Ri taobh rathad mòr an A9 aig Druim Uachdair, chìthear beinn mhòr air a bheil An Torc, no ann am Beurla, The Boar of Badenoch. Thathar ag
ràdh gur e cumadh na beinne as coireach ris an ainm. Tha i coltach ri druim tuirc, gu h-àraidh bhon cheann a tuath. Ach tha cuideachd stòiridh ann,
co-cheangailte ris a’ bheinn, gu bheil taibhs-tuirc a’ tathaich oirre.
Gu deas air an Torc, tha beinn air a bheil The Sow of Atholl. Tha seann ainm oirre cuideachd, a th’ air na mapaichean fhathast – Meall an Dobharchain. Tha cuid a’ dèanamh dheth gu bheil sin a’ ciallachadh the hill of the watercress ach chan eil sin ro choltach
dhòmhsa. Saoilidh mi gu bheil Meall an Dobharchain a’ ciallachadh the hill of the boundary, stèidhichte air an t-seann fhacal dobhar, a
bha a’ ciallachadh ‘crìoch eadar dà oighreachd’ (uaireannan stèidhichte air uisge, ’s dòcha, oir bha dobhar cuideachd a’ ciallachadh ‘uisge’).
Agus dè bha eadar Meall an Dobharchain agus an Torc? Bha a’ chrìoch eadar Athall is Bàideanach. Sin far a bheil i fhathast.
Tha amharas agam gur ann am Beurla a chaidh an t-ainm Sow of Atholl a chruthachadh mar sgàthan air The Boar of Badenoch, ach chan urrainn
dhomh a bhith cinnteach às a sin. Chaidh aithris ann an naoi ceud deug is seachd-deug (1917) gur e A’ Mhuc Athallach a bh’ oirre mar ainm ann an
Gàidhlig. Ach an robh sin na eadar-theangachadh air a’ Bheurla, no am buineadh an t-ainm do sheann dualchas Gàidhlig? Ma tha fios agaibh fhèin air a’
ghnothach, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.
Tha adhbhar eile ann airson ainm an tuirc-nimhe a bhith air clàr-dùthcha na Gàidhealtachd, a bharrachd air cumadh beinne no gun robh am beathach sin beò
ann uaireigin. ’S e sin gu bheilear ag aithneachadh àiteachan far an robh tuirc ann, a rèir beul-aithris. Agus tha beul-aithris a’ cur gu mòr ri sealladh
nan Gàidheal air a’ Ghàidhealtachd.
Mar eisimpleir, tha Loch an Tuirc agus Càrn Loch an Tuirc ann an Ros an Ear, deas air Beinn Uais. Agus rin taobh tha Beinn a’ Ghuilbein. Far am faicear guilbein no gulbain no a leithid co-cheangailte ri beinn, ’s ann tric a tha an stòiridh ainmeil Diarmad agus Gràinne stèidhichte
ann. Anns an sgeulachd sin, tha Diarmad a’ marbhadh torc-nimhe, ach tha an torc-nimhe cuideachd ag adhbharachadh bàs a’ ghaisgich.
An e sin as coireach ris an ainm-àite Càrn an Tuirc eadar Gleann Sìth agus Bràigh Mhàrr? Faisg air làimh tha Beinn Ghulbain, an t-àite as
ainmeile ann an Alba airson stòiridh Dhiarmaid agus Gràinne. ’S ann air Beinn Ghulbain a chaidh an torc, agus Diarmad, a mharbhadh.
Faisg air Loch an Lagain, deas air Creag Mèagaidh, tha cnoc ann air a bheil Tòrr a’ Ghuilbinn. Faisg air, tha Lochan an Tuirc. ’S
iongantach mura h-e beul-aithris as coireach ri ainmeachadh an tuirc an sin cuideachd.
An e sin e
airson nam beathaichean a bha uaireigin ann an Alba agus a chaidh à bith? Uill, chan e buileach. An-ath-sheachdain, anns an Litir mu dheireadh air a’
chuspair seo, bheir sinn sùil air dà chreutair a thugadh air ais a dh’Alba, agus a nochdas ann an ainmean-àite. Agus cuiridh mi geall gun cuir fear dhiubh
iongnadh oirbh. Chun na h-ath-sheachdain, ma-thà, beannachd leibh.