FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seòras Wade

Bidh fios agaibh gu bheil mòran daoine ann an Alba

Audio is playing in pop-over.

Seòras Wade

Bidh fios agaibh gu bheil mòran daoine ann an Alba nach eil uabhasach dèidheil air laoidh nàiseanta Bhreatainn, “God Save the Queen” no “God Save the King” mar a bh’ ann an toiseach. Tha diofar adhbharan ann airson sin ach, nam measg, tha gu robh an t-òran gu math trom air muinntir na h-Alba nuair a thàinig a’ chiad iris dheth a-mach ann an clò anns an Dàmhair, seachd deug, ceathrad ’s a còig (1745).

Seo ceithir loighnichean às aon rann dhen òran:

May he sedition hush

And like a torrent rush

Rebellious Scots to crush,

God Save the King!

Is math nach eil iad a’ seinn sin nuair a bhuainnicheas Breatainn bonn òir aig na geamannan Oilimpigeach!

Ach cò “he” – cò e – anns an òran – am fear a tha a’ dol a dhèanamh sgrios air na reubaltaich Albannach? ’S e a bh’ ann, fear a dh’fhàg dìleab mhòr as a dhèidh air a’ Ghàidhealtachd. Fear le ainm a tha aithnichte don mhòr-chuid fhathast an-diugh – an Seanailear Wade. Ann am Bliadhna a’ Phrionnsa, bha e os cionn an airm ann an Sasainn agus seo mar a nochdas e ann an laoidh nàiseanta Bhreatainn, anns na trì loighnichean ro na ceithir shuas:

God grant that Marshal Wade

May by Thy mighty aid

Victory bring….

Rugadh Seòras Wade ann an Eirinn. Thathar ag ràdh gum b’ esan a’ chiad Eireannach, am measg mhìltean, a thog rathaidean ann an Alba thairis air an dà cheud gu leth bliadhna a dh’fhalbh. Cha b’ e einsinìr a bh’ ann, ge-tà, ach saighdear. Cha robh e fiù ’s fichead bliadhna a dh’aois nuair a chaidh e an sàs ann an cogadh an toiseach, ann an arm Bhreatainn, ann am Flànras agus anns an Spàinnt. Ràinig e ìre Mhaidseir-Seanaileir agus bha e an sàs ann a bhith a’ cumail sùil air Seumasaich ann an Sasainn ann an seachd deug is còig-deug (1715) nuair a bha ar-a-mach ann an Alba. Ann an seachd deug, fichead ’s a dhà (1722), chaidh a thaghadh mar bhall pàrlamaid airson Bath.

Ach dà bhliadhna às dèidh sin, dh’iarr an Rìgh, Deòrsa a h-aon, air dhol chun na Gàidhealtachd airson sùil a thoirt air suidheachadh muinntir an àite. Bha Mac Shimidh, ceann-cinnidh nam Frisealach, air innse don riaghaltas gu robh mòran ann a bha gu math mì-thoilichte agus a dh’fhaodadh a bhith na chunnart don rìoghachd. Na aithisg, sgrìobh Wade gu robh faisg air dusan mìle duine air a’ Ghàidhealtachd a bha deiseil airson sabaid as leth mac Rìgh Sheumais a Seachd, Seumas Stiùbhart, athair a’ Phrionnsa Theàrlaich. Cha robh ann an Teàrlach aig an àm sin ach leanabh beag.

Bha Wade mothachail don t-suidheachadh dhoirbh anns a bheil saighdearan ann an dùthaich gharbh far nach eil rathaidean no drochaidean, agus far a bheil eòlas fada nas fheàrr air cumadh na tìre aig an fheadhainn a bhuineas don dùthaich. Bha e cuideachd mothachail don duilgheadas a bh’ aig an arm ann a bhith a’ gluasad saighdearan is armachd is biadh is eile eadar na ceithir gearastanan a chaidh a thogail air a’ Ghàidhealtachd às dèidh an ar-a-mach anns a’ bhliadhna còig-deug. B’ iad sin an fheadhainn aig Cille Chuimein, Loch Laomainn, Gleann Eilg agus aig Ruadhainn, faisg air Cinn a’ Ghiuthsaich.

Ach tha aon rud annasach mu dheidhinn aithisg Wade. Cha do mhol e gum biodh rathaidean air an togail gu maith an airm no gun dèanadh e fhèin càil dhen t-seòrsa. A dh’aindeoin sin, ge-tà, cha b’ fhada gus an robh e air ais air a’ Ghàidhealtachd, a’ dèanamh sin. Bheir sinn sùil air cuid de na rinn e an ath-sheachdain.

Litir 125 Litir 125 Litir 127 Litir 127

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!