FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Aibhnichean Naomha

Tha na Gàidheil – agus feadhainn aig a bheil ùidh ann an ainmean-àite – air a bhith a’ comharrachadh beatha sàr-sgoileir am-bliadhna.

Audio is playing in pop-over.

Aibhnichean Naomha

Bha mi ag innse dhuibh mun t-sàr-sgoilear Uilleam MacBhatair no William J. Watson. Chaidh an leabhar aige ‘The History of the Celtic Place-Names of Scotland’ fhoillseachadh ann an naoi ceud deug, fichead ’s a sia (1926). Anns a’ chaibideil aige mu ainmean aibhnichean, sgrìobh e tòrr rudan inntinneach mu na pearsaichean a bha co-cheangailte ri uisge ann an saoghal nan seann Cheilteach.

Tha dà earrainn anns an t-seann leabhar Vita Sancti Columbae – Beatha Chaluim Chille – a tha ag innse dhuinn gun robh uisge coisrigte – co-dhiù ann an seadh pàganach – do na Cruithnich. Chuala Calum Cille mu fhuaran a bha naomh dhaibh agus dha robh an sluagh ag adhradh. Agus tha iomradh air abhainn air an robh Nigra Dea ann an Laidinn – a’ ciallachadh ‘A’ Bhan-dia Dhubh’.

Tha MacBhatair ag innse dhuinn gun robh aibhnichean naomh do na Ceiltich air tìr-mòr na Roinn-Eòrpa. Tha sin air a dhearbhadh leis na h-ainmean aibhnichean a tha a’ crìochnachadh ann an – ona. ’S iad eisimpleirean Damona, Nemetona, Ritona agus Axona. Lean a leithid de shealladh air na h-aibhnichean eadhon an dèidh do Chrìosdachd tighinn do na dùthchannan sin.

Tha MacBhatair a’ toirt sùil air na creutairean ‘os-nàdarrach’ a tha ceangailte ri aibhnichean ann an Alba. Tha e ag innse dhuinn mu ‘river sprite’ a bha a’ fuireach ann an Gleann Cuaich ann an Siorrachd Inbhir Nis; b’ e a h-ainm Cuachag.

Agus ann an Gleann Èite bha creutair os-nàdarrach ann. B’ ise Èiteag. Tha MacBhatair a’ sgrìobhadh gun robh e eòlach air fear a bha eòlach air fear a bh’ air tachairt ri Èiteag.

Sgrìobh an sgoilear Ceilteach, Seòras MacEanraig, gun robh abairt aig Gàidheil ann an Srath Spè mu Uisge Neithich. Nuair a bha i a’ sìor lìonadh, agus tuil gu bhith ann, chanadh na daoine, ‘tha na Neithichean a’ tighinn’ (the Nethy sprites are coming).

Agus, ann am Beinn nam Fadhla, tha allt ann air an robh A’ Ghamhnach ‘the farrow cow’ mar ainm. Nuair a bha daoine a’ dol tarsainn an uillt, bhiodh iad a’ tilgeil sop feòir don uisge, agus a’ cantainn ‘fodar don Ghamhnaich’ (fodder for the Gamhnach).

Agus tha e ag innse dhuinn mu na h-ùruisgean ann am Braghad Albainn – creutairean a bha car coltach ri daoine agus a bha a’ fuireach faisg air uillt agus àthannan. B’ e am fear a b’ ainmeile dhiubh Peallaidh a thug ainm do dh’Obar Pheallaidh ann an Siorrachd Pheairt. Sin Aberfeldy ann am Beurla.

Cha robh Peallaidh a’ fuireach a-mhàin ann an Obar Pheallaidh, ge-tà. Chithear a lorg-coise air clach ann an Gleann Lìomhann – rud ris an canar ‘Caslorg Pheallaidh’.

Agus, mu dheireadh, tha aithris aig MacBhatair mu Chailleach na h-Abhann no ‘the river hag’ ann an Siorrachd Rois. Bha ise beò aig na h-àthannan air Abhainn Orthainn – àite a bha cunnartach airson a dhol a-null anns an t-seann aimsir. Tha MacBhatair dhen bheachd gun tàinig Orthainn math dh’fhaodte bhon t-seann Cheilteis Orotona – le ‘ona’ aig an deireadh. Tha naomhachd co-cheangailte ri uillt is aibhnichean na h-Alba.

Litir 1416 Litir 1416

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!