FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Allt Gleann na Gaoithe

Halo a-rithist. Anns an Litir mu dheireadh, dh’iarr mi oirbh

Audio is playing in pop-over.

Allt Gleann na Gaoithe

Halo a-rithist. Anns an Litir mu dheireadh, dh’iarr mi oirbh trì ainmean-àite eadar-theangachadh gu Beurla. Tha mi an dòchas gun deach agaibh air sin a dhèanamh. Allt Gleann na Gaoithe an toiseach. Tha sin a’ ciallachadh the burn of the glen of the wind. Anns an ath-ainm, bha am facal faing. Ann an cuid de dh’àiteachan, ’s e fang a chanas iad agus tha am facal air tighinn a-steach don Bheurla mar fank, co-dhiù ann an Alba. Faing a’ Chùirn Bhàin the fank, or sheepfold, of the white cairn. Agus, mu dheireadh, Meall Dubh na Saobhaidh: the black lump-shaped hill of the fox den.

Tha na h-ainmean-àite sin uile ann an taobh siar Rois agus, a bharrachd air beathaichean, tha mòran ainmean anns an sgìre sin co-cheangailte ri lusan is craobhan. Anns an ochdamh linn deug bha na coilltean faisg air Geàrrloch ainmeil air feadh ceann a tuath na Gàidhealtachd agus, bho àm gu àm, bhiodh eileanaich, eadhon bho na h-eileanan a-muigh, a’ dol don sgìre sin airson fiodh fhaighinn airson taighean a thogail. Cha b’ urrainn mullach a chur air taigh gun fhiodh.

Ann an seachd deug, ochdad ’s a còig (1785) no mar sin, chaidh eathar làn fhear à Mealasta ann an Sgìre Ùige, ann an taobh siar Leòdhais, gu ruige Ros an Iar airson fiodh. Bha iad a’ tilleadh, a’ dèanamh air Caolas na Hearadh, nuair a dh’èirich stoirm mhòr. B’ fheudar dhaibh coimhead airson fasgadh air cladach an ear Na Hearadh no Leòdhais. Mu dheireadh, fhuair iad air tìr ann an àite ris an canar am Bàgh Ciarach ann am fìor cheann a deas Sgìre na Pàirce ann an Leòdhas.

Chan eil duine a’ fuireach anns a’ Bhàgh Chiarach an-diugh ach, aig an àm sin, bha dhà no thrì teaghlaichean ann. Bha iad bochd agus, a rèir choltais, bha olc annta oir, an àite cobhair a dhèanamh air na maraichean, mar a dhèanadh a’ mhòr-chuid, ’s ann a mhuirt iad iad, gus am faigheadh iad greim air an cuid fiodha. A-rithist, a rèir beul-aithris, chaidh am murt le bhith air am bualadh air an cinn le clach aig bonn stocainn, agus chaidh an tiodhlacadh ann am boglach. Is thathar ag ràdh gu bheil lusan annasach air a bhith a’ fàs anns a’ bhoglach sin bhon uairsin.

Uill, cha do thill fir Mhealasta dhachaigh agus cha robh fios aig am mnàthan, thall ann an Sgìre Ùige, gu dè bh’ air tachairt dhaibh. Às dèidh greis, ghabh iad ris gu robh an eathar air a dhol fodha agus gu robh na fir uile marbh.

’S ann mar sin a bha e gu ’s t-samhradh air a’ bhliadhna às dèidh sin nuair a bha tè de na mnàthan aig fèill-sprèidh ann an Steòrnabhagh. Nise, tha dà sgeul ann mu dheidhinn na thachair. Tha cuid a’ cumail a-mach gum faca i geansaidh a rinn i fhèin airson an duine aice air fear à Sgìre na Pàirce. Tha cuid eile ag ràdh gur e gu robh cuideigin a’ reic plaidean, no plangaidean, anns an robh pìosan beaga tartain, a dhearbh dhi gur ann leis na daoine à Mealasta a bha iad.

Chan eil fhios a’m dè thachair do na murtairean. Ach uaireigin às dèidh sin, nochd fear de na mairbh, fear Donnchadh, do bhean ann an aisling, agus ghabh e òran dhi. Nuair a dhùisg i, bha an t-òran air a bilean:

’S e nighean mo ghaoil an nighean donn òg,

Nam bithinn ri a taobh, cha bhithinn fo leòn…

A bheil an sgeulachd fìor? Cò aige tha fios, ach ’s iongantach mura h-eil fìrinn air choreigin innte.

Litir 147 Litir 147 Litir 149 Litir 149

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!