FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Travelling to Tiree A’ siubhal gu Tiriodh

A video with a transcription, translation and vocabulary from the programme ‘Mach à Seo’ Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Mach à Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

A’ siubhal gu Tiriodh

[Ramsay MacMhathain] Madainn Disathairne agus an dèidh dhomh siubhal dhan Òban a-raoir tha mi air bòrd aisig Thiriodh. Bheir i ceithir uairean a thìde a' dol ann, mar sin bha mi gu math tràth air mo chois. Tha i sia uairean sa mhadainn ’s dh’èirich mi mu leth-uair an dèidh còig airson faighinn chun a’ bhàta agus tha mi gu math sgìth. Tha mi a' creidsinn gun aithnich sibh orm gu bheil mi sgìth ach 's fhiach e. Bidh sinn ann an Tiriodh ro dheich uairean sa mhadainn ’s mar sin bidh latha romhainn ’s bidh a h-uile sìon ri dhèanamh. Faodaidh sinn sìon sam bith a dhèanamh a thogras sinn.

[Ramsay MacMhathain] Bha mi a-raoir a’ coimhead air a’ forecast mar a nì a h-uile Albannach air an t-saoghal, dìreach obsessed leis a’ forecast, agus bha i a’ coimhead snog ’s mar sin bha mi dòchasach ’s chuir mi orm briogais ghoirid ach tha mi ga mo ragadh tha mi cho fuar! Ach bidh a’ ghrian a’ deàrrsadh ann an Tiriodh, tha iad ag ràdh gur e microclimate a th’ aca, gu bheil palm trees is tràighean mòra geala aca. Mar sin, bidh e taghta nuair a ruigeas sinn.

[Ramsay MacMhathain] Fuar ’s ged a tha i, tha na seallaidhean dìreach àlainn. Tha mi ann an Tiriodh agus ’s mi a tha toilichte. Feumaidh mi a-nist a' dol a dh’iarraidh a’ bhaidhsagal agus a' faighinn deiseil airson mo chas a chur air tìr.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!