Tì agus Raibeart Fortune
				              
    
        I [can] still remember the first time I had a cup of coffee in
        Applecross. I was visiting an old woman. She said to me, ‘Will you have
        a cup of tea, Ruairidh?’ Before I answered her, she changed her
        opinion. ‘Or would you prefer coffee?’
    
    
        That was in the seventies. Before that, I don’t remember seeing coffee
        in Applecross, not to mention drinking it. My grandmother would take
        tea all day long from dawn to dusk.
    
    
        It’s difficult to think of Scotland without tea. But there was a time
        when the tea we know today was not in Europe at all. Now, some people
        grow it in Scotland itself. I was in Lismore last year. Where I was
        staying, tea was being grown on the croft.
    
    
        Scots were involved in encouraging the tea-growing business a long time
        ago. For example – Robert Fortune. In the middle of the nineteenth
        century, he was in China. He stole tea plants for the British East
        India Company.
    
    
        That was against the law and Fortune’s work was dangerous. He went
        around in the guise of a Chinese merchant. He went to places where no
        European had been before.
    
    
        He bought tea plants and he got them to Hong Kong. From there, they
        went on a ship to India.
    
    
        Initially, it’s green tea he was collecting. But there was a big demand
        for black tea. Fortune went out and collected black tea. In February
        1851 he left Shanghai to go to India.
    
    
        In addition to plants and seed, he took with him a team of Chinese
        farmers. They were skilled in growing tea. They were to have a new life
        in the Himalaya in India. And India was to have a big new business –
        one that continues to this day.
    
    Anyway, it’s time for me to go and get a cup of tea – or will I perhaps
    have a coffee?
				             
				            
				              Tea and Robert Fortune
				              
    Tha cuimhne agam fhathast air a’ chiad turas a fhuair mi cupa cofaidh air
    a’ Chomraich. Bha mi a’ tadhal air seann bhoireannach. Thuirt i rium, ‘An
    gabh thu copan teatha, a Ruairidh?’ Mus do fhreagair mi i, dh’atharraich i
    a beachd. ‘No am b’ fheàrr leat cofaidh?’
    Bha sin anns na seachdadan. Roimhe sin, chan eil cuimhne agam air cofaidh
    fhaicinn air a’ Chomraich, gun luaidh air òl. Bhiodh mo sheanmhair a’
    gabhail tì – no teatha – fad an latha o mhoch gu dubh.
    Tha e doirbh a bhith a’ smaoineachadh air Alba às aonais tì. Ach bha uair
    ann nuair nach robh an tì, air a bheil sinn eòlach an-diugh, anns an Roinn
    Eòrpa idir. A-nise, tha feadhainn ga fàs ann an Alba fhèin. Bha mi ann an
    Lios Mòr an-uiridh. Far an robh mi a’ fuireach, bhathar a’ fàs tì air a’
    chroit.
    Bha Albannaich an sàs ann a bhith a’ brosnachadh gnìomhachas fàs na tì o
    chionn fhada. Mar eisimpleir – Raibeart Fortune. Ann am meadhan an
    naoidheamh linn deug, bha esan ann an Sìonaidh. Ghoid e lusan tì airson
    Companaidh Bhreatannach nan Innseachan an Ear.
    Bha sin an aghaidh an lagh agus bha an obair aig Fortune cunnartach. Chaidh
    e timcheall ann an riochd marsantach Sìneach. Chaidh e gu àiteachan far
    nach robh Eòrpach sam bith roimhe.
    Cheannaich e lusan tì agus fhuair e iad gu Hong Kong. Às a sin, chaidh iad
    air long chun nan Innseachan.
    An toiseach, ʼs e tì uaine a bha e a’ cruinneachadh. Ach bha fèill mhòr air
    tì dhubh. Chaidh Fortune a-mach agus chruinnich e tì dhubh. Anns a’
    Ghearran ochd ceud deug, caogad ʼs a h-aon (1851) dh’fhàg e Shanghai airson
    a dhol do na h-Innseachan.
    A bharrachd air lusan is sìol, thug e leis sguad de thuathanaich Shìneach.
    Bha iad sgileil ann a bhith a’ fàs tì. Bha beatha ùr gu bhith aca anns an
    Hiomalaithea anns na h-Innseachan. Agus bha gnìomhachas mòr ùr gu bhith aig
    na h-Innseachan – fear a mhaireas chun an latha an-diugh.
    Co-dhiù, tha an t-àm agam falbh airson cupa tì fhaighinn – no saoil an gabh
    mi cofaidh?