FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Gille Beag agus an t-uaireadair

Bidh sibh eòlach air an fhealla-dhà a tha a’ dol

Audio is playing in pop-over.

An Gille Beag agus an t-uaireadair

Bidh sibh eòlach air an fhealla-dhà a tha a’ dol rudeigin mar seo, agus duine a’ bruidhinn ris a’ ghille aige: “Dè an uair a tha e?”

“Chan eil fhios a’m.”

“Uill, dè tha d’ uaireadair ag ràdh?”

“Chan eil càil, ach tuig, tuig, tuig!”

Agus tha sin gam thoirt gu rann mu dheidhinn uaireadair. An robh fios agaibh gu bheil uaireadairean air feadh an t-saoghail a’ labhairt ann an Gàidhlig? Agus tha an rann seo ga dhearbhadh. ’S e an t-ainm a th’ air – “An Gille Beag agus an t-uaireadair”:

Tha uaireadair aig m’ athair-sa

’S chan fhacas riamh na thàmh e.

Cha tèid fois neo fosadh air

A sheachdain neo a Shàbaid.

Nuair chuireas mi rim chluais e,

Feuch dè tha e ag ràdh rium,

Canaidh e rium gu sgiobalta,

“An tuig, an tuig, an tuig thu mi?

An tuig, an tuig, an tuig thu mi,

An tuig, an tuig, an tuig thu mi,

An tuig thu nis mo chànan?

’Ille bhig, an tuig thu mi?

An tuig thu nise idir mi?

’Ille bhig, an tuig thu mi?

’S mi labhairt anns a’ Ghàidhlig.”

An sin gu clis, canaidh mise ris,

“Tha fhios gu math gun tuig mi thu,

Gun tuig, gun tuig, gun tuig mi thu,

Tha fhios gu math gun tuig mi thu,

’S tu labhairt anns a’ Ghàidhlig.”

Sin rann a dh’fhaodadh sibh cleachdadh le clann, a chòrdadh riutha, chanainn. Agus mus fhàg sinn am facal tuig, tha deasbad ann am measg sgoilearan air co-dhiù chaidh e a-steach don Bheurla gus nach deach. Ma chaidh, ’s ann ann an dreach gu math faisg air a’ Ghàidhlig a nochdas e ann am Beurla an-diugh, agus le ciall a tha fhathast gu math faisg air a’ Ghàidhlig thùsail. A bheil fios agaibh dè am facal a th’ ann? Have you twigged yet?

Seadh, sin e – twig, a’ ciallachadh – tuigsinn. Tha feadhainn dhen bheachd gur ann às Gàidhlig na h-Èireann a chaidh e a-null, ach tha am faclair Collins agam a’ dèanamh dheth gur e as coltaiche gun deach e a-steach don Bheurla bho Ghàidhlig na h-Alba – bhon fhacal tuig – anns an ochdamh linn deug.

Agus seo tòimhseachan a tha co-cheangailte ris an rann gu h-àrd ann an dòigh. “Ciamar a tha coltas nàrach air uaireadair?” Ciamar a tha coltas nàrach air uaireadair? Uill, tha a dhà làimh an-còmhnaidh air aodann. Dìreach mar a tha cuideigin a tha nàraichte.

Bha mi ag èisteachd ri fear air an rèidio an là eile. ’S ann à Leòdhas a bha e bho thùs, ach tha e air a bhith a’ fuireach anns na h-Eileananan mu Dheas airson bliadhnaichean agus, nuair a chaidh ceist a chur air mu dheidhinn cho fada ’s a bheireadh e ann an càr eadar dà àite, thuirt e rudeigin mar “dà uair an uaireadair”, a’ ciallachadh “two hours duration”. Shaoil mi rium fhìn gu robh sin a’ sealltainn gu bheil e a’ bruidhinn uiread Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd sa bheil e a’ fuireach, gu bheil e air cainnt nan Eilean mu Dheas a thogail gu ìre mhath. Chan e droch rud a tha sin idir.

Ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd, agus ann an ceann a tuath nan Eilean Siar, canaidh daoine, mar as trice, an àite “uair an uaireadair”, “uair a thìde”. Airson luchd-ionnsachaidh, chan eil e gu diofar dè chanas sibh – tha an dàrna fear a cheart cho math ris an fhear eile. Agus seo ceist dhuibh – dè bhios a’ tachairt an ceann ceud, seasgad ’s a h-ochd (168) uairean a thìde? Uill, bidh mise air ais an uair sin leis an ath Litir do Luchd Ionnsachaidh! Beannachd leibh.

Litir 113 Litir 113 Litir 115 Litir 115

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!