Nuair a bha mi ann an Uibhist turas, chuala mi beul-aithris gun robh
    uaireigin na h-eileanan ris an canar Heisgeir ceangailte ri Uibhist a
    Tuath. A-nise, tha caolas mòr ann eadar taobh an iar Uibhist a Tuath agus
    Heisgeir.
    Tha cunntas mu na h-eileanan sin aig Alasdair MacIlleMhìcheil ann an
    aithisg Choimisean Napier. Chuir e trì ainmean Gàidhlig orra – Heisgeir,
    Teisgeir agus Aoisgeir. Agus sgrìobh e gur e an treas ainm sin am fear as
ciallaiche. Aoisgeir – isthmus rock. Tha am facal    aoidh aithnichte airson tairbeart no dòirlinn.
    Sgrìobh MacIlleMhìcheil gun robh aoidh ann uaireigin a bha a’ ceangal
    Heisgeir ri Uibhist a Tuath. Mean air mhean, dh’fhalbh an talamh gu bhith
    nam fadhlaichean. Dh’fhalbh na fadhlaichean agus an uair sin bha caolas
    eu-domhainn ann (le grunnd gainmhich). Agus bha comas aig daoine ri linn
    MhicIlleMhìcheil an fheadhainn mu dheireadh a choisich a-null ʼs a-nall
    ainmeachadh – agus feadhainn a chaidh a bhàthadh air an turas a-null
    cuideachd.
    Bidh cuid de sgoilearan ainmean-àite a’ cur teagamh anns an argamaid aig
    MacIlleMhìcheil, ach cha robh an Liosach deiseil aige sin. Sgrìobh e
    cuideachd gur e aoidh bunait ainm eilein a tha cho ainmeil ri gin ann an
    Alba – Ì no Ì Chaluim Chille. Bha e dhen bheachd gur e Aoidh Chaluim Chille
    a bh’ air an eilean mar ainm aig aon àm. Bha e a’ cumail a-mach gun robh e
    follaiseach do dhuine sam bith a bheireadh sùil air gun robh Ì uaireigin
    ceangailte ri Muile, agus aoidh eatarra.
    Bhiodh e doirbh a dhol às àicheadh sin gu tur. Tha mi air seòladh dà thuras
    tro Chaolas Ì agus tha e gu math eu-domhainn, le oitirean is sruthan a
    bhios a’ gluasad fad na h-ùine oir tha an grunnd air a dhèanamh de
    ghainmheach.
    Agus tha ceangal eile ann eadar Ì agus Heisgeir. Sgrìobh MacIlleMhìcheil
    gur e fìor ainm eilean mòr Heisgeir (gu fìrinneach tha trì eileanan
    ceangailte ann a tha ceangailte ri chèile le fadhlaichean) Heisgeir nan
    Cailleach ‘Heisgeir of the Nuns’. Bha uaireigin coimhearsnachd de
    chailleachan-dubha – a bha co-cheangailte ri Eilean Ì – a’ fuireach ann. Gu
    siar air an eilean, thar caolas, tha eilean eile, far a
    bheil taigh-solais. Ged as e Siolaigh a th’ air an-diugh, ʼs e Heisgeir nam
    Manach ‘Heisgeir of the Monks’ a bh’ air uaireigin. ʼS e sin as
    coireach gur e Na h-Eileanan Monach no Monach Isles a th’ air an
    àite seo mar ainm cuideachd.
    Tha MacIlleMhìcheil ag innse seann naidheachd mu Heisgeir. Air latha
    samhraidh o chionn fhada, chaidh grunn de mhuinntir an eilein gu ruige
    Siolaigh airson caoraich a rùsgadh. Chuir na fir na boireannach air tìr ann
    an Siolaigh. Dh’fhalbh na fir an uair sin gu sgeir airson ròin a shealg.
    Ge-tà, cha do cheangail iad an eathar mar bu chòir agus dh’fhalbh i leis a’
    ghaoith ʼs leis an t-sruth.
    Cha robh bàta aig na boireannaich airson na fir a shàbhaladh agus bha a’
    mhuir a’ lìonadh. Bha na boireannaich ann an Siolaigh ag èigheachd agus
    chuala boireannach eile air Heisgeir fhèin iad. Rinn an tè sin spàirn
    airson eathar a tharraing sìos an cladach. Chuir i air bhog sa chaolas i.
    Ach cha robh i luath gu leòr. Chaidh na fir a sguabadh far na sgeire le
    tuinn mhòra a’ Chuain Siar. Bha am mnathan gan coimhead ach cha b’ urrainn
    dhaibh dad a dhèanamh airson an sàbhaladh.