The Black Bodach of Morven (2)
				              
I’m going to finish the story The
Black Bodach of Morven. It’s from
Braemore  in  Caithness.  The  men
were  in  pursuit  of  the  Bodach.
That  was on  the  seventh  of July.
The  Bodach  disappeared  into  an
opening  on  the  mountainside.  He
was  shouting  strange  things  in
Gaelic.  He  was  trying  to  bring
down the mist. But, on the seventh
day of the seventh month, he didn’t
have that capability.
 The  millstone  was  over  the
opening.  The  Bodach  was  firing
arrows  through  the  hole.  Event-
ually, the Bodach threw aside the
stone.  He  jumped  out  and  ran
away.
 The  men  went  inside.  The
cave was full of treasure. The men
stuck an arrow in the ground. That
was to mark the opening. They ran
after the Bodach. The Bodach fell.
The men captured him.
 The Bodach asked them not to
kill  him.  “Take  my  treasure  but
don’t take life,” he  said. “If  you
kill   me,   you’ll   never   get   my
treasure.”
 “Foolishness!” said the men. “How will he take the treasure from us when he is dead?”
 “I took cattle, food and treasure from you,” the Bodach said, “but I did not kill a man. The man who takes a man’s life, he’ll never be rich.”
 The men weren’t listening to him. They made a big fire. They threw the Bodach into the fire.
 They returned to the cave. But there was no sign of the arrow or the stone. There were hundreds of arrows. They were right across the mountain. And they never found the treasure.
 Since that time, some people who were walking on the mountain saw the millstone. They took locals there to see it. But there was no sign of it. And, when there is thun-der on Morven, you’ll understand that that is the Bodach’s voice. He wants people not to go near the treasure – which still belongs to him and to the mountain.
 
				             
				            
				              Bodach Dubh na Mòr-bheinne (2)
				              
Tha  mi  a’  dol  a  chur  crìoch  air  an
sgeulachd   Bodach   Dubh   na   Mòr-bheinne. Tha i às a’ Bhràigh Mhòr ann
an Gallaibh. Bha na fir an tòir air a’
Bhodach. Bha sin air an t-seachdamh
latha dhen Iuchar. Chaidh am bodach à
sealladh tro fhosgladh air cliathaich na
beinne.  Bha  e  ag  èigheachd  rudan
neònach  ann  an  Gàidhlig.  Bha  e  a’
feuchainn  ris  an  ceò  a  thoirt  a-nuas.
Ach, air an t-seachdamh latha dhen t-seachdamh  mìos,  cha  robh  an  comas
sin aige.
Bha clach a’ mhuilinn thairis air
an  fhosgladh.  Bha  am  Bodach  a’
losgadh   saighdean   tron   toll.   Mu
dheireadh, thilg am Bodach a’ chlach
don taobh. Leum e a-mach agus ruith e
air falbh.
Chaidh na fir a-steach. Bha an
uamh   làn   ionmhais.   Chuir   na   fir
saighead  anns  an  talamh.  Bha  sin
airson am fosgladh a chomharrachadh.
Ruith iad às dèidh a’ Bhodaich. Thuit
am Bodach. Chuir na fir an grèim e.
Dh’iarr am Bodach  orra  gun a
mharbhadh. “Thoir m’ ionmhas ach na
toir   mo   bheatha,”   thuirt   e.   “Ma
mharbhas sibh mi, chan fhaigh sibh m’
ionmhas gu bràth.”
“Amaideas!” thuirt na fir. “Ciamar a bheir e an t-ionmhas bhuainn nuair a tha e marbh?”
“Thug mi crodh, biadh is ionmhas bhuaibh,” thuirt am Bodach, “ach cha do mharbh mi duine. Am fear a bheir beatha duine air falbh, cha bhi e beartach a-chaoidh.”
Cha robh na fir ag èisteachd ris. Rinn iad teine mòr. Thilg iad am Bodach don teine.
Thill iad don uaimh. Ach cha robh sgeul air an t-saigheid no air a’ chloich. Bha na ceudan saighdean ann. Bha iad air feadh na beinne. Cha do lorg na daoine an uamh. Agus cha do lorg iad an t-ionmhas.
Bhon uair sin, chunnaic feadh-ainn a bha a’ coiseachd air a’ bheinn a’ chlach mhuilinn. Thug iad muinntir an àite ann airson a faicinn. Ach cha robh sgeul oirre. Agus, nuair a tha tàirn-eanaich air a’ Mhòr-bheinn, tuigidh sibh gur e sin guth a’ Bhodaich. Tha e ag iarraidh air daoine gun a dhol faisg air an ionmhas – a bhuineas fhathast dha fhèin agus don bheinn.