Borve
				              
I’m  looking  at  a  picture  (photograph)  just  now.  It  is  of  an  old
Gaelic  village.  There  are  thatched
houses in the village.
 The  village  was  on  a  small
island. The island is still there. But
the village is  not there. The  people
left a long time ago.
 The island is Boreray. Boreray
means  “fort-island”  in  Old  Norse.
It’s  close  to  North  Uist  and  Berneray. I understand there is only one
person living there today.
 But  in  1904,  when  the  picture
was  taken,  there  was  a  community
there.  The  picture  was  taken  by  a
certain  Erskine  Beveridge.  Beveridge  was  from  Dumfermline  but  he
was  particularly  fond  of  the  Highlands.  At  the  start  of  the  twentieth
century,   he   bought   an   estate   in
North Uist. And he built a house on
[the island of] Vallay, near the coast
of Uist.
 The picture of  Boreray  is  in a
collection of old photographs. They
appeared  recently  in  a  book  called
Wanderings   with   a   Camera   in Scotland. There are other places in
the  Western  Isles  in  the  book.  And
there are also Coll, Tiree, Lismore,
Lochaber,  Argyll,  Perthshire  –  and
Fife. Some of the best photos in the
book are of the small fishing villages
in Fife.
 Beveridge  was  a  businessman.
He was wealthy.  He  was interested
in  archaeology,  history  and  photography [camera work].
 In 1896 he had holidays in Coll
and  Tiree.  He  did  research  on  the
old  archaeological  sites  on  those
islands. He published a book – Coll
and  Tiree:  Their  Prehistoric  Forts
and Ecclesiastical Antiquities.
He   also   did   research   on
archaeological   sites   in   Uist.   He
published  the  book  North Uist: Its
Archaeology and Topography.
 And   what   happened   to   the
community  in  Boreray?  Well,  the
people left in 1923. That was three
years  after  the  death  of  Erskine
Beveridge.  It  wasn’t  a  clearance.
According  to  the  new  book,  the
crofters themselves were wanting to
leave.
 
 
				             
				            
				              Am Borgh
				              
Tha mi a’ coimhead air dealbh an-dràsta.  Tha  e  de  sheann  bhaile
Gàidhealach. Tha taighean tughaidh
anns a’ bhaile.		
Bha am baile air eilean beag.
 Tha  an  t-eilean  fhathast  ann.  Ach
chan eil am baile ann. Dh’fhalbh na
daoine o chionn fhada.	
 ’S  e  an  t-eilean  Boraraigh.
Tha Boraraigh a’ ciallachadh “dùn-eilean”  no  “borgh-eilean”  ann  an
seann  Lochlannais.  Tha  e  faisg  air
Uibhist  a  Tuath  agus  Beàrnaraigh.
Tha mi a’ tuigsinn gu bheil dìreach
aon duine a’ fuireach ann an-diugh.
 Ach, ann an naoi ceud deug ’s
a  ceithir  (1904),  nuair  a  bha  an
dealbh air a thogail, bha coimhearsnachd  ann.  Chaidh  an  dealbh  a
thogail le fear Erskine Beveridge. ’S
ann à Dùn Phàrlain a bha Beveridge,
ach  bha  e  gu  math  measail  air  a’
Ghàidhealtachd.   Aig	toiseach an
fhicheadamh   linn,	cheannaich e
oighreachd ann an Uibhist a Tuath.
 Agus  thog  e  taigh  ann  an  Eilean
Bhàlaigh faisg air cladach Uibhist.	
Tha an dealbh de Bhoraraigh
ann  an  cruinneachadh  de  sheann
dealbhan-camara.   Nochd   iad   o
chionn ghoirid ann an leabhar air a
bheil Wanderings with a Camera in
Scotland. Tha àiteachan eile anns na
h-Eileanan  an  Iar  anns  an  leabhar.
Tha, agus Colla, Tiriodh, Lios Mòr,
Loch  Abar,  Earra-Ghàidheal,  Siorrachd Pheairt – agus Fìobh. ’S ann de
na  bailtean  beaga  iasgaich  ann  am
Fìobh a tha cuid de na dealbhan as
fheàrr anns an leabhar.
 ’S e fear-gnothaich a bha ann
am Beveridge. Bha e beartach. Bha
ùidh  aige  ann  an  àrc-eòlas,  eachdraidh agus obair a’ chamara.
 Ann  an   ochd   ceud   deug,
naochad ’s a sia (1896) bha làithean-saora aige ann an Colla is Tiriodh.
Rinn  e  rannsachadh  air  na  seann
làraichean arc-eòlach anns na h-eileanan sin. Dh’fhoillsich e leabhar –
Coll  and  Tiree:  Their  Prehistoric
Forts and Ecclesiastical Antiquities.
Rinn e rannsachadh cuideachd
air  làraichean  arc-eòlach  ann  an
Uibhist.  Dh’fhoillsich  e  an  leabhar
North   Uist:   Its   Archaeology   and
Topography.
 Agus dè thachair don choimhearsnachd  ann  am  Boraraigh?  Uill,
dh’fhalbh na daoine ann an naoi ceud
deug, fichead ’s a trì (1923). Bha sin
trì  bliadhna  às  dèidh  bàs  Erskine
Beveridge.  Chan  e  fuadach  a  bha
ann. A rèir an leabhair ùir, bha na
croitearan fhèin ag iarraidh falbh.