Tha Oidhche Ghuy Fawkes dìreach air a dhol seachad, agus iomadh cù anns a’ bhaile agam fhìn, Inbhir Nis, a’ gabhail eagal mòr ro na cleasan-teine a thig
a-mach aig an àm seo a h-uile bliadhna. Tha sgeulachd annasach agam mu dheidhinn rudeigin car coltach ri Oidhche Ghuy Fawkes, agus cù, a thachair ann an
Inbhir Nis o chionn fhada, agus innsidh mi sin dhuibh aig deireadh na Litreach.
Bidh sibh eòlach, ’s dòcha, air a’ ghearastan, faisg air Inbhir Nis, air cladach Linne Mhoireibh, air a bheil Gearastan Deòrsa, no Fort George,
mar ainm. Nuair a thòisich an Seanailear Wade air a bhith a’ togail rathaidean air a’ Ghàidhealtachd, cha robh a leithid ann. Ach bha gearastan ann an
Inbhir Nis, far a bheil an caisteal an-diugh, air an robh “Gearastan Deòrsa”.
Bha an Seanailear Wade dhen bheachd gu robh an gearastan sin cudthromach ann a bhith a’ cumail smachd air a’ cheann a tuath agus, mar sin, chaidh na
rathaidean-airm a thog e, eadar an ceann a deas agus an ceann a tuath, a dh’ionnsaigh Inbhir Nis. Eadar Dùn Chailleann agus Inbhir Nis. Eadar Inbhir Nis
agus Cille Chuimein, agus eadar Cille Chuimein agus an dà chuid, Gearastan Inbhir Lòchaidh agus Gearastan Bheàrnaraigh ann an Gleann Eilg, air a’ chost’ an
iar.
Bha mi a-muigh an là eile, air là ciùin foghair, le dathan àlainn air na craobhan, air pìos de rathad a thog Wade ann an Srath Spè. Airson còrr is ochd
mìle, faodaidh duine coiseachd air an t-seann rathad gun a dhol ro fhaisg air an A9, an rathad mòr ùr. Agus chithear seann drochaidean fhathast a bh’ air
an togail le Wade no leis an fheadhainn a lean air anns an ochdamh linn deug. Tha iad gu math brèagha. Tha fhios nach robh iad a’ coimhead cho brèagha sin,
ge-tà, do na Gàidheil nuair a chaidh an togail, oir ’s e am prìomh adhbhar a bh’ air an cùlaibh, smachd a chumail air muinntir an àite, is saighdearan is
armachd a ghluasad orra.
Saoilidh mi gu bheil e rudeigin ìoranta gu robh na rathaidean sin na chuideachadh do dh’arm nan Seumasach ann am Bliadhna a’ Phrionnsa. Leig na rathaidean
le saighdearan a’ Phrionnsa gluasad gu luath bhon iar-thuath don cheann a deas. Agus leig iad leotha tilleadh don cheann a tuath tràth sa bhliadhna, seachd
deug, ceathrad ’s a sia (1746).
Nuair a ràinig iad Inbhir Nis bha Gearastan Deòrsa fhathast ann an làmhan nan Hanoibhèirianach. Ghèill iad do na Seumasaich agus cho-dhùin am Prionnsa
Teàrlach gum b’ fheàrr leis an togalach a sgrios gus nach fhaigheadh an riaghaltas cothrom a chleachdadh a-rithist.
’S e oifigear Frangach a bha os cionn an spreadhaidh. Chuir e teine thuige agus dh’fhan e pìos beag air falbh. Às dèidh greis, bha e a’ smaoineachadh nach
robh cùisean a’ dol ro mhath agus chaidh e a dh’ionnsaigh a’ chaisteil airson an cur ceart, airson am fùdar a lasadh a-rithist. Chaidh a chù cuide ris.
Nuair a bha e cha mhòr aig an togalach, spreadh e agus chaidh am Frangach a shadail suas anns an adhar cho fada ’s gun tàinig e gu tìr, no gun tàinig a
chorp loisgte gu tìr, trì cheud slat air falbh, air taobh thall na h-aibhne.
B’ e sin deireadh Gearastan Deòrsa, agus deireadh an oifigeir Fhrangaich. Ach an cù? Uill, bha esan fhathast beò as dèidh a thurais san adhar thairis air
Abhainn Nis. Ach chaill e earball. Is iongantach mura chaill e, mar a chailleas mòran chon air Oidhche Ghuy Fawkes, beagan de chuid mhisneachd cuideachd.