Tha mi airson innse dhuibh mu fhear a tha ainmeil ann an eachdraidh na
h-Alba. Tha mi a’ dol a thoirt tuairisgeul dheth dhuibh. Agus tha mi an
dòchas gum bi beachd agaibh cò th’ ann. Chaidh an tuairisgeul a sgrìobhadh
ann an Gàidhlig anns a’ bhliadhna ochd ceud deug, seasgad ʼs a seachd
(1867). Seo na sgrìobh an t-ùghdar – air a chur gu Gàidhlig an latha
an-diugh. ‘Bu duine neo-chumanta calm’ e. Ann am pearsa, garbh-chnàmhach;
aghaidh fhada shoilleir; falt soilleir donn; sùilean soilleir
geur-sheallach, sgor air taobh clì na smiogaid, coltas a ghnùis
smuaireanach, dubhach.’
ʼS e ‘duine sònraichte’ a bh’ ann. ʼS e ‘garg-churaidh’ a bh’ ann. Bha e
‘air a dhùsgadh suas mar leòmhann ... a rùnaich, le co-chuideachadh a
luchd-dùthcha, gun rotadh e mach, aig roinn na beugaileid, a h-uile
Sasannach a bha eadar ceann a tuath agus ceann a deas na h-Alba.’
Tuigidh sibh gun robh an duine beò o chionn fhada – o chionn còrr is seachd
ceud bliadhna. Cò bh’ ann ach Uilleam Uallas. Tha mi cinnteach gun cuala
sibh ainm. Bha e an sàs gu mòr ann an cogaidhean neo-eisimeileachd na
h-Alba.
Tha an cunntas anns an leabhar ‘Eachdraidh na h-Alba’. B’ e ùghdar an
leabhair Aonghas MacCoinnich à Geàrrloch. Bha e inntinneach dhomh gun do
sgrìobh e gun robh coltas gnùis Uilleim Uallais ‘smuaireanach, dubhach’. Dejected and gloomy. Smuaireanach, dubhach. ʼS dòcha, leis mar a
bha cùisean ann an Alba aig an àm, gun robh gu leòr ann a dhèanadh e
smuaireanach agus dubhach.
An do thuig sibh an còrr dhen tuairisgeul dheth? Bha e neo-chumanta calma. He was unusually brave. Bha e neo-chumanta calma. Bha e
garbh-chnàmhach. Gu litreachail, ‘he was rough-boned’, a’
ciallachadh ‘heavy boned’, tha mi cinnteach. Bha falt soilleir
donn aige, agus sùilean soilleir geur-sheallach. He had light-brown hair; his eyes were bright and sharp-sighted.
Agus bha sgor air taobh clì na smiogaid. There was a gash on the left side of the chin.
Chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach gu bheil an fhìrinn ghlan againn mu
Uilleam Uallas. Tha tòrr dhen fhiosrachadh againn a’ tighinn bho dhàn a
dh’fhàg am bàrd Eanraig Dall. Sgrìobh e sin faisg air dà cheud bliadhna an
dèidh bàs Uallais. Agus tha gu leòr ann a tha dhen bheachd nach e an
fhìrinn a bh’ aige.
Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh naidheachd no dhà mu dheidhinn Uilleim
Uallais on leabhar aig Aonghas MacCoinnich. Co-dhiù tha iad a’ riochdachadh na fìrinn gus nach eil,
chan eil mi cinnteach.
Rugadh Uilleam timcheall na bliadhna dà cheud deug is seachdad (1270). Aig
an àm sin, bha Alasdair III air an rìgh-chathair. Nuair a bha Uilleam na
dheugaire, thuit an rìgh far muin-eich agus chaochail e. B’ i oighre a’
chrùin Mairead, a’ Mhaighdean Lochlannach. B’ ise ban-ogha Alasdair.
Ge-tà, bha Mairead na pàiste, agus bha i a’ fuireach ann an Nirribhidh.
Chaidh buidheann a chur air chois airson Alba a riaghladh anns an eadar-àm. Nuair a chaidh Mairead a dh’Alba,
dh’fhàs i tinn air an turas. Chaochail i ann an Arcaibh. Bha Alba a-nise
gun rìgh no banrigh. Bha Uilleam Uallas mu fhichead bliadhna a dh’aois.
Innsidh mi tuilleadh mu dheidhinn an-ath-sheachdain.