìonaidh agus Iapan; ’s e Fortune a thug  Mahonia japonica a Bhreatainn.
    Am measg an luchd-cruinneachaidh bha co-dhiù dithis aig an robh Gàidhlig. Bheir sinn sùil air beatha fear aca an ath-sheachdain.