Bha mi ag innse dhuibh mu Uilleam Maxwell, am ‘Breabadair Teine’. Bha e a’ fuireach air a’ Chomraich. Bha cuid dhen bheachd gum b’ esan am murtair Uilleam Hare fo ainm eile.
Tha eachdraiche le eòlas math air an sgìre air a bhith a’ toirt sùil gheur air an fhianais, agus air na clàran eachdraidheil. Is esan Ailean MacGillÌosa. Buinidh e don Chomraich agus tha e a’ fuireach ann.
Tha Ailean air cunntas sgrìobhte mun chùis a lorg, a nochd ann an clò anns an ‘Highland News’ ann an naoi ceud deug ’s a trì (1903). Bha sin na bu lugha na ceathrad bliadhna an dèidh bàs Mhaxwell. Ach chan eil an sgrìobhadair ag ainmeachadh Mhaxwell.
Tha Uilleam Maxwell a’ nochdadh anns a’ chunntas-sluaigh air a’ Chomraich ann an ochd ceud deug, caogad ’s a h-aon (1851). Bha sin còrr is fichead bliadhna an dèidh do Hare a bhith ri murt ann an Dùn Èideann.
Bha Maxwell pòsta aig tè Màiri. Bha ceathrar chloinne aca. Rugadh an leanabh a b’ òige aca air a’ Chomraich. Ach rugadh an fheadhainn eile ann an Gleann Eilg no Cnòideart.
Fhuair Ailean a-mach gun robh Maxwell na Èireannach, a rugadh ann an soitheach aig muir – am badeigin anns a’ Chuan Siar. Bha athair na mharaiche. Phòs Uilleam tè Mairead Blue, a rugadh ann an Èirinn. Ghluais iad, leis na nigheanan aca, a Chinn Tìre ann an Alba. Bha sin aig deireadh nan tritheadan. Tha e a’ coimhead coltach gun robh Maxwell a’ fuireach ann an Èirinn nuair a bha Hare ann an Dùn Èideann. Tuigidh sibh gu bheil Ailean dhen bheachd nach e an aon duine a bh’ annta.
Bha Uilleam na bhreabadair ach bha iad bochd. Bha e fhèin agus tè de na nigheanan aige an sàs ann an eucoir agus chuir iad seachad ùine anns a’ phrìosan. Fhad ’s a bha Uilleam anns a’ phrìosan, bha an còrr de a theaghlach a’ fuireach ann an Ceann Loch Cille Chiarain.
Cha do mhair am pòsadh eadar Uilleam agus Mairead. Nuair a nochdas Maxwell air a’ Chomraich, tha bean ùr aige – Màiri Mhaitland a bhuineadh do Cheann Loch Cille Chiarain. Bha iad a’ fuireach ann an Cnòideart no Gleann Eilg mus deach iad don Chomraich. Bha Mairead fhathast a’ fuireach ann an Ceann Loch Cille Chiarain agus fhathast fon ainm Maxwell. Bha i a’ cumail a-mach gur e banntrach a bh’ innte ged a bha an duine aice fhathast beò. Chan eil e soilleir an robh gin de na pòsaidhean aig Maxwell oifigeil, a rèir an lagh.
Bha nighean Uilleim, Maria Maxwell, a’ fuireach air a’ Chomraich. Bha mac-dìolain aice dom b’ ainm Iain. Thathar ag ràdh gum b’ e athair fear a bha ag obair anns an taigh-mhòr, ach chan eil ainm air a theisteanas-bhreith.
Phòs Maria fear Uilleam Norris agus chaidh iad a dh’fhuireach ann an Siorrachd Obar Dheathain faisg air Ceann Phàdraig. Mu dheireadh, an dèidh bàs Uilleim air a’ Chomraich, ghluais a h-uile duine dhen teaghlach a Shiorrachd Obar Dheathain. Chaidh Uilleam a thiodhlacadh ann an uaigh neo-chomharraichte ann an Cladh a’ Chlachain air a’ Chomraich.
Tha Ailean MacGillÌosa dhen bheachd, le cinnt, nach e Hare a bh’ ann an Maxwell. B’ e Maxwell am Breabadair Teine ach cha b’ e am murtair droch-chliùiteach a bha a’ reic chorp don lannsair Raibeart Knox.