O chionn ceithir bliadhna, bha mi an sàs ann an leabhar iongantach. Bha mi nam dheasaiche don phròiseact. ’S e ainm an leabhair ‘Bho Bheul an Eòin’ agus tha e mu dheidhinn ainmhidhean is lusan a th’ air ùr-nochdadh ann an Alba anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh. Tha an leabhar dà-chànanach – Gàidhlig is Beurla – agus bha againn ri ainmean Gàidhlig a chruthachadh do na gnèithean ‘ùra’ ann.
’S e an neach-ealain Ruairidh MacDhonnchaidh – aig a bheil Gàidhlig – a bh’ air cùl a’ phròiseict. Tha sgilean air leth aig Ruairidh ann a bhith a’ peantadh ìomhaighean nàdair, gu sònraichte eòin.
Aig toiseach an t-samhraidh, chuir mi an leabhar gu feum, mar nach do chuir roimhe, oir nochd sgaoth de sheilleanan-mòra aig ceann an taigh agam. Bha iad a’ coimhead airson cothrom neadachaidh. Agus bha iad a’ rùrachd far a bheil mullach an taighe agus an guitear a’ tighinn còmhla.
Bho gu h-ìosal, bha e doirbh dèanamh a-mach dè an gnè a bh’ ann. Le soilleireachd an adhair air an cùlaibh, cha robh mi a’ faicinn nan dathan orra. Aig an fhìor thoiseach bha iomagain orm gur e speachan a bh’ annta.
Gu fortanach, ge-tà, thuig mi an dèidh greis nach e speachan a bh’ annta idir, ach seilleanan de sheòrsa air choreigin. Ach dè an seòrsa? Leis an fhìrinn innse, cha robh mi air a leithid fhaicinn riamh roimhe. Bha iad na bu mhotha na seilleanan-meala. Bha iad dorch. Ach bha an cinn ruadh agus bha an earbaill bàn.
Bha iad na bu choltaiche ri nàdar de sheillean-mòr no bumblebee seach seillean-meala. Ach bha iad a’ sgaothachadh. Cha bhi seilleanan-mòra a’ dèanamh a leithid, am bi?
An uair sin thog mi an leabhar ‘Bho Bheul an Eòin’ far nan sgeilpichean agam. Agus, an sin, leugh mi mu sheillean ‘ùr’ ris an canar an Seillean-mòr Craoibhe no Tree Bumblebee. ’S e sin a bh’ agam aig an taigh.
Ràinig an seillean seo Breatainn ann an dà mhìle ’s a h-aon (2001) agus ràinig e Alba dusan bliadhna an dèidh sin. Le blàthachadh na Cruinne, tha e a’ sìor sgapadh agus tha e a-nise ri lorg ann an dùthchannan eile cho fada tuath ris a’ Chearcall Artach.
Gu nàdarrach, bidh an gnè seo a’ neadachadh ann an tuill ann an craobhan. Ach tha seo sgrìobhte mu deidhinn an neadachaidh anns an leabhar aig Ruairidh MacDhonnchaidh – ‘... ’s fheàrr leotha rudan a thog mac an duine (leithid bùird-eun, mullaichean [seadh!] agus beàrnan ann an togalaichean), agus tha iad rim faighinn fiù ’s anns a’ mhothtan am broinn fosglaidhean thiormadairean-aodaich.’
Ged a bha mi fo iomagain mun deidhinn anns a’ chiad dol a-mach, chan eil a-nise. Tha an cunntas aig Ruairidh ag innse dhomh nach mair nead ro fhada. Bidh e a’ tighinn gu ceann aig deireadh an t-samhraidh nuair a dh’fhalbhas a’ bhanrigh gu àite eile. Bidh a’ cholonaidh a’ faighinn bàs an uair sin.
Agus aon rud eile mun t-seillean seo. Eucoltach ri seilleanan-meala, cha bhi iad a’ sgobadh. Chan eil cunnart ann bhuapa. Agus, a bharrachd air sin, bha iad trang trang fad an t-samhraidh le bhith a’ poileanachadh nam flùraichean anns an leas agam.