An t-seachdain sa chaidh, anns na puingean-gràmair, dh’iarr mi oirbh eadar-theangachadh a dhèanamh, bho Bheurla gu Gàidhlig, air dà ainm-àite - the sea-narrows of the small anchorage agus the point of the big lump-shaped hill. Ciamar a chaidh dhuibh? An do rinn sibh an gnothach?
The sea-narrows of the small anchorage
an toiseach – Caolas na h-Acarsaid Bige, Caolas na h-Acarsaid Bige. Agus – the point of the big lump-shaped hill? Dè mu dheidhinn - Rubha
a’ Mhill Mhòir? Rubha a’ Mhill Mhòir.
Thug sinn sùil air ainm-àite no dhà anns an Litir mu dheireadh bho CD-ROM ùr air a bheil cruinneachadh de dh’ainmean à sgìre na Còigich ann an Siorrachd
Rois. Bha sinn an t-seachdain sa chaidh anns na h-Eileanan Samhraidh. An turas seo bu mhath leam coimhead air àite no dhà air tìr-mòr agus na ghabhas
ionnsachadh bhuapa mu ghràmar na Gàidhlig.
Uill, tha an CD-ROM fosgailte an-dràsta agus tha mi a’ coimhead air àite air a bheil Ceum nan Each. Ceum nan Each. Tha mi an dòchas gu bheil sibh
a’ tuigsinn gu bheil nan each a’ ciallachadh of the horses. Nuair a tha ainmear mar each ag atharrachadh gu eich anns
an tuiseal ainmneach iolra, no nominative plural, - ’s e sin le caolachadh, an àite le bhith a’ cur –an aig an deireadh, tha sin a’
ciallachadh dà rud cudthromach a thaobh gràmar. Anns a’ chiad dol a-mach, bidh buadhair a thèid leis air a shèimheachadh. Canaidh sinn eich mhòra
is eich bheaga.
Agus ’s e an dàrna riaghailt chudthromach gu bheil cruth an fhacail anns an tuiseal ghinideach iolra co-ionann ri chruth anns an tuiseal ainmneach
shingilte. Mar sin, airson the horses, canaidh sinn “na h-eich”, ach airson of the horses, canaidh sinn “nan each”. Ceum nan Each – the Path of the Horses.
Beagan gu deas air sin tha Creag nam Broc. Dè tha sin a’ ciallachadh? Creag nam Broc. Tha broc a’ ciallachadh badger. Airson a
dhèanamh iolra, bidh sinn ga chaolachadh – gu bruic. Tha na bruic a’ ciallachadh the badgers. Mar sin, tha “nam broc” a’
ciallachadh of the badgers. Creag nam Broc – the Rock of the Badgers. Chan eil fhios a’m a bheil bruic fhathast a’ fuireach ann. Tha
amharas agam nach eil.
Agus seo àite eile - Cadha nan Tòn. ’S e cadha bealach cas anns a bheil ceum, air am bi daoine a’ coiseachd. Agus – mura h-eil fios agaibh ca’ eil ur tòn,
feumaidh sibh coimhead ann am faclair! Bha Donaidh Friseal, a chruinnich na h-ainmean-àite, dhen bheachd gur e gum biodh duine buailteach tuiteam air a
thòn nuair a bhiodh e a’ dìreadh a’ chadha a bu choireach ris an ainm.
Agus seo agaibh eisimpleirean eile de dh’ainmean anns a bheil facal anns an tuiseal ghinideach iolra – Uamhag nan Gobhar (the little cave of the
goats), Glaic nan Reitheachan (the hollow of the rams), Bruthach nan Càrn (the brae of the cairns) agus Meall nam Fiadh (the
hill of the deer).
Nise, tha mi airson trì ainmean, às a CD-ROM seo, a thoirt dhuibh, ann an Gàidhlig an turas seo, agus tha mi a’ dol a dh’iarraidh oirbh eadar-theangachadh
a dhèanamh orra gu Beurla. Seo iad, ma tha: Allt Gleann na Gaoithe, Faing a’ Chùirn Bhàin, agus Meall Dubh na Saobhaidh. An do
mhothaich sibh mar a tha na h-uibhir de dh’ainmean-àite stèidhichte air beathaichean agus àiteachan far am biodh daoine a’ dèiligeadh ri beathaichean –
eich, bruic, reitheachan, caoraich, goibhrean, fèidh, sionnaich… Aaah. Mapaichean. Nach e rudan air leth a th’ annta!