Bha mi a’ bruidhinn mu dheidhinn tràilleachd agus mar a phòs fir às a’
    Ghàidhealtachd boireannaich dhubha – cuid dhiubh nan tràillean – anns na
    h-Innseachan an Iar. Chaidh corra duine cloinne aca a chur chun na
    Gàidhealtachd airson an cuid foghlaim. Mar sin, bha clann dubha ann an
    sgoiltean air a’ Ghàidhealtachd tràth anns an naoidheamh linn deug.
    Tha deagh eachdraidh agus droch eachdraidh aig Alba ann an co-cheangal ri
tràilleachd. Rinn cuid de dh’Albannaich coiteachadh    an aghaidh a leithid. Ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs
    a h-ochd (1778) rinneadh mì-laghail e a bhith a’ cumail tràill ann an Alba.
    Rinn Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte mì-laghail e a bhith a’ reic no a’
    ceannach thràillean air feadh na h-Ìmpireachd ann an ochd ceud deug ʼs a
    seachd (1807).
    Ach cha do chuir sin stad sa mhionaid air cumail
    thràillean. Cha do thachair sin gu ochd ceud deug, trithead ʼs a trì
    (1833). An uair sin, phàigh an Riaghaltas fichead millean not don
    fheadhainn a chaill an cuid thràillean mar airgead dìolaidh. Bha na ceudan
    dhiubh às Alba.
    Bha Albannaich am measg nan uachdaran a bu bhrùideile aig an robh tràillean
    ann an Iameuga. Bha an treas cuid de thràillean ann an Iameuga air
oighreachdan a bha le Albannaich. Bha eadhon am fear a sgrìobh ‘    A Man’s a Man for A’ That’ – òran ainmeil mu cho-ionannachd – a’
    beachdachadh air a dhol a-null mar oifigear air tuathanas-siùcair ann an
    Iameuga far an robh tràillean. Tha mi a’ ciallachadh – tuigidh sibh –
    Raibeart Burns.
    Ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a trì (1843), rugadh eaglais ùr ann an
    Alba – An Eaglais Shaor. Bha i ann an suidheachadh duilich oir bha mòran
    uachdaran fada na h-aghaidh. Bha i gann de dh’airgead agus chaidh
    teachdairean a dh’Ameireagaidh airson airgead a thogail dhi. Am measg na
    thàinig air ais a dh’Alba mar thaic, bha airgead à feadhainn a bha fhathast
    a’ cumail thràillean anns na stàitean sa cheann a deas.
    Cha b’ fhada gus an robh an Eaglais Shaor ann am meadhan connspaid mun
    airgead a fhuair i. Ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1846) thàinig
    tràill ainmeil air turas a dh’Alba. A rèir an lagh, bha Frederick Douglass
    fhathast na thràill. Bha e air teicheadh gu a shaorsa anns a’ cheann a
    tuath de na Stàitean Aonaichte. Chuir e seachad dà bhliadhna ann am
    Breatainn is Èirinn, a’ toirt òraidean mu thràilleachd.
    Bha Douglass dhen bheachd gum b’ e Dùn Èideann am baile a bu bhrèagha a
    chunnaic e riamh. Bha e air a dhòigh ann an Alba oir cha robh daoine a’
    dèanamh dì-meas air air sàillibh dath a chraicinn. Bha a h-uile càil
    fosgailte dha agus bha daoine a’ toirt urram dha.
    Ach bhruidhinn e a-mach gu làidir mun airgead a bha an Eaglais Shaor a’
    gabhail. Bha daoine aig na coinneamhan aige ag èigheachd ‘Cuiribh an
    t-Airgead Air Ais!’ Dhìon an Eaglais i fhèin, ag ràdh, nam biodh daoine
    airson a bhith a’ seachnadh airgead à tràilleachd, nach cuireadh iad aodach
    cotain orra, nach itheadh iad rus ʼs nach smocadh iad tombaca oir bha iad
    uile air an dèanamh le tràillean. Agus cha tug iad an t-airgead air ais.
    Thàinig aon rud math às an deasbad, ge-tà – taic airson na h-iomairt aig
    Frederick Douglass an aghaidh tràilleachd. Mar sin leibh an-dràsta.