Eddrachillis Bay
				              
North of Assynt, on the western sea-board   of   Scotland,   there   is
Eddrachillis	Bay.  Eddrachillis.  It
comes  from  the  Gaelic  Eadar  Dà
Chaolas  [“between	two	kyles”].
Eadar Dà Chaolas – Eadrachaolas
– Eddrachillis. But what are the two
kyles (narrows) in the name?
 
I  was  looking  recently  at  the
Atlas Maior. The Atlas is books of
old maps. Joan Blaeu published the
book in the Netherlands in 1665. On
Blaeu’s maps, part of the north-west
of  Scotland  is  named  as  Edir-da-cheules.  It’s  not  a  bay,  but  a
geographical area.		
			
			
 On Blaeu’s map, the area runs
from  the  Kyle  of  Durness  in  the
north to Kylesku in the south. Those
are the two kyles (narrows). Eadar
Dà Chaolas was the area between
the  Kyle  of  Durness  and  Kylesku.
The name of the bay – Eddrachillis
Bay – remembers the old name of
the area.			
 The word eadar appears often
in place names. There is Eadar Dà
Fhadhail (between two sea-fords) in
Uig in Lewis. In Harris, there are
two hills called Giolabhal Glas and
Giolabhal  Dubh.  There  is  a  hill
between  them.  The  hill’s  name  is
Cnoc Eadar Dà Bheinn.
 Near Glenbrittle on Skye there
is a pass between Beinn Stac and
Beinn a’ Bhràghad. The name of the
pass is Bealach Eadar Dà Bheinn
(pass   between   two   mountains).
There is a pass of the same name in
Stirlingshire.  And  there  is  Loch
Eadar  Dà  Bheinn  in  Coigach  in
Wester  Ross.  In  Raasay,  between
Baile  Meadhanach  and  Baile  a’
Chùirn, there is a loch. The loch is
called Loch Eadar Dà Bhaile.
 And  there  is  Meall  Eadar  an
Dà Chuinneag in Easter Ross. There
are two hills there called A’ Chuinneag  (“the  milk  pail,  stoup”).  A’
Chuinneag Mhòr and A’ Chuinneag
Bheag. There is another mountain in
Assynt  called  A’  Chuinneag.  On
Blaeu’s map it is Ben Quinag that is
written. And that is how it is on the
maps  today  –  Quinag.  But  locals
call her Cuinneag. And we say A’
Chuinneag  in  Gaelic.  From  the
summit of A’ Chuinneag, you get a
good view of Eddrachillis.
 
 
				             
				            
				              Eddrachillis Bay
				              
Gu tuath air Asainte, air taobh an iar na
h-Alba,	tha	Eddrachillis	Bay.
Eddrachillis.  Tha  e  a’  tighinn  bhon
Ghàidhlig Eadar Dà Chaolas. Eadar Dà
Chaolas – Eadrachaolas – Eddrachillis.
Ach dè an dà chaolas anns an ainm?	
				
				
  Bha  mi  a’  coimhead  o  chionn
ghoirid air an Atlas Maior. ’S e an Atlas
leabhraichean  de	sheann	mhapaichean.
Dh’fhoillsich Joan Blaeu an leabhar anns
an Òlaind ann an sia ceud deug, seasgad
’s   a   còig   (1665).   Air   mapaichean
Bhlaeu, tha pàirt de cheann an iar-thuath
na   h-Alba   ainmichte   mar   Edir-da-cheules.  Chan  e  bàgh  a  tha  ann,  ach
sgìre.				
  Air mapa Bhlaeu, tha an sgìre a’
ruith  bho  Chaolas  Dhiùrinis  anns  a’
cheann  a  tuath  gu  ruige  an  Caolas
Cumhang anns a’ cheann a deas. ’S iad
sin an dà chaolas. B’ e Eadar Dà Chaolas
an sgìre eadar Caolas Dhiùirinis agus an
Caolas Cumhang. Tha ainm a’ bhàigh –
Eddrachillis  Bay  –  a’  cuimhneachadh
seann ainm na sgìre.		
				
  Tha am facal eadar a’ nochdadh
gu tric ann an ainmean-àite. Tha Eadar
Dà Fhadhail (Ardroil) ann an Sgìre Ùige
ann an Leòdhas. Anns na Hearadh, tha
dà  bheinn  air  a  bheil  Giolabhal  Glas
agus Giolabhal Dubh. Tha cnoc eatarra.
’S  e  ainm  a’  chnuic  Cnoc  Eadar  Dà
Bheinn.
  Faisg  air  Gleann  Bhreatail  anns
an Eilean Sgitheanach, tha bealach eadar
Beinn Stac agus Beinn a’ Bhràghad. ’S e
ainm  a’  bhealaich  Bealach  Eadar  Dà
Bheinn. Tha bealach dhen aon ainm ann
an Siorrachd Shruighlea. Agus tha Loch
Eadar Dà Bheinn anns a’ Chòigich, air
taobh siar Rois. Ann an Ratharsair, eadar
am  Baile  Meadhanach  agus  Baile  a’
Chùirn,  tha  loch.  ’S  e  ainm  an  locha
Loch Eadar Dà Bhaile.
  Agus  tha  Meall  Eadar  an  Dà
Chuinneag ann an taobh sear Rois. Tha
dà   bheinn   an   sin   air   a   bheil   A’
Chuinneag. A’ Chuinneag Mhòr agus A’
Chuinneag Bheag. Tha beinn eile air a
bheil  A’  Chuinneag.  Ach  air  mapa
Bhlaeu ’s e Ben Quinag a tha sgrìobhte.
Agus tha i mar sin air na mapaichean an-diugh – Quinag. Ach canaidh muinntir
an  àite  Cuinneag  rithe.  Agus  canaidh
sinn A’ Chuinneag ann an Gàidhlig. Bho
mhullach  na   Cuinneig,   gheibh  sibh
sealladh math de dh’Eadar Dà Chaolas.