FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (3)

Tha mi a’ leantainn leis an sgeulachd An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh. ‘An do rinn thu na mi dh’iarr mi ort leis na famhairean?’ dh’fhaighnich an seann duine – a bh’ ann an riochd eich.

Audio is playing in pop-over.

An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (3)

Tha mi a’ leantainn leis an sgeulachd An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh. ‘An do rinn thu na mi dh’iarr mi ort leis na famhairean?’ dh’fhaighnich an seann duine – a bh’ ann an riochd eich.

‘Rinn,’ fhreagair Iain.

‘Leum air mo mhuin,’ ars an t-each.

Dh’fhalbh iad agus ràinig iad loch. ‘Thalla don tràigh an sin,’ thuirt an t-each. ‘Tha iasg mòr oirre, air talamh tioram. Cuir a-mach don loch e. Can ris gu bheil thu an dòchas gun cuimhnich e thu.’

Rinn Iain sin agus thill e far an robh an t-each. ‘An do rinn thu mar a dh’iarr mi ort?’ dh’fhaighnich an t-each.

‘Rinn,’ thuirt Iain. ‘Thuirt an t-iasg gun cuimhnicheadh e mi.’

Dh’fhalbh iad a-rithist agus ràinig iad caisteal pràise. ‘Thalla don chaisteal,’ thuirt an t-each. ‘Chì thu seòmraichean làn òir is airgid. Na bean ri dad a chì thu ann.’

Chaidh Iain don chaisteal agus chunnaic e na seòmraichean a bha làn òir is airgid. Air an rathad a-mach, chunnaic e pasg de dh’itean geòidh. Shaoil e gun toireadh e tè de na h-itean leis airson peann a dhèanamh.

Nuair a thill e, thuirt an t-each ris, ‘Cha do bhean thu ri dad, Iain ... cha tug thu dad leat ...?’

‘Cha tug,’ dhearbh Iain. Leum e air muin an eich agus chaidh iad gu lùchairt Rìgh.

‘Thalla a-steach,’ thuirt an t-each. ‘Faighnich dhen Rìgh a bheil e ag iarraidh clèireach.’ Chaidh Iain a-steach. Fhuair e a-mach gun robhar a’ sireadh clèireach a bhiodh ag obair fo stiùir àrd-chlèireach. Dh’aontaich am bodach gun gabhadh Iain an obair. ‘Ma thig èiginn ort, ge-tà,’ thuirt e, ‘cuimhnich orm agus thig mi far am bi thu.’

Thòisich Iain air obair fo stiùir an àrd-chlèirich. Cha do chòrd na pinn a bh’ aca ris. Chuimhnich e gun tug e ite leis bhon chaisteal phràise. Rinn e peann dhith. Bha e a’ sgrìobhadh ann an dòigh shnasail, iongantach. Cha do chòrd an sgrìobhadh math sin ris an àrd-chlèireach. Bha an t-eagal air gum faigheadh Iain a bhith os a chionn fhèin.

Latha a bha seo, nuair a bha Iain a-muigh, dh’fheuch an t-àrd-chlèireach am peann. Bha an sgrìobhadh aige cho math ri sgrìobhadh Iain! Dh’inns e don Rìgh mu dheidhinn. Dh’fheuch an Rìgh am peann agus bha an sgrìobhadh aige fhèin cho snasail ris an dithis eile. Chuir e fios air Iain. Thuirt e ris, ‘Càit an d’ fhuair thu am peann agad?’

‘Anns a’ chaisteal phràise,’ fhreagair Iain.

‘Aha!’ ars an Rìgh. ‘Thalla is thoir baintighearna a’ chaisteil phràise an seo. Tha mi airson a pòsadh.’

‘Chan urrainn dhomh,’ ars Iain.

‘Feumaidh tu,’ dhearbh an Rìgh. ‘No thèid do chrochadh.’

Chaidh Iain do a sheòmar fhèin agus thòisich e air caoineadh. Thuirt e ris fhèin, ‘Bhiodh e math nam biodh an seann duine liath an seo!’

Thàinig an seann duine. ‘Dè tha a’ cur ort?’ dh’fhaighnich e. Mhìnich Iain an suidheachadh dha. ‘Cuiridh mi geall gun do bhean thu ri rudeigin sa chaisteal phràise,’ thuirt am bodach.

‘Dìreach ite. Sin uile.’ Thug am bodach trod dha. An uair sin, leum Iain air a mhuin agus dh’fhalbh iad. Ràinig iad cladach. Chunnaic iad an caisteal pràise air taobh thall caolais. Agus chì sinn dè thachair an uair sin an-ath-sheachdain.

Litir 1195 Litir 1195 Litir 1197 Litir 1197

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!