Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun sgoilear ainmeil, Seòras Bochanan, a chaochail ann an Dùn Eideann ann an còig-deug, ochdad ’s a dhà
(1582). Chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh nam Manach Liath ach cha deach clach-uaighe a thogail dha oir cha robh mòran airgid aige, agus bha e airson ’s
gum biodh na bh’ aige air a chosg air daoine bochda.
Uaireigin as dèidh a bhàis, tha e coltach gun do ghabh cuideigin gnothach ri bhodhaig oir, tràth anns an t-seachdamh linn deug, bha a chlaigeann ann an
làmhan ceannard an oilthigh, an t-Urramach Iain MacAdhaimh, aig an robh spèis mhòr do Bhochanan. Agus airson bliadhnaichean mòra bha e ann am preas ann an
Roinn an Eòlais-Bhodhaig.
O chionn beagan bhliadhnaichean, chaidh an claigeann a thoirt a-mach agus rinn eòlaichean obair air mac-samhail dheth, a’ cur fèithean, fiaclan agus feusag
air gus am faighte eòlas air coltas ceann Bhochanan nuair a bha e na bhodach. Bha iad airson sin a dhèanamh leis gu bheil còig dealbhan deug dheth ann am
bith agus chan eil iad idir coltach ri chèile. Aig a’ cheann thall, cho-dhùin iad gur e an dealbh a b’ fheàrr a bh’ ann fear a rinn am Fleamach, Adrian
Keij, a th’ ann an làmhan a’ Chomainn Rìoghail.
Co-dhiù, sin mo sgeul air Seòras Bochanan. Bidh cuimhne agaibh gu bheil mi a’ dèanamh mo shlighe gu tuath air Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd. Agus
faisg air àite-breith Bhochanan ann an Srath Bhlàthain bha uaireigin caisteal air an robh Gartness Castle. Tha mi an dùil gur e a’ Ghàidhlig a bh’
air – Caisteal Gart an Eas. Aig àmannan anns an t-siathamh linn deug, tha e coltach gum biodh Iain Napier a’ fuireach anns a’ chaisteal. Bha Napier am
measg an fheadhainn a chruthaich logarithms. Gu dearbh, ’s e duine comasach a bh’ ann. Bha e na innleachdair air leth agus na fheallsanaiche.
Ach bha duilgheadas aige nuair a bha e a’ fuireach anns a’ chaisteal. Bha muileann-uisge air an abhainn ri thaobh agus dhèanadh e fuaim mòr. Uaireannan
bhiodh Napier ag òrdachadh gum biodh am muileann air a chur dheth gus am faigheadh e cothrom smaoineachadh ann an sàmhchair. Agus uaireannan, air an
oidhche, bhiodh uiread de smuaintean a’ cuairteachadh na chlaigeann ’s gum falbhadh e air a chois air bruach na h-aibhne gun dad air ach gùn-oidhche agus
bonaid.
Gu tuath air Srath Bhlàthain, tha Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd a’ dol seachad air baile beag brèagha ris an canar Drumainn. An uair sin, tha i a’
dol tarsainn cnoc air a bheil Conic Hill. Mmm. Conic Hill. Bha e iongantach dhomh gu robh ainm Beurla mar sin air cnoc ann an àrainneachd
far a bheil a’ chuid as mò aca Ceilteach – bhon Ghàidhlig no seann chànan nam Breatannach.
Choimhead mi air agus bho aon taobh dh’fhaodadh tu ràdh gu bheil cumadh faisg air cumadh còin air. Ach an ann às a sin a thàinig an t-ainm? Uill,
uaireannan gheibhear beagan fios air a leithid le bhith a’ coimhead air an àite gu dlùth. Agus bha aon rud follaiseach dhomh mu dheidhinn Conic Hill. Bha e còmhdaichte le uiread de chòinneach nach fhaca mi a-riamh cha mhòr, co-dhiù air monadh lom. Agus tha e coltach gur ann à
“còinneach” a thàinig Conic. Chan eil mi cinnteach ach ’s dòcha gur e Cnoc na Còinnich a bh’ air o thùs ann an Gàidhlig.
Air taobh thall a’ chnuic tha Loch Laomainn agus Baile Mo Thatha. Tha an sgìre seo làn ainmean co-cheangailte ri naoimh, agus bheir sinn sùil air cuid aca
an ath-sheachdain.